Mo Thighearna as ro-ghràdhaiche,
Gun robh thu na do lasrach shoilleir mum choinneamh,
Gun robh thu na do rionnag-treòrachaidh as mo chionn,
Gun robh thu na do shlighe chòmhnard fodham,
Gun robh thu na do bhuachaille choibhneil gu mo chùl,
An-diugh – an nochd – gu sìorraidh.
Calum Cille (521-597)
Nam aonar as aonais duine ach thusa, mo Dhia,
Tha mi a’ siubhal air mo shlighe.
Dè a bu choir eagal a chuir orm, nuair a tha thusa faisg
O, A righ na h-oidhche agus a là?
Tha mi nas sàbhailte air taobh a-staigh do làimhe
Na bhithinn nan robh armailt a’ seasamh mu chuairt orm.
Calum Cille (521-597)
Cùm sinne, A Thighearna, nar dùisg gu ìre cho mòr ann an dleastanasan ar gairmean
is gun urrainn dhuinn cadal a dhèanamh na do shìth agus gun dùisg sinn na do ghlòir.
John Donne (1572-1631)
Ar n-Athair, ’s e beatha bheag a th’anns gach là, bàs bìodach anns gach oidhche; cuidich leinn gus a bhith beò le creideamh is dòchas is gràdh. Tog ar dleasdanas as cionn dòrainn; na leig le ar neart fàilligeadh, no ar fradharc a bhith a’ fàs dall, ann an teas agus eallach an là.
A Dhè dèan foighidneach agus tròcaireach sinn le cach-a-chèile ann am frionas agus buaireadh na beatha, a’ cuimheachadh gu bheil gach aon a’ sabaid blàr chruaidh agus a’ coiseachd slighe aonranach.
Thoir maitheanas dhuinn, A Thighearna, ma leòineas sinn ar cò-anman; teagasg dhuinn fuaim-gutha nas socraiche, carthannas nas mìlse de bhriathran, agus làimhseachadh nas comasach air leigheas, a dhèanamh.
Cùm suas sinn, A Dhè, an uair a dh’fheumas sinn coinneachadh ri bròn; thoir misneachd dhuinn airson an là agus dòchas airson am màireach.
Bho là gu là gun robh sinn a’ greimeachadh air do làimh agus a’ coimhead suas nad aghaidh, ge b’ e dè a thachras,
gus am bith ar n-obair deiseil agus ar là crìochnaichte. Amen.
Naomh Francis (1181-1226)
A Thighearna, tog solas d’ aghaidh suas oirnn: deònaich gun robh do shìth a’ riaghladh nar cridheachan; agus gum b’ e sin fhèin ar neart ’s ar n-òran, ann an taigh ar n-eilthireas. Tha sinn gar n-earbsa fhèin gu d’ aire ’s do ghlèidheadh air an là seo; deònaich gun robh do ghràs cumhachdach annainn, agus na leòr dhuinn, agus deònaich gun robh e ag obrachadh annainn an dà chuid: a bhith a’ rùnachadh ’s a’ dèanamh do thoil mhaith fhèin, agus ceadaich cumhachd dhuinn airson uile dhleastanasan an là.
Glèidh sinn bhon a pheacadh; thoir smachd dhuinn thairis air ar spioradan fhèin; agus glèidh sinn bhon a bhith a’ bruidhinn
gu mì-chomhairleach le ar bilean.
Gun robh sinne a’ gabhail còmhnaidh le chèile ann an sìth ’s ann an gràdh naomh, agus gun robh thusa ag àithne do bheannachd fhèin oirnn, fiù’s a bheatha mhaireannach. Ullaich sinn airson uile thachartasan na là; oir chan aithne dhuinn dè a dh’fhaodadh an là thoirt gu bith. Thoir gràs dhuinn airson sinn fhèin àicheadh; airson a bhith a’ gabhail ar crann suas gu làitheil, agus airson a bhith a’ leantainn ann an cas-cheumannan ar Tighearna agus ar Maighistir – Amen.
Mata Eanraig (1662-1741)
Thugadsa, a tha a’ gràdhachaidh na h-uile dhaoine,
tha mi a’ dèanamh cabhaig as dèidh èirigh bho chadal;
tro do thròcair tha mi a’ dol air adhart
airson d’ obair a dhèanamh,
agus tha mi ag ùrnaigh riut:
cuidich leam fad na h-ùine, anns a h-uile nì;
saor mi bho uile nìthean olca an t-saoghail seo
agus bhon a h-uile ionnsaigh aig an diabhal;
sàbhail mi agus thoir gu do rìoghachd shìorraidh mi.
