Treòrachadh

Mo Thighearna as ro-ghràdhaiche,
Gun robh thu na do lasrach shoilleir mum choinneamh,
Gun robh thu na do rionnag-treòrachaidh as mo chionn,
Gun robh thu na do shlighe chòmhnard fodham,
Gun robh thu na do bhuachaille choibhneil gu mo chùl,
An-diugh – an nochd – gu sìorraidh.
Calum Cille (521-597)


A Thighearna as ro-thròcairiche, teagasg dhomhsa a bhith còir,
Teagasg dhomh seirbheis a dhèanamh dhutsa a leithid a tha thu airidh air,
Teagasg domh a bhith a’ tabhainn gun a bhith a’ cunntas na chosgas e
A bhith a’ sabaid gun a bhith a’ gabhail aire dha na lotan,
A bhith ri saothair gun a bhith a’ sireadh suaimhneis,
A bhith ag obair gun a bhith a’ sireadh dìolaidh,
Ach a bhith a tuigsinn gu bheil mi a’ dèanamh do rùn.
Ignatius Loyola, (1491/5-1556)



A Thighearna Dia uile-chumhachdaich,
fear-dealbhaidh agus fear-riaghlaidh gach uile chreutair,
tha sin ag ùrnaigh gun threòraich thu sinn gu do rùn
tro do mhòr thròcair agus tro chomharra a chrionn-ceusaidh naoimh.
Thoir dha ar n-inntinnean gun robh iad suidhichte,
neartaich sinn an aghaidh a bhuairidh,
agus glèidh sinn bhon a h-uile ana-ceartas.
Dèan dìon oirnn bho ar nàimhdean,
Faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.
Teagasg dhuinn a bhith ga do ghràdhachadh fhèin ro na h-uile nithean
le inntinn ghlan agus bodhaig glan.
Oir is tusa ar Cruithear agus ar Fear-saoraidh, ar cuideachadh agus ar cofhurtachd, ar n-earbsa agus ar dòchas, gu bràth. Amen.
Alfred Mòr, Rìgh Shasainn (849-899)

A Rìgh na glòire agus Tighearna nan gnìomhan gaisgeil,
ar curaidh agus ar sìth,
a tha air cantainn,
‘biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal,’
Bi buadhach annainne do sheirbheisich,
oir as d’ aonais-sa chan urrainn dhuinn aon nì a dhèanamh.
Ceadaich gun deigheadh do chaomh-thròcair romhainn,
gun tigeadh do chaomh-thròcair às ar dèidh;
romhainn nar gnìomhachadh;
gu ar cùl nar crìochnachadh.
Agus dè a-nis a chanas mi,
ach gum biodh do rùn-sa air a dhèanamh,
a tha a’ rùnachadh gum biodh na h-uile dhaoine air an teàrnadh.
Is e do rùn-sa ar slàinte,
do ghlòir-sa ar n-aoibhneas.
Alcuin (735-804)

O a Shlànaighear, dòirt Spiorad do mhacantais agus do ghràidh orm,
Cuir as don fhèinealachd annam,
gum bu tusa mo bheatha gu lèir,
Treòraich thusa mo làimh a tha a critheanaich
gu mòr, air creag nan aoisean.
William Blake (1757-1827)

Ceadaich dhomhsa, tha mi a’ guidhe ort,
a Dhè uile-chumhachdaich agus thròcairich,
gum miannaichinn gu h-èudmhor thu,
gun sirinn le ghliocas thu,
gun aidichinn gu fìrinneach, agus gun coileanainn gu foirfe,
a h-uile nì a tha fìor thoileach dhutsa.
Gun robh thusa ag òrdachadh mo staid shaoghalta
gu onair agus gu glòir d’ ainm fhèin;
agus a-thaobh a h-uile nì a tha thusa ag iarraidh orm a dhèanamh,
ceadaich dhomh an t-eòlas, am miann, agus an comas,
airson gun coilean mi e mar a bu chòir dhomh,
agus mar a tha iomchaidh airson maith m’ anaim.
Tòmas à Ceampaidhs (1225-1274)

A Dhè gach uile maitheas,
ceadaich am miann dhuinn
a bhith a’ sireadh gu dùrachdach,
a bhith a’ faighinn eòlais gun cinnteach,
a’ bhith a’ coileanadh gu coileanta
do rùn naomh-sa,
airson glòir D’ ainm.
Tòmas Aquinas (122501274)

A Thighearna ar Dia, teagasg dhuinne, tha sinn a’ guidhe ort, a bhith a’ faighneachd gu ceart airson na beannachdan chearta. Treòraich thusa sgoth ar beatha thugad fhèin, thusa as e an caladh shìtheil airson gach uile anam a chaidh a chrathadh le stoirmean. Seall dhuinn ann t-slighe anns am bu choir dhuinn siubhal. Ùraich spiorad dheònach annainn.

