Leugh searmonan air loidhne

Gheibh sibh ann seo ceangalan gu leabhraichean air loidhne, an dà chuid leabhraichean de shearmonan agus leabhraichean eile air diadhachd. Tha na deitean ag innse am bliadhna anns an deach an leabhar no am bileag a fhoillseachadh, chan ann am bliadhna anns an deach a sgrìobhadh.

An t-Àrd Oll. Urr. Gustavus Aird, Daorsa agus Saorsa (1916)
Sgrùdadh air teagasg na saorsa ann an Leabhar nan Ceist.

An t-Oll. Urr. E. Blair, Aireamh thaghta de shearmoinibh (1812)
Air eadar-theangachadh le Pàdruig MacPharlain.

An t-Urr. Tòmas Boston, Co-eignaghadh Soisgeulach (1863)
Air eadar-theangachadh le Aonghus MacDhòmnaill.

George Burder, Searmoinean Dùthcha (1821)
Air eadar-theangachadh le Pàdruig MacPharlain.

An t-Oll. Ceanaideach, Searmon agus Òraid (1916)
Mac an Duine: Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte, Lùcas 19: 10

An t-Urr. Gilleasbaig Cook, An Tìodhlac Do-labhairt (1868)
2 Corintianaich 9: 15, Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do-labhairt.

An t-Oll. Urr. Daniel Dewar, An Geata Cumhann (1829)
Lùcas 13: 23 – 24, An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc ias a shaorar? Agus thubhairt esan riu, Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a-steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a-steach, agus nach urrainn iad.

An t-Oll. Urr. Daniel Dewar, Ceithir Searmoinan (1840)
– 1 Peadar 3: 18, Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a-chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
– 2 Corintianaich 5: 15, Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a-chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a-rìs.
– Eòin 3*: 14 – 15, Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas: A-chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha mhaireannach aige. *[Tha e ag ràdh Eòin 2 anns an leabhar, ach ’s mearachd a tha seo]
– Lùcas 13: 23 – 24, An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc ias a shaorar? Agus thubhairt esan riu, Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a-steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a-steach, agus nach urrainn iad.

Philip Doddridge, Searmoin mu Obair an Spioraid Naoimh (1800)

An t-Urr. Uilleam Dyer, Ainmean Cliùiteach Chrìosd; Slàbhraidh Òir A’ Chreidich agus An t-Slighe Chumhann do Nèamh (1895)

An t-Urr. Johnathon Edwards, Peacaich ann làmhaibh Dhè na Feirg (1889)

An t-Urr. Eòin Flabhal, Mìneachadh air Suipear an Tighearna, agus Còmhradh càirdeil eadar ministear agus Crìosduidh amharuasach mu dheidhinn sàcramaid Suipeir an Tighearna (1879)
Air eadar-theangachadh leis an Urr. Seumas MacGill’Ìosa.

James Cameron Lees, Beatha agus Caitheamh-beatha (1916)

An t-Urr. Iain MacAlasdair, Gaelic and English Sermons (1896)
Bha an t-Urr. MacAlasdair na mhinistear ann an Gleann Lìomhann, Seipeal Gàidhlig Dhùin Èideann, Neigg agus Tràigh a’ Chaisteil, Eilean Arainn.

An t-Urr. R.M. McCheyne, Iomradh air beatha agus ministreileachd an Urramaich R.M. McCheyne, maille ri litrichean, searmoinean, agus laoidhean leis (1879)
Air eadar-theangachadh le Ailean Sinclair.

An t-Urr. Robert McCheyne, Guth mo Ghràidh agus searmoinean eile (1916)
– Guth mo Ghràidh: Dàn Sholaimh 2: 8 – 17
– Ìosa an t-slighe, an fhìrinn agus a’ bheatha: Eòin 14: 6
– Cha’n aill leibh teachd a m’ ionnsuidh-sa: Eòin 5: 40
– Laoidh: Iehòbha Tsidcenu (Iehòbha ar Fìreantachd)

An t-Urr. Lachlann MacCoinnich, Ròs o Shàron (1916)
Dàn Sholaimh, 2: 1 – 3, Is ròs o Shàron mise, lilidh nan gleann. Mar lilidh am measg droighnich is amhail mo ghràdh-sa am measg nan nighnean. Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.

