A Thighearna Ìosa Crìosd,
Rìgh nan rìghrean;
Tha cumhachd agadsa thairis air beatha is bàs,
Is aithne dhut fiù’s rudan a tha mì-chinnteach agus duathar;
Agus chan eil fiù’s ar smuaintean ’s ar faireachdainnean
air am falach bhuat.
Glan mi bho mo chiontan dhìamhair,
agus tha mi air a dhol air iomrall agus chunnaic thusa e.
Is aithne dhut cho lag ’s a tha mi,
an dà chuid ann an anam agus ann am bodhaig.
Thoir neart dhomh, A Thighearna, na mo laigse
agus cùm suas mi na m’ fhulangasan.
Ceadaich breithneachadh chiallach dhomh, a Thighearna ghràdhaich,
agus leig leam an còmhnaidh a bhith mothachail dha do bheannachdan.
Leig leam gun glèidh mi chun deireadh
do ghràs a tha air mo dhìon chun na h-ama seo.
Ephrem an t-Sirianach (c. 306-373)