Ùrnaighean airson am Bìoball a leughadh

A Dhè as ro-ghràsmhoire, ar n-Athair nèamhaidh,
a-mhàin anns a bheil lànachd solais agus ghliocas a’ còmhnaidh, soillsich ar n-inntinnean tro do Spiorad Naomh
airson gun tuig sinn d’ fhacal dha-rìribh.
Thoir gràs dhuinn airson a shealbhachadh
gu h-urramach agus gu h-iriosal.
Gun robh e gar treòrachadh
gus a bhith a’ cur ar n-uile earbsa annadsa a-mhàin,
is gus a bhith a dèanamh a leithid de sheirbheis dhutsa,
agus a bhith a’ toirt onair dhut gus a leithid de dh’ìre,
is gun urrainn dhuinn glòir a thoirt gu d’ ainm naomha
agus gum misnich sinn daoine eile
tro a bhith a toirt eisimpleir mhath dhaibh.
Iain Calbhainn (1509-1564)

Deàlraich am broinn mo chridhe, a Mhaighstir ghràdhaich,
solas fìor-ghlan d’ eòlais dhaidhaidh, agus fosgail sùilean m’ inntinn airson gun tuig mi do theagasgan.
Cuir urram annam cuideachd airson d’ àithntean bheannaichte, airson, as dèidh dhomh buaidh fhaighinn thairis air miannan peacach, gun urrainn dhomh leantainn gheur a dhèanamh as dèidh dòigh beatha spioradail, a’ smaoineachadh agus a’ dèanamh na nithean sin uile a tha toileach dhutsa.
Oir is tusa, A Chrìosd mo Dhia, mo sholas, agus thugadsa tha mi a’ toirt glòir cuide ri d’ Athair agus do Spiorad Naomh,
an-dràsta agus gu sìorraidh. Amen.
Litirdi Iain Chriosostam (4mh linn)

A Dhè ghràismhor agus Athair as ro-thròcairiche,
a tha air an t-seud bheairteach is phrìseil as e d’ Fhacal naomh
a thoirt dhuinn:
cuidich sinne le do Spiorad airson gum bi d’ Fhacal air a sgrìobhadh air ar cridheachan airson ar cofhurtachd sìor-mhaireannach, airson ar n-ath-leasachadh, airson ar n-ùrachadh gus a bhith coltach ri d’ ìomhaigh fhèin, gus a bhith gar togail suas anns na beusan choileanta nèamhaidh.
Ceadaich seo, a Athair nèamhaidh, air sgàth Ìosa Crìosd.
Gun urra

Ceadaich dhuinne, a Dhè thròcairich, eòlas agus fìor thuigse dhe d’ Fhacal, airson gum bi fios againn dè as e do rùn, agus cuideachd gun foillsich sinn nar beathanan na nithean sin as aithne dhuinn;
airson nach bi sinn a-mhàin nar daoine a tha a’ tuigsinn d’ Fhacail, ach nar daoine a tha a’ dèanamh d’ Fhacail cuideachd,
tro ar Tighearna agus ar Slànaighear Ìosa Criosd.
Gun urra

A Thighearna, tha thu air d’ Fhacal a thoirt dhuinn mar sholas a’ deàrrsadh air ar rathad;
deònaich gum mheòmhraich sinn air an fhacal sin ann an leithid de dhòigh,
agus gun lean sinn an teagasg aige,
is gun lorg sinn ann an solas a tha a’ deàlradh
nas motha agus nas motha
gus an tig an là iomlan;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Jerome (c. 342-420)

A Thighearna, tha d’ Fhacal mu ar coinneamh,
thoir dhuinn inntinn mhacanta, dhiadhaidh agus
a tha an comas a bhith air a teagasg,
fhad ’s a tha sinn ga leughadh agus ga rannsachadh.
Gun robh thusa, A Spioraid bheannaichte,
na d’ Fhear-teagasg dhuinn.
Deàlraich, A Thighearna, air do dhuilleag naomh fhèin
agus dèan soilleir i dhuinn.
An nì nach fhaic sinn, seall dhuinn,
agus far a bheil sinn ceàrr, cuir ceart sinn.
Thoir cuibhreann air choireiginn dhachaigh gu ar n-anam,
agus mar sinn dèan glic gu slàinte sinn,
tro Ìosa Crìosd ar Slànaighear.
Ashton Oxenden (1808-1892)