Ann an sìth laighidh mi sìos
agus caidlidh mi,
oir tha thusa a-mhàin, A Thighearna,
gam chumail gu coileanta sàbhailte.
Amen.
Stèidhichte air Salm 4
A Thighearna Naoimh,
Athair uile-chumhachdaich agus shìorraidh,
tapadh leat airson do thròcair
a tha air mo dhìon tron latha seo uile.
Leig leam a dhol tron oidhche seo ann an sìth
agus le inntinn is bodhaig fhìorghlan,
airson, ag èirigh ann an fìorghlaine sa mhadainn,
gun dèanainn seirbheis Dhutsa le taingealachd.
Alcuin (735-804)
Mus tèid sinn a ghabhail fois, choisrigeadh sinne sinn fhèin gu cùram Dhè tro Chrìosd, a’ guidhe air a bhith gar maitheadh airson ar n-uile pheacaidhean a bhuin dhan là seo a dh’fhalbh, agus airson an gràs aige a chumail beò nar cridheachan, agus gus ar glanadh bhon a h-uile pheacadh, phròis, bhorbachd, agus fèinealachd, agus gus a bhith a’ toirt dhuinn spiorad a mhacantais, na h-irioslachd, an neo-ghluaiseadais is a ghràidh. A Thighearna, cùm thu fhèin an còmhnaidh an làthair dhuinn agus coilean do neart nar laigse.
Gabh sinne agus ar cuid fo do chùram bheannaichte, an oidhche seo agus gu bràth sìorraidh; tro Ìosa Cìosd ar Tigheanra.
Tòmas Arnold (1795-1842)
Glèidh mi, A thighearna, fhad ’s a tha mi nam dhùisg, agus dèan dìon orm fhad ’s a tha mi a’ cadal, airson gum bi m’ anam an còmhnaidh a’ cumail sùil a-mach air do shon, agus gum faigh an dà chuid bodhaig agus anam suaimhneas na do shìth
gu sìorraidh.
John Cosin (1594-1672)
Agus a-nis, Fhir-saoraidh bheannaichte, ar creag, ar dòchas, agus ar n-aon tearmann chinnteach, thugadsa tha sinn gu h-aoibhneil a’ coisrigeadh an dà chuid ar n-anam agus ar bodhaig. Ma chìtheas do fhreastal ghlic iomchaidh e, ceadaich gun tèid againn air èirigh anns a’ mhadainn, air ar n-ùrachadh le cadal, agus le spiorad a ghnìomhachaidh airson dleastanasan an là, ach ged a dhùisgeas sinn an seo na anns an t-sìorraidheachd ceadaich gum bi ar n-uile earbsa annadsa a’ fantainn cinnteach, agus ar dòchas gun a bhith air a chrathadh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Henry Kirike White (1785-1806)
O A Thighearna uile-chumhachdaich, Facal an Athair, Ìosa Crìosd,
a tha, thu Fhèin, coileanta: air sgàth do mhòr thròcair na gluais bhuamsa gu sìorraidh, do sheirbheiseach, ach bi a’ còmhaidh còmhla rium gu bràth.
O Ìosa, A Bhuaichille Mhaith do chaoraich, na leig leamsa tuiteam a-steach do ar-a-mach na nathraich, no na fàg mi gu rùn an t-Sàtainn, oir tha sìol a choruibteachd annam.
A Thighearna Dia ris a bheil sinn ag adhradh, O, A Rìgh naomh Ìosa, glèidh mi fhad ’s a tha mi a’ cadal le do sholas neo-atharrachail,
do Spiorad Naomh, troimhe a naomhaich thu do dheisciobail.
Ceadaich, A Thighearna, fiù’s dhòmhsa, do sheirbheiseach neo-airidh, do shlàinte air mo leabaidh:
soillsich m’ inntinn le solas an tuigse dhe do Shoisgeul,
m’ anam le gràdh do chroinn-ceusaidh,
mo chridhe le tur-ghlainead d’ fhacail,
mo bhodhaig le ceusadh do neo-cheusdachd.
Cùm mo smuaintean nad irioslachd, agus dùisg mi ann an dèagh àm airson do ghlòireachadh. Oir tha thusa glòirichte as cionn na h-uile, còmhla rid Athair sìorraidh agus leis an Spiorad Naomh as ro-naomha,
an-dràsta agus an còmhnaidh gu aoisean nan aoisean. Amen.
Ignatius à Antioch (c. 35 – c. 107)
Thig faisg is bheannaich sinne nuair a dhùisgeas sinn,
Mus gabh sinn ar slighe a-mach tron t-saoghal:
Gus, ann an cuan dhe do ghràdh
Ann caill sinn ann an nèamh gu h-àrd.
John Keble (1792-1866)
O A Dhè shìorraidh, Righ a chruthachaidh gu lèir,
a tha air ceadachadh dhomh an uair seo a ruighinn,
maith dhomh na peacaidhean a rinn mi an-diugh
ann am smuain, facal agus ann an gnìomh;
agus glan, A Thighearna, m’ anam iriosal
bhon a h-uile smal feòla is spioraid.
Ceadaich dhomh, A Thighearna, gun tèid mi tro chadal na h-oidhche seo ann an sìth, airson an uair a dh’èireas mi bho mo leabaidh gun toilich mi d’ ainm naomh fad uile làithean mo bheatha, agus gum buadhaich mi thairis air nàimhdean, an da chuid corporra agus neo-chorporra,
a tha a’ cathachadh nam aghaidh.
