O mo Shlànaighear, is mo Dhia, leig leis tighinn.
Gun tigeadh an t-àm nuair a bhios mo shùilean
a’ faighinn an t-sealladh dhe na tha mi a’ creidsinn mu thràth, agus
gun greimicheadh iad air na tha mi an-dràsta an dòchas air a shon is a’ fàilteachadh bho astar.
Gun robh mo spiorad a’ greimeachadh air agus a’ pògadh
an nì a tha mi an-dràsta a’ miannachadh le m’ uile chumhachd,
agus gun robh i air a shùghadh a-steach ann an àibheis do ghràidh.
Ach fhad ’s a tha mi a’ feitheamh, beannaich, m’ anam, do Shlànaighear,
agus thoir moladh dha ainm-san,
a tha naomh agus làn dhe na toileachasan as naomha a th’ann.
Anselm (1033-1109)
Gun suidhicheadh an Tighearna Ìosa a làmhan air ar sùilean
airson gun tòisicheadh sinn air barrachd de shealladh fhaighinn
dhe na rudan nach eil air am faicinn na iadsan a tha air am faicinn.
Gun robh e a’ fosgladh ar sùilean airson gun teirinneadh iad air na nithean
a tha ri thighinn barrachd air nithean na h-aois seo.
Gun robh e a’ toirt a chùirteir air falbh bho ar cridhe
airson gum meòraicheadh e air Dia ann am Spiorad.
Tha sinn a’ faighneachd airson seo tro ar Tighearna Ìosa Crìosd
– dha am buin glòir agus cumhachd gu sìorraidh. Amen.
Origen (185-254).