Suipeir an Tighearna

Ìosa, fhìor Bhuachaille nan caorach,
Glèidh d’ fhìor threud ann an sàbhailteachd.
Arain bheò! Builich do bheatha;
Neartaich sinne no bàsaichidh sinn;
Lìon le gràs nèamhaidh sinn:
Thusa a tha gar biadhadh gu h-ìosal!
Bun na tha againn no as aithne dhuinn!
Ceadaich gun robh sinne, le do naoimh as a cionn,
A’ suidhe aig fèist a ghràidh,
gad faicinn aghaidh ri aghaidh.
Amen.
Tòmas Aquinas (1225-1274)

A Chrìosd, ar n-aon Shlànaighear,
bi beò annainne ann an leithid de dhòigh
is gun tèid againn air a dhol air adhart bhon a seo
le solas an dòchais nar sùilean,
agus teine do dheachdaidh air ar bilean,
d’ Fhacal air ar tenaganan,
agus do ghràdh nar cridheachan.
Amen.
G. C. Bunion

Tha sinn a’ tabhainn ar moladh is ar taing neo-bhàsmhor,
ar n-Athair nèamhaidh, airson a bheannachd mhòr a tha thu air a bhuileachadh air peacaich thruagh, ann a bhith a’ leigeil leinn a bhith a’ gabhail pàirt na do Mhac Ìosa Crìosd, a chaidh a thoirt thairis airson bàsachadh air ar son,
agus a tha a-nis a’ toirt dhuinn biadh na beatha shìorraidh.
Mar sin tha sinn a’ coisrigeadh an còrr dhe ar beathanan
gus a bhith ag adhartachadh do ghlòir
agus gus a bhith a neartachadh ar coimhearsnaich,
tro an aon Ìosa Crìosd sin do mhac,
a tha, ann an aonachd an Spioraid Naoimh,
beò còmhla riutsa agus a’ riaghladh gu sìorraidh.
Iain Calbhainn (1509-1564)

A Thighearna mo Dhia, chan eil mise airidh air gum tigeadh tusa a-steach dha m’ anam, ach tha mi toilichte gu bheil thu air tighinn thugam a chionn, na do choibhneas gràdhach gu bheil thu ag iarraidh fuireach annam agus tha thu air iarraidh orm doras m’ anaim fhosgladh, a tha thusa a-mhàin air a chruthachadh,
airson gun urrainn dhut a dhol a-steach ann le do choibhneas gràdhach agus gun cuir thu air falbh dorchadas m’ inntinn.
Tha mise a’ creidsinn gun dèan thusa sin oir cha do thionndaidh thu Muire Magdalen air falbh an uair a thàinig i thugad le deòir. Cha bu mhò a chùm thu air ais maitheanas bhon a chìs-mhaor a rinn aithreachas airson a pheacaidhean no bhon a ghadaiche mhaith a dh’fhaighnich gum biodh esan air a ghabhail a-steach dha do rìoghachd.
Dha-rìribh, dh’àireamh thusa, mar do charaidean, na h-uile a thàinig thugadsa le cridheachan aithreachail.
A Dhè, is tusa a-mhàin a tha beannaichte an còmhnaidh, an-dràsta, agus gu sìorraidh.
Iain Criosostam (c. 304-407)

A Thighearna Ìosa Crìosd,
bhon a tha thusa air teagasg dhuinn
nach eil sinn beò air aran a-mhàin;
beathaich sinn an-dràsta ’s an còmhnaidh tuilleadh leis an aran a tha a’ tighinn sìos bho nèamh,
fiù’s thu fhèin, ar Slànaighear ’s ar Fear-saoraidh. Amen.
John Dowden (1840-1910)

A Thighearna, ar n-Athair tròcaireach, tha sinn a’ faighneachd dhut gun coimheadadh tu oirnne a tha air cruinneachadh an seo na do làthaireachd an-dràsta, agus gun sgaoileadh tu a-mach oirnne mar choitheanal, agus air gach aon againn fa leth, spiorad cuideachail do ghràis, airson gum bi ar smuaintean agus ar miannan gu lèir nan leithid is gum bi thusa gam moladh agus gan sàsachadh, agus nar n-adhradh gum biodh sinn uile mothachail air gu bheil sinn air tighinn a-steach na do làthaireachd. Amen.
Alasdair MacLabhrainn (1826-1910)

O a mhaith neo-thuigsinneach, a tha a’ lìonadh nèamh ’s an talamh, aom thu fhèin gu gràsmhor air an là seo,
agus na fuathaich do chreutair truagh.
A Thighearna mur a h-eil mi airidh ort,
a dh’aindeoin sin tha mi a’ seasamh a’ cur feum ort.
O, a Thighearna chiùin, nach tusa esan le aon fhacal
a chruthaich nèamh agus an talamh?
A Thighearna, le aon fhacal ’s urrainn dhut
slàinte aisig gu m’ a nam bochd.
A Thighearna, dèan riumsa a’ rèir do ghràis,
a-rèir do thròcair neo-chrìochnach,
agus chan ann a-rèir na tha mi airidh air.
Amen.
Henry Suso (1295-1366)

Seall, tha mi a’ tighinn dlùth airson Coman Diadhaidh.
O A Chruithear, na leig leam a bhith air mo losgadh tro chomanachadh,
Oir is Teine thusa a bhios a’ losgadh nan neo-airidh.
Ach tur-ghlan mi bhon a h-uile smal.
Symeon an t-Eadar-theangadair  (11mh linn)

Gun robh do bhodhaig naomh, A Thighearn a Ìosa Crìosd ar Dia, dhomhsa na bheatha shìorraidh, agus d’ Fhuil phrìseil na mhaitheanas dha mo pheacaidhean.
Gun robh an Coman seo dhomhsa na aoibhneas, slàinte, agus toileachas; agus aig an dara Teachd uabhasach dèan mise – peacach – airidh air seasamh aig deas làimh do ghlòir. Amen.
Symeon an t-Eadar-theangadair  (11mh linn)