An t-Urr. Lachlann MacCoinnich, An t-Uisge Beò (1800)
Isaiah 44: 3 – 5, Oir dòirtidh mi a-mach uisge air an tartmhort, agus sruthan air an fhearann chruaidh; doìrtidh mi a-mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil. Agus fàsaidh iad suas mar anns an fheur; mar gheugan seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ain, Israeil.

An t-Urr. Eòghann MacDiarmaid, Searmona (1804)
A’ chiad mhinistear ann an Eaglais Ghàidhlig Ghlaschu.

An t-Urr. Iain MacGriogair Caimbeul, Trì Searmonan (1861)
– Ròmanaich 10: 8 – 9, Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagus dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh. Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Ìosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
– Gnìomharan nan Abstol 26: 28, An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh.
– Lùcas 13: 24, Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a-steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a-steach, agus nach urrainn iad.

An t-Urr. Tòmas MacLachlainn, Crìosd an t-Eadarmheadhonair ’na Rìgh (1860)
Lùcas 23: 2, …ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

An t-Urr. Iain MacLabhrainn, Crann-ceusaidh Chrìosd (1916)
Galatanianaich 6: 14, Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Ìosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t-saoghal.

An t-Urr. Seumas MacLabhrainn, Searmoin (1800)
Isaiah 65: 23, Cha saothraich iad gu dìomhnain, cha mhò a ghineas iad sliochd a-chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu.

An t-Urr. Tormad MacLeoid, An Cogadh Spioradail (1841)
Ecsodus 14: 15, Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.

An t-Urr. Niall MacNeis, Searmon air Salm 74: 17 (1896)
Salm 74: 17, Rinn thu an samhradh agus an geamhradh.
Air a shearmonachadh ann an Ontario, Canada.

An t-Urr. Ùisdean Màrtainn, Sgàil Chalbhari (1916)

An t- Urr. Uilleam Muir, Cumail gu daingean samhladh bhriathar fallain (1881)
2 Timoteus 1: 13, Cùm gu daingeann samhladh fìrinneach nam briathar fallain, a chuala tu uamsa, ann an creideamh agus ann an gràdh a tha ann an Ìosa Crìosd.
Air eadar-theangachadh leis an Urr. Aonghas Mac an t-Saoir.

An t-Oll. John Owen, Oirdheirceas Chrìosd (1916)
John Owen (1616 – 1683)
Ceithir searmonan air Sailm 1 – 3, air eadar-theangachadh le Alasdair Dùghallach.

Charles H. Spurgeon, Slighe na Slàinte (1864)
Air eadar-theangachadh le Alasdair Dùghallach

Charles H Spurgeon, Co-eignich iad gu teachd a-steach (1864)
Lùcas 14: 22, Agus thubhairt an tighearna ris an t-seirbhiseach, Gabh a-mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co-èignich iad gu teachd a-steach, a-chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.
Air eadar-theangachadh le Alasdair Dùghallach.

Charles H Spurgeon, Deagh Mhisneachd do na Dìobarraich (1916)
Salm 147: 2, Cruinnichidh e ri chèile dìobarraich Israeil

An t-Urr. Eòin Welsh, Ochd searmoinean deug (1841)
Air eadar-theangachadh le Daibhidh Munro.

An t-Urr. Eòin Welsh, Dà fhichead ’s a h-ochd de shearmoinean (1841)
Air eadar-theangachadh le Daibhidh Munro.

An t-Urr. Eòin Welsh, Fichead searmoin (1841)
Air eadar-theangachadh le Daibhidh Munro.

Le caochladh dhaoine, Searmoinean taghta (1852)
Searmonan air eadar-theangachadh le Daibhidh Munro.

Le caochladh dhaoine, Fàire agus Ùrnaig (1916)
Searmonan, meòrachaidhean agus laoidhean le caochladh dhuine, nam measg Màrtainn Luther, Naomh Augustine, Samuel Rutherford agus Johnathon Edwards.

Le caochladh dhaoine, Teagasg nan aithrichean (1916)

Searmonan le chaochladh mhinistearan, nam measg MacRàth Mòr, Gilleasbuig Cook agus Tormod MacLeòid, “Caraid nan Gàidheal”.

Gun urra, Searmon cuimhne mu ’n chogadh ann an Africa (1902)
Leabhar dà-chànanach