Deònaich gun robh do Spiorad a’ cumail smachd air mothachaidhean seachranach, agus treòraich sinn, is dèan comasach sinn air faighinn, chun an nì as e ar fìor mhaith, airson do laghan a chumail, agus, nar n-obraichean gu sìorraidh tuilleadh, gun dèanamaid bitheamaid aoibhneil na do Làthaireadh ghlòirmhor agus thoileachail. Oir is leatsa a ghlòir agus am moladh bho na naoimh gu lèir gu sìorraidh tuilleadh – Amen.
Basil (c. 330-379).

Fosgail ar cridheachan, A Thighearna,
agus soillsich ar n-inntinnean tro ghràs do Spioraid Naoimh,
airson gun sir sinne an nì sinn a tha fìor thoileach dha do rùn-sa.

Agus mar sin gu òrdaich sinn ar gnìomhachadh as dèidh d’ àithntean fhèin, airson gum bi sinn air ar faotainn airidh
air a dhol a-steach na do ghàirdeachas shìorraidh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Bede (c. 673-735)

A Dhè as ro-àirde agus as ghlòirmhoire,
Soillsich dorchadas ar n-inntinnean.
Thoir dhuinn fìor chreideamh, dòchas chinnteach, agus gràdh coileanta,
Airson gum bi sinn an còmhnaidh agus anns na h-uile nithean a’ gnìomhachadh a-rèir do rùin naomha. Amen.
Naomh Francis (1181-1226)

Ar n-Athair, teagasg dhuinn,
chan e a-mhàin do rùn, ach ciamar a nì sinn e.
Teagasg dhuinn an dòigh as fheàrr
air a bhith a’ dèanamh an nì as fheàrr,
gun fhiosta nach mìl sinn an deireadh tro mheadhanan neo-airidh;
air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
J. H. Jowett (1864-1923)

A Thighearna, is ann leatsa a tha mi, dèan na tha a’ coimhead math na do shealladh fhèin,
agus thoir dhomh gèilleadh choileanta ri do rùn.
David Livingstone (1813-73)

O thusa Aoin Shìorraidh, anns a bheil dreuchd ar beatha a’ seasamh, agus a tha air ar an obair againne earbsa dhuinn. Tha sinn ag earbadh ar cùraman thugadsa.
Tha sinn a’ toirt taing dhut gur sinne do chuid cloinne, agus gu bheil thusa air dearbhachd a thoirt dhuinne, fhad ’s a tha sinn suidhichte air do rùn, gun gabh thusa for dha ar miannan.
Lìon sinne leis a cho-fhaireachdainn sin airson buairidhean fheadhainn eile a tha a’ tighinn bhon a bhith a’ dìochuimhneachadh an fheadhainn againn fhèin; leis a charthannas acasan a tha eòlach air an neo-airidheachd fhèin; agus le dòchas thoilichte cloinn na sìorraidheachd.
Agus thugadsa an Toiseachd agus an Deireadh, Tighearna nam beò, Tèarmann nam muinntir a tha a’ bàsachadh, gun robh taing is moladh gu sìorraidh – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900).

A Thighearna, tha mi dall ’s gun chuideachadh, amaideach agus gun eòlas,
thoir dhomh gun cluinninn;
thoir dhomh gum biodh eòlas agam;
teagasg dhomh a bhith a’ dèanamh;
treòraich mi.
Henry Martyn (1781-1812)

Ma tha mi ceart builich Do ghràs
Airson gum fuirich mi anns a cheart:
Ma tha mi ceàrr, O teagasg dom chridhe
Slighe nas fheàrr a lorg.
Alexander Pope (1688-1744)

Ceadaich, A Athair, gun robh sinne an là seo
nar luchd –dèanamh dhe d’ Fhacal,
agus nach ann nar luchd-cluinntinn a-mhàin.
Christopher Smart (1722-71)

A Thighearna Ìosa, smaoinich ormsa
’S na leig leam a dhol air seachran;
Tro dhorchadas agus imcheist
Sònraich thusa an t-slighe nèamhaidh.
Synesius Cryrene (375-450)

Dhè, stiùir mi led ghliocas,
Dhè smachd mi led cheartas,
Dhè fòir mi led thròcair,
Dhè chòmh’n mi led chumhachd.

Dhè lion mi led lànachd,
Dhè dìon mi led sgàileachd,
Dhè lìon mi led ghràsachd,
Air sgàth do Mhic Unga.

Ìosa Crìosda a shìol Dhaibhidh,
Fear-tathaich an teampuill,
Uan-ìobairt a ghàraidh,
A bhàsaich air mo shon.
Carmina Gadelica