Ùrnaigh airson Àm na Nollaig

Taing dhut, a Dhè, airson Àm na Nollaig,
airson na laoidhean aoibhneach a bhios inn a’ seinn,
airson nam pàrtaidhean a bhios againn,
airson nam seirbhisean a bhios anns an sgoil agus anns an eaglais,
airson nan tìodhlacan a bhios sinn a’ faighinn agus a’ toirt seachad.

Nuair a gheibh sinn tìodhlac, gun cuimhnich sinn
air Crìosd, an tìodhlac a thug thusa seachad aig a’ chiad Nollaig.

Nuair a chì sinn solais air na craobhan-Nollaig,
agus anns na sràidean gun chuimhnich sinn gur e
Ìosa Sòlas an t-Saoghail.

Nuair a chluinneas sinn mu Ìosa a rugadh ann an stàball,
gun cuimhnich sinn air an fheadhainn
aig nach eil biadh no dachaigh no càirdean.
Amen.