A Dhè uile-chumhachdaich, Tighearna nèimhe agus na talmhainn, anns a bheil sinn beò agus a’ gluasad agus anns a bheil ar bith; a tha a’ dèanamh maith dha na h-uile dhaoine, a’ toirt dha do ghrian èirigh air na h-uilc agus air nam maith, agus a’ cuir uisge orrasan a tha nam fìrein agus a tha nan neo-fhìrein; coimhead gu fàbharach oirnne do sheirbheisich a tha a’ gairm air d’ ainm, agus cuir a-mach do bheannachd bho nèamh, ann a bhith a’ toirt dhuinn ràithean thorrach, agus gar sàsachadh le biadh agus aoibhneas; airson gum bi an dà chuid ar cridheachan agus ar beòil an còmhnaidh air an lìonadh le do mholadh, a’ toirt taing dhutsa na d’ Eaglais naomh;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
John Cosin (1594-1672)