Leabhar Sheirbheisean: Seirbheisean na Sàbaid

Faodar òrdagh-sheirbheir mar seo a chleachdadh aig adhradh maidne no air an oidhche.

1. Bheirear Bìoball na cùbaid a-steach don eaglais.  

2. Gairm gu adhradh
   
Abradh am ministear:
Dèanamaid adhradh o Dhia (no, Tòiseachamaid air adhradh follaiseach an Tighearna le bhith a’ seinn a chum a chliù anns an – salm aig an – rann, no anns an laoidh -.

3. Salm no laoidh   

4. Earrann as na Sgriobtairean
   
Foadaidh am ministear earrann fhreagarrach aithris, leithid:
Guma beannaichte ainm an Tighearna,
on àm seo agus gu bràth,
O èirigh na grèine gu ruig a laighe,
is ionmholta ainm an Tighearna. (Salm 113: 2 – 3)

5. Ùrnaigh

Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh. (No, Gairmeamaid air ainm an Tighearna.)

Moladh
Tha d’ainm glòrmhor-sa airidh 
air moladh o gach beul,
air aideachadh o gach teangaidh,
air adhradh o gach creutair,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
aon Dia gu sìorraidh.
‘Na do ghràs chruthaich Thu an saoghal,
agus ’na do choibhneas-gràidh shaor Thu e.

Tha talamh agus nèamh làn ded mholadh:
glòir a bhith dhutsa, a Dhè as àirde. 
Tha aingealan agus àrd-aingealan
agus uile shlòigh nèimh a’ dèanamh adhraidh dhut.

Chan eil sinne airidh air a bhith gad mholadh;
ach, air sgàth do thròcair,
gabh ri moladh do sheirbhiseach gu lèir,
anns an taigh seo agus air feadh an t-saoghail;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Athair ghràsmhoir,
tha do chumhachd thar tomhais,
tha do ghliocas thar eòlais,
tha do ghràdh thar luaidh.

Chuir Thu an t-sìorraidheachd nar cridhe,
agus chruthaich Thu annainn acras agus tart air do shon.
Riaraich na miannan a chuir Thu Fhèin air ar siubhal,
ach am faigh sinn beatha annadsa;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Aideachadh
Athair thròcairich,
rinn Thu sinn nad ìomhaigh fhèin,
le inntinn airson eòlas a chur ort,
le cridhe airson do ghràdhachadh,
agus le toil airson seirbheis a dhèanamh dhut.

Ach tha an t-eòlas againne mì-choileanta,
tha ar gràdh mì-sheasmhach,
agus ar n-ùmhlachd neo-iomlan.
Là an dèidh là tha sinn a’ tighinn geàrr air do ghlòir;
ach tha Thusa mall a-chum feirge rid chloinn.
Air sgàth Ìosa Crìosd,
do Mhac, ar Slàghnaighear,
na comharraich ar peacaidhean nar n-aghaidh,
ach nad chaomh-ghràdh, thoir maitheanas dhuinn.

Gun deònaicheadh an Tighearna tròcraireach
agus uile-chumhachdach dhuinn uile
maitheanas nar peacaidhean,
agus gràs agus cofhurtachd an Sprioraid Naoimh.

Athair Nèamhaidh,
bi maille rinn anns gach fiosrachadh nar beatha.
Nuair a nì sinn dearmad ort,
dèan do làthaireachd aithnichte dhuinn;
nuair a bhios sinn eagalach,
deònaich dhuinn misneachd;
nuair a thig buaireadh,
deònaich dhuinn neart gu bhith a’ cur ’na aghaidh;
nuair a bhios sinn fo iomagain agus fo thrioblaid,
deònaich dhuinn sìth;
nuair a bhios sinn a’ fàs sgìth nad sheirbheis,
thoir dhuinn an tuilleadh spionnaidh agus dùrachd,
air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Mar a theagaisg an Tighearna do na deisciobail,
tha sinne ag ùrnaigh:

Ar n-Athair a tha air nèamh,
gu naomhaichear d’ainm.
Thigeagh do rìoghachd.
Gun dèanar do thoil a
air thalamh mar a nithear air nèamh.
Thabhair dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil.
Agus maith dhuinn ar fiachan,
mar a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn;
ach saor sinn on olc:
oir leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd,
agus a’ ghlòir gu sìorraidh.
Amen.

6. Salm no Laoidh

7. Leughadh nan Sgriobtar
 
Abradh an leughadair:
Leughaidh sinn Facal an Tighearna,
anns an t-Seann Tiomnadh (no anns an Tiomnadh Nuadh)
ann an Leabhar – , an – caibideil, aig an – rann.

An dèidh an leughaidh, abradh an leughadair:
Gum beannaicheadh Dia dhuinn
a bhith a’ leughadh ‘Fhacail,
agus da ainm gu robh moladh agus glòir.

Amen.

