O, A Dhè na Sìthe, aonaich ar cridheachan tro bhann do ghràidh,
airson gum bi sinn beò le càch-a-chèile ann an caomhalachd ’s ann an irioslachd
’s ann an sìth ’s ann an aonta neo-chrìochnach.
O, thusa a Dhè na sìthe,
builich foighidinn ann an àm na deuchainn,
agus seasmhachas airson a bhith a’ fulang chun a chrìch.
O, thusa a Spioraid na h-ùrnaigh,
dùisg ar cridheachan,
airson gun togamaid làmhan naomha gu Dia,
agus gun guidheamaid thuige nar n-àmhgharan uile.
O, A Ghaoith chaoimh,
fuaraich agus beothaich ar cridheachan anns a h-uile teas is àmhghar.
Bi nad dhìdean dhuinn agus nad fhasgadh ann an àm na dìth,
ar cuideachadh ann an deuchainn, ar cofhurtachd nuair a tha gach uile nì nar n-aghaidh.
Thig o thusa a Sholais,
a Shlàinte ’s a Chofhurtachd shìorraidh,
bi nad Sholas dhuinn anns an dorchadas, ar Slàinte anns a’ bheatha, ar Cofhurtachd anns a’ bhàs;
agus treòraich sinn anns an t-slighe dhìreach chun a bheath a mhaireannach,
airson gum molamaid gu sìorraidh thu – Amen.
Bernhard Albrecht (1569-1636)
Tha mi ag ùrnaigh riut, A Ìosa thròcairich,
a chionn gu bheil thu air leigeil leam gu gràsmhor
a bhith ag òl sìos gu milis bhon Fhacal a tha ag innse mud dheidhinn fhèin, gun leig thu leam gu coibhneil gun tèid agam mu dheireadh thall
air tighinn thugadsa, fuaran gach uile ghliocas,
agus gun seas mi mu choinneamh d’ aghaidh gu sìorraidh.
Bede (c. 675-735).
O Ìosa naoimh, Uan mhacanta Dhè; Arain a thàinig sìos bho nèamh; Solas agus Beatha nan naoimh naomh gu lèir: cuidich mise gu creideamh fhìor agus bheò annadsa.
Fosgail thu fhèin nam bhroinn le do nàdar naomh agus do spiorad gu lèir, airson gum bi mi air mo bhreith a-rìs tromhadsa, agus annadsa gum bithinn nam chruthachadh ùr, air mo thoirt beò agus air m’ ath-bheòthachadh, air mo threòrachadh agus air mo riaghladh le do Spiorad Naomh.
William Law (1868-1761)