Tuigse

A Thighearna Dia uile-chumhachdaich,
fear-dealbhaidh agus fear-riaghlaidh gach uile chreutair,
tha sin ag ùrnaigh gun threòraich thu sinn gu do rùn
tro do mhòr thròcair agus tro chomharra a chrionn-ceusaidh naoimh.
Thoir dha ar n-inntinnean gun robh iad suidhichte,
neartaich sinn an aghaidh a bhuairidh,
agus glèidh sinn bhon a h-uile ana-ceartas.
Dèan dìon oirnn bho ar nàimhdean,
Faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.
Teagasg dhuinn a bhith ga do ghràdhachadh fhèin ro na h-uile nithean
le inntinn ghlan agus bodhaig glan.
Oir is tusa ar Cruithear agus ar Fear-saoraidh, ar cuideachadh agus ar cofhurtachd, ar n-earbsa agus ar dòchas, gu bràth. Amen.
Alfred Mòr, Rìgh Shasainn (849-899)

Stiùir sgoth mo bheatha, a Thighearna mhaith,
gu do chaladh shìtheil, far an urrainn dhomh a bhith sàbhailte bho stoirmean a pheacaidh agus a chòmhstri. Seall an cùrsa dhomh a bu chòir dhomh a ghabhail. Ath-ùraich annam tiodhlac a bhreithneachaidh, airson gum faic mi an còmhnaidh an t-slighe cheart anns am bu choir dhomh siubhal. Agus thoir an neart dhomh agus an misneachd a thaghas a chùrsa cheart, fiù’s an uair a tha a mhuir garbh agus na tonnan àrd, le fios agam gun lorg sinn cofhurtachd agus sìth tro a bhith a’ fulang cruadal agus cunnart.
Basail Mòr (c. 330-379)

A Dhè uile-chumhachdaich, Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, suidhich agus dearbh sinne
na d’ Fhìrinn tro do Spiorad Naomh.
Taisbean dhuinne na nithean nach aithne dhuinn; coilean annainn na tha a dhìth;
agus glèidh sinn gun choire na do sheirbheis;
tro an aon Ìosa Crìosd ar Tighearna .
Clement na Ròimhe (c.30-c.95)

Thoir dhuinn spiorad na h-ùrnaigh,
gu tric agus gu h-eudmhor,
naomh agus leantaileach:
creideamh a tha neo-choireach,
dòchas fìreanta agus iriosal,
agus carthannas nach fàillig uair sam bith.
John Cosin (1594-1672)

A Dhè uile-chumhachdaich, shìorraidh, fhìreanta agus thròcairich,
gum bhiodh peacaich truagha mar a tha sinne ann, a’ coileanadh do rùn-sa agus an còmhnaidh a dèanamh na thoilicheas tu.
Gun robh sinn air ar tur-ghlanadh air an taobh a-staigh gu a leithid de dh’ìre, air ar soillseachadh agus nar lasadh le teine an Spioraid Naoimh is gun lean sinn ann an ceumannan do Mhic fhìor-ghràdhaichte, ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Naomh Francis (1181-1226)

O A Thighearna Ìosa, a thàinig sìos bho nèamh airson ar saoradh bhon a h-uile peacadh, tha sinn a’ guidhe ort d’ fhacal a’ sgrìobhadh nar cridheachan airson gum bi eòlas againn ort fhèin, agus air cumhachd d’ aiseirigh, agus gum foillsich sinn seo tro a bhith a’ tionndadh bho ar peacaidhean.
Riaghail thairis air nar cridheachan tro chreideamh, airson air dhuinn a bhith marbh dhan pheacaidh agus beò gu fìreantachd, gum builich sinn toradh na naomhachd agus gum fàs sinn ann an gràs agus ann an eòlas phearsanta mu do dheidhinn fhèin.
Henry Hammond (1605-60)

A Thighearna Ìosa Crìosd , lìon sinn,
tha sin ag ùrnaigh, le do sholas is do bheatha airson gum foillsich sinne do ghlòir mhìorbhaileach. Ceadaich gum biodh do ghràdh a’ lìonadh ar beathanan gu leithid de dh’ìre is nach saoileadh sinn gu bheil nì ro bheag son a dhèanamh dhut,
nach eil nì na chus son a thoirt dhut,
agus nach eil nì ro chruaidh son fhulang.
Ignatius à Loidhòla (1491-5-1556)

Ma thèid aig m’ ùrnaigh lag air do ruigsinn,
O mo shlànaighear, tha mi a’ guidhe ort,
Fiù’s mar a tha thusa air bàsachadh dhòmhsa,
Nas dùrachdaiche
Gun robh mise a’ leantainn far an threòraich thusa,
Gun robh mi, a’ sileadh mar a tha thusa a’ sileadh
Gum faighinn bàs, mas urrainn dhomh – a’ bàsachadh –
Air beatha a thoirt do dh’aon a tha a faighneachd airson beatha
Agus ann an dòigh nas fhaisge,
A’ bàsachadh mar sin, gum bi mo coltach riutsa.
Henry Wadsworth Longfellow (1807-82)

Chan aithne dhuinne dè a tha mar coinneamh,
ge b’ e bàs no beatha a bhios ann dhuinn;
ach is aithne dhuinn seo,
gu bheil na h-uile nithean air an òrdachadh agus cinnteach.
Tha a h-uile ni air òrdachadh le ghliocas nach tèid ceàrr
agus le gràdh a tha gun chrìochan,
leatsa, ar Dia – as e gràdh.
Ceadaich dhuinne anns na h-uile nithean gum faic sinn do làimh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Charles Simeon (1759-1836)

A Thighearna, chì mi gu soilleir gur tusa an t-aon agus an fhìor bhun a th’ann airson ghliocas, bhon as tusa a-mhàin as urrainn creideamh is dòchas an aisig do dh’ anam eu-dòchasach. Na do Mhac , Ìosa, tha thu air sealltainn dhomh gun urrainn fiù’s dhan fhulangas as iargailte a bhith àlainn, ma tha e ann an ùmhlachd ri do rùn-sa. Agus mar seo tha eòlas do Mhic air mo dhèanamh comasach air aoibhneas a lorg nam fhulangas fhèin. A Thighearna, m’ athair ghràdhaich, tha mi a lùbadh mo ghlùin mu do choinneamh an là seo, agus ga do mholadh gu h-eudmhor airson na fulangasan a tha agam an-dràsta, agus tha mi a’ toirt taing airson na fulangasan tha thomhas anns an àm a dh’fhalbh. Tha mi a’ nis a’ tuigsinn gu bheil na fulangasan seo uile nam pàirt dha do ghràdh Athaireil, anns a bheil thu gam chronachadh airson mo dhèanamh fìor-ghlan. Agus tron smachdachadh seo tha mi a-nis a’ coimhead ort as aonais nàire agus oillt, a chionn gun aithne dhomh gu bheil thug am ullachadh airson do rìoghachd shìorraidh.
Henry Suso (1295-1366).