8. Ùrnaigh
   
Taingealachd
A Dhè a’ gliocais agus a’ ghràidh,
fear-tabhairt gach nì a tha math,
tha sinn a’ toirt taing dhut airson do choibhneis-gràidh,
agus airson do chùraim thairis air do chruthachadh gu lèir.

Taing dhut airson gach beannachd
a tha air tighinn thugainn o na linntean a dh’fhalbh
a thaobh cànain agus cleachdaidh agus creidimh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut airson tìodhlac na beatha,
airson stiùreadh do làimhe oirnn,
agus airson do ghràidh annainn gar cumail suas.

Tha sinn gad mholadh airson an aoibhneis
a tha againn nar dachaighean agus nar teaghlaichean;
airson co-chomann ar càirdean agus ar nàbaidhean;
airson nithean a bhios sinn a’ dèanamh
a tha ’nan togail-cridhe dhuinn.

Tha sinn gad mholadh airson an Tighearna Ìosa Crìosd:
airson irioslachd agus glòir a bhreith,
airson gràsmhorachd agus caomhalachd a bheatha,
airson na h-ùmhlachd agus na h-earbsa sina thug air slighe a’ chrainn-cheusaidh a ghabhail,
airson na buaidh a thug E a-mach
’na aiseirigh agus na ‘àrdachadh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut airson an Spioraid Naoimh
’na obair anns an Eaglais agus nar cridheachan,
a’ foillseachadh d’fhìrinn,
ag ath-nuadhachadh ar beatha,
agus gar toirt a dh’ionnsaigh do rìoghachd shìorraidh.

Eadar-guidhe
A Dhè a’ chumhachd agus a’ ghràidh,
tha sinn ag ùrnaigh as leth d’Eaglais anns an sgìr seò
agus air feadh an t-saoghail,
ach am bi d’Fhacal air a shearmonachadh
agus air a chur an gnìomh
tre mhisneachd agus tre creideamh do shluaigh.

Tha sinn ag ùrnaigh airson na Ban-rìgh
agus gach neach aig a bheil ùghdarras,
ach am bi iad air an treòrachadh le do Spiorad
agus air an cumail suas le do ghràs
ann a bith a’ coileanadh an dleasdanas.

Beannaich an saoghal gu lèir le sìth.
Cruthaich ann an cridhe nan uile
fìor ghràdh air sìth,
agus stiùir le do ghliocas
ceannardan nan dùthchannan gu lèir,
ach an tèid do rìoghachd am meud
gus am bi an talamh air a lìonadh
le eòlas air do ghràdh.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile ann an trioblaid,
gum faigh na na euslan leigheas,
gum faigh na tha aonranach cuideachadh,
gum faigh na tha sàraichte neart,
gum faigh na brònach cofhurtachd,
agus gum faigh na tha dlùth don bhàs
eòlas air Tighearna na h-aiseirigh.

Beannaich ar dachaighean,
ach am bi gràdh agus aoibhneas a’ còmhnaidh annta;
agus cùm na tha dealaichte bhuainn
fo dhìon do ghràidh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut
airson na fhuair bàs anns a’ chreideamh,
gu h-àraidh feadhainn a b’aithne dhuinn fhèin,
a tha a-nis a’ sealbhachadh aoibhneis
agus sìthe nad fhianais.

Deònaich gun lean sinne ’nan cas-cheuman,
ach am bi compàirt againne maille riusan
ann an glòir na beatha maireannaich,
tre Ìosa Crìosd at Tighearna,
dan toirear, maille ris an Athair agus an Spiorad Naomh,
gach adhradh agus glòir gu sìorraidh.

Amen.

9. Salm no Laoidh    

10. Searmon
   
Faodar ùrnaigh leithid na tè seo a chur suas ron t-searmon.

Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.
A Dhè ghràsmhor,
tre chumhachd do làithearachd
fosgail do thoil agus do shlighe dhuinn;
’na do sholas gum faic sinne solas,
agus ’na do neart gum bi sinne làidir.

Gheibh sinn an ceann-teagaisg ann an Leabhar -,
an – caibideil, aig an – rann.

An dèidh an t-searmoin, abradh am ministear:
Do Dhia an t-Athair,
Dia am Mac,
agus Dia an Spiorad Naomh,
gu robh glòir agus moladh, a-nis agus gu sìorraidh.

Amen.

11. Togail an Tabhartais (Ma tha sinn cleachdail.)

12. Coisrigeadh an Tabhartais
       
Dèanamaid ùrnaigh.

A Dhè thròcairich,
is ann bhuatsa a tha gach maitheas a’ tighinn.
Gabh ri ar taingealachd,
agus gabh ri ar tìodhlacan.
Deònaich gum bi sinne agus ar tabhartas
air an cur gu feum
a chum do ghlòire
agus airson obair d’Eaglaise;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

13. Am Beannachadh

Imichibh ann an sìth.

Gràs an Tighearna Ìosa Crìosd,
agus gràdh Dhè,
agus co-chomann an Spioraid Naoimh
gu robh maille ribh uile
a-nis agus gu sìorraidh.

Amen.