Oir is tusa mo Chruithear,
Fear-buileachaidh agus Fear-solair gach uile nì maith;
annadsa tha m’ uile dhòchas,
agus san dhutsa a tha mi a’ toirt glòir,
an-dràsta agus an còmhnaidh,
agus gu aoisean nan aoisean.
Amen.
Macarius na h-Eiphit (c. 300 – c. 390)
Tha mo chreideamh a’ coimhead suas thugad fhèin.
Thusa Uain Dhè,
A Shlànaigeir dhiadhaidh;
Nis cluinn mi fhad ’s a tha mi ag ùrnaigh,
Thoir mo chiont air fad air falbh,
O leig leam bhon là seo,
A bhith uile-gu-lèir leatsa.
Ray Palmer (1808-87)
Cuimhnich anaim Chrìosdail,
gu bheil agadsa an-diugh,
agus a h-uile là na do bheatha:
Dia airson a ghlòireachadh,
Ìosa airson a leantainn,
Anam airson a shaoradh,
Bodhaig airson a chuir gu bàs,
Peachaidhean airosn aithreachas a dhèanamh mun deidhinn,
Beusan airson an sealbhachadh,
Ifrinn airson a sheachnadh,
Nèamh airson a shealbhachadh,
Sìorraidheachd airson ullachadh air a shon,
Tìm airson buannachd fhaighinn as,
Coimhearsnaich airson an teagaisg,
Saoghal airson fhuathachadh,
Diabhail airson cathachadh nan aghaidh,
Boilean airson an cumail fo smachd,
Bàs, is dòcha, airson a fhulang,
Breitheanas airson a dhol troimhe.
Christopher Smart (1722-71)
O, Fhir-cuideachadh nan uile a tha a’ sireadh cuideachaidh bhuat,
an urrainn gu bheil e nas fheàrr a bhith a’ fantainn sàmhach
mu m’ fheumalachdan, an dòchas gum fuasgail thu bhuam iad?
Chan urrainn dha-rìribh, oir tha thusa –
mo Thighearna agus m’ aoibhneas,
a’ faicinn cho lìonmhor ’s a tha iad,
agus mar a thogas e iad ma bhruidhneas sinn riut mun deidhinn –
gar n-earalachadh gus a bhith ag ùrnaigh riut mun deidhinn,
agus tha thu ag ràdh nach fàillig thu ann a bhith a’ buileachadh.
Teresa Avila (1515-1582)
Dia leam a’ laighe,
Dia leam ag èirigh,
Dia leam anns gach ràth soluis,
Is gun mi ràth son as aonais,
Gun aon ràth as aonais.
Crìosda leam a’ cadal,
Crìosda leam a’ dùsgadh,
Crìosda leam a’ caithris,
Gach aon là is oidhche.
Dia liom a còmhnadh,
Dòmhnach leam a’ riaghladh,
Spiorad leam a’ treòradh,
Gu soir agus sìorraidh, Amen.
Triath nan triath, Amen.
Carmina Gadelica
An Dòmhnach naomh do Dhè
Tabhair do chrè dhan chinne-daoine,
Do d’athair is do d’ mhathair chaomh,
Thar gach aon ’s gach nì san t-saoghal.
Na dèan sainn air mhòr no bheag,
Na dèan tàir air tais no truaigh,
Fiamh an uilc a d’ chòir na leig,
Na tabhair ’s na toill masladh uair.
Na deich fana thug Dia dhut,
Tuig gun dàil iad agus dearbh,
Creid dìreach an Rìgh nan dùl,
Cuir air cùil ùidh thoir a dhealbh.
Bi dìleas da d’ Thighearna-cinn,
Bi dìleas da d’ Rìgh ’s gach eang,
Bi dìleas dhut fhèin a-rìthist,
Dìleas da d’ Àrd Rìgh thar gach dreang.
Na tabhair toibheum do nach air bith,
An earail toibheum a thoir ort fhèin,
‘S ged shiubhladh tu cuar is cith,
Lean cas-cheum Aon-unga Dhè.
Carmina Gadelica