Dèan deònach sinne an còmhnaidh, A Thighearna, gus a bhith a’ roinn na nithean matha a th’againn. Ceadaich uibhir de thomhas dhe do spiorad is gum faigh sinn barrachd aoibhneis ann a bhith a’ tabhainn no a’ faighinn.
Dèan deiseil a bhith a’ tabhainn gu h-aoibhneil gun a bhith diombach ma dheidhinn, gu dìomhair as aonais molaidh, agus gu fìrinneach gun a bhith a’ coimhead airson taingealachd.
John Hunter (1849-1917)
A Thighearna as gràdhaiche, teagasg dhomh a bhith fialaidh;
Teagasg dhomh seirbheis ’s a dhèanamh dhut
mar a tha thusa airidh air;
A bhith a’ tabhainn agus gun a bhith a’ cunntadh a chosgais,
A bhith a’ sabaid agus gun a bhith a’ gabhail aire dha na lotan,
A bhith a’ shaothrachadh agus gun a bhith a’ sireadh suaimhneis,
A bhith ag obair gun a bhith a’ sireadh dìolaidh,
Ach fios a bhith agam gu bheil mi a dèanamh do rùn.
Ignatous à Loidhòla (1491/5-1556)
A Thighearna tha mi ag aithneachadh gu bheil m’ anam ciontach gu domhainn de dh’fharmad.
B’ fheàrr leam gun robh d’ obair air fhàgail neo-dhèanta no gun robh duine eile a bharrachd orm fhèin ga dhèanamh.
Thoir bhuam, A Thighearna, an droch spiorad seo,
agus tionndaidh m’ fharmad gus a bhith na cho-fharpais naomh; seadh, dèan thiodhlacan dhaoine eile nam feadhainn dhòmhsa, tro a bhith ga mo dhèanamh-sa taingeil air an son.
Thomas Fuller (1608-1661)
A Thighearna,
thoir dhuinn sùilean laga
airson nithean nach eil gu feum sam bith
agus sùilean ghlana airson d’ uile fhìrinn.
Søren Kirkegaard (1813-1855)
A Thighearna, teagasg dhuinne a bhith a’ tuigsinn gun do bhàsaich do Mhac airson ar saoradh,
chan ann bho fhulangas, ach bhuainn fhèin:
chan ann bho mhì-cheartas,
fada a-mhàin bho cheartas, ach bho a bhith mì-cheart.
Bhàsaich esan airson gum biodh sinne beò –
ach tha esan beò mar a tha e beò, tro bhàsachadh mar a bhàsaich esan a bhàsaich ris fhèin.
Seòras MacDhòmhnaill (1824-1905)