Athair,
tha mi gam dhìobradh fhèin a-steach dha do làmhan,
Dèan leamsa na dh’iarras tu.
Ga b’ e dè a ni thu,
Tha mi a’ toirt taing dhut.
Tha mi deiseil airson na h-uile.
Tha mi a’ gabhail ri na h-uile.
Gun robh do rùn-sa air a dhèanamh riumsa agus ri d’ uile chreutairean.
Cha mhiannaichinn barrachd na seo, A Thighearna.
Dha do làimh-sa tha mi ag earbsa m’ anaim;
Tha mi ga thabhainn dhutsa le uile ghràdh mo chridhe,
Oir tha gràdh agam ort, A Thighearna,
agus mar sin feumaidh mi mi fhèin a thabhainn,
Gus a bhith gam ghèilleadh fhèin a-steach na do làmhan,
gun nì a chaomhain
Agus le cinnt gun chrìch, oir is tusa m’ Athair.
Charles de Faucauld (1855-1916)