Naomhachd

A Thighearna dèan ionnsramaid do shìth dhìomsa.
Far a bheil fuath, leig leam gràdh a chur,
Far a bheil leòn, maitheanas,
Far a bheil teagamh, creideimh,
Far a bheil an-earbsa, dòchas,
Far a bheil dorchadas, solas,
Far a bheil bròn, aoibhneas.
A Mhaighstir dhiadhaidh,
Ceadaich nach bithinn a’ sireadh gu ìre cho mòr
A bhith a’ faighinn comhfhurtachd, ach a’ cofhurtachadh,
Chan e na h-uibhir a bhith air mo thuigsinn, ach a’ tuigsinn,
Chan e na h-uibhir a bhith air mo ghràdhachadh,
ach a’ gràdhachadh.
Oir is ann ann am buileachadh a tha sinn a’ sealbhachadh,
Is ann ann a bhith a’ maitheadh a tha sinn air ar maitheadh,
Is ann ann am bàsachadh a tha sinn air ar breith
chun a bheatha shìorraidh.
Naomh Francis (1181-1226)

A Dhè uile-chumhachdaich,
anns a bheil sinn beò agus a’ gluasad agus anns a bheil ar bith,
tha thu air ar dèanamh air do shon fhèin
agus tha ar cridheachan gun fhois
gus am faigh iad am fois annad fhèin.

Ceadaich fìorghlainead cridhe dhuinn agus neart rùin,
airson nach cuir boil fhèinealach sam bith bacadh oirnn
bhon a bhith eòlach air do rùn,
agus airson nach biodh laigse sam bith ann airson ar cumail bhon a bhith ga dhèanamh;
ach na do sholas-sa gun robh sinn a’ faicinn an t-solais gu soilleir, ’s na do sheirbheis-sa gum faigheadh sinn ar saorsa choileanta; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Augustin (354-430)

O teagasg dhuinn a bhith a’ cur a h-uile faoineas ann an suarachas, gus a bhith a’ sabaid chathan an Tighearna mar dhaoine – an aghaidh na feòla, an t-saoghail agus an diabhal –
gus a bhith a cosg ar n-ùine gu cràbhach is gu feumail,
gus a bhith a bruidhinn bhriathran ghràsmhor,
gus a bhith a’ coiseachd na do làthaireachd an còmhnaidh,
gus a bhith a’ glèidheadh ar bodhaigean agus ar n-anman ann an tur-ghlainead,
iomchaidh airson àite-fuirich Spioraid Naoimh Dhè.
John Cosin (1594-1672)

Ar n-Athair, ghairm thusa sinn agus shaor thu sinn
airson ar dèanamh coltach ri do Mhac,
ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Là thar là, atharraich sinne tro obair do Spioraid Naoimh
airson gum fàs sinn nas coltaiche ris-san
anns a h-uile nì a smaoinicheas sinn is a chanas sinn, is a nì sinn, gu a ghlòir-san.
Søren Kierkegaard (1813-1855)

Ceadaich, A Thighearna, gun cum sinn faire gun stad thairis air ar smuaintean agus ar dèighean, airson nach threòraich iad gu sìorraidh sinn dhan a pheacaidh; airson gum bi sinn beò ann an gràdh foirfe leis a chinne-daonna gu lèir, ann an càil leothasan a tha gar gràdhachaidh, agus ann a’ maitheadh nam muinntir sin, ma tha a leithid ann, a tha gar fhuathachadh.
Thoir dhuinn caraidean mhatha agus le dèagh bheusan.
Ann an ainm ar Tighearna beannaichte
agus ar Slànaighear Ìosa Crìosd.
Warren Hastings (1732-1818)