Saor mi, A Thighearna, bho smuaintean fhaoin
a tha gam shalach, agus bho mhiannan olc.
Oir is leatsa an rìoghachd agus an cumhachd agus a ghlòir
aig an Athair agus aig a Mhac agus aig an Spiorad Naomh,
an-dràsta agus gu sìorraidh gu aoisean nan aoisean. Amen.
Macarius na h-Ephit (c. 300 – c. 390)
Dhè bi maille rinn
Air an oidhche nochd,
Amen.
Rinn agus leinn
Air an oidhche nochd,
Amen.
Tha e soilleir dhuinn ri lèirsinn,
Bho thàinig sinn chun an t-shaoghail,
Gun robh sinn toillteanach air d’ fhearg,
Amen.
O d’ fhearg fhèin,
A Dhè nan dul,
Amen.
Tabhair mathanas dhuinn,
Amen.
Tabhair mathanas dhuinn,
Amen.
Thabhair dhuinn do mhathanas fhèin,
A Dhè mheinich nan dul,
Amen.
Nì sam bith is dona dhuinn,
No thogas fianais nar n-aghaidh,
Far am faide am bi sinn,
Suabharaich thusa oirnne e,
Duabharaich thusa oirnne e,
Fuadaich fhèin uainn e,
Agus ruaig as ar cridheachan,
Duthainn, suthainn, sìor,
Duthainn, suthainn, sìor.
Amen.
Carmina Gadelica
O Ìosa, a-nochd,
Aghair nam bochd,
Cholann gun lochd,
Dh’fhuiling gu gort,
Fo bhinn nan olc,
‘S a cheusadh.
Saor mi bho olc,
Saor mi bho lochd,
Caomhain mo chorp,
Naomhaich mi a-nochd,
O Ìosa, a-nochd,
‘S na trèig mi.
Bairig dhomh neart,
Aghair nam feart,
Stiùir mi nad cheart,
Stiùir mi nad neart,
O Ìosa, nad neart,
Glèidh mi.
Carmina Gadelica
Tha mi a cur m’ anama ’s mo chorp
Air do chomaraig a-nochd, a Dhè,
Air do chomaraig, Ìosa Crìosda,
Air do chomaraig, a Sprioraid na firinne rèidh.
An Triùir a sheasadh mo chùis,
Is nach cuireadh an cùl rium fhèin.
Thusa, Athair, a tha caomh agus ceart,
Thusa, a Mhic, a thug air peacadh buaidh,
Thusa, a Spioraid Naoimhe nam feart,
Da mo ghlèidheadh a-nochd o thruaigh;
An Triùir a dhèanadh mo cheart
Mo ghlèidheadh a-nochd ’s gach uair.
Carmina Gadelica
Sprioraid, tabhair dhomh do phàilteas,
Athair, tabhair dhomh do ghliocas,
Mhic, tabhair dhomh na m’ airceas,
Ìosa, fo fhasgadh do sgèith.
Laighim sìos a-nochd,
Le Trìthinn mo neart,
Le Athair, le Ìosa,
Le Spiorad nam feart.
Carmina Gadelica
An ainm an Tighearna Ìosa,
Agus Spiorad ìochslaint àigh,
An ainm Athar Israeil,
Sinim sìos gu tàmh.
Ma tha musal na dusal,
Na rùn air bith dhomh ’n dàn,
Dhia fuasgail orm is cuartaich orm,
Is fuadaich uam mo nàmh.
An ainm Athar prìseil,
Is Spiorad ìochslaint àigh,
An ainm Tighearna Ìosa,
Sìnim sìos gu tàmh.
Dhia, cobhair mi cuartaich mi,
On uair ’s gu uair mo bhàis.
Carmina Gadelica
Tha mise a-nis a’ dol dhan chadal,
Gu mu slàn a dhùisgeas mi;
Mas a bàs dhomh anns a bhàs chadil,
Gun ann air do ghàirdean fhèin,
A Dhè nan Gràs a dhùisgeas mi;
O air do ghàirdean gràdhach fhèin,
A Dhè nan Gràs a dhùisgeas mi!
M’ anam air do làimh deis a Dhè,
A Rìgh nan neamha naoimh;
Is tu fhèin a cheannaich mi le d’fhuil,
Is tu thug do bheatha air mo shon,
Comraig mise a-nochd, a Dhè,
Is na h-eirigh dhomh beud no cròn.
Carmina Gadelica
Tha mise a’ laighe a-nochd
Le Athair, le Mac,
Le Spiorad na firinn,
Tha gam dhìon o gach lochd.
Cha laigh mi le olc,
Cha laigh olc leam,
Ach laighidh mi le Dia,
Is laighidh Dia leam.
Dia agus Crìosd agus Spioraid Naomh,
Da mo dhìon mat Thrì is mar Aon,
Bho chlàr mhullach m’ aodainn gu faobhar mo bhonn.
A Rìgh na grèine agus na glòire,
Ìosa a Mhic na h-Oighe cubhra,
Glèidh-sa sinn a glinn nan deoir,
Is a taigh nan diamha dubhra,
Glèidh sinn a glinn nan deoir,
Is a taigh nan diamha dubhra.
Carmina Gadelica