An Teiche dhan Èipheit 

Dimàirt

Seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh,  Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èiphit”.
Mata 2:13

 Bha na Draoidhean air Ierusalem fhàgail airson tòiseachadh air an turas dhachaigh, agus chaidh bacadh a chur air Herod bho bhith a’ sgrios an leanaibh Ìosa. Mar sin, a-nis, chaidh a ràdh ri Iòsaph Ìosa ’s a mhàthair fhaighinn agus teiche dhan Èipheit. Tha rudeigin uabhasach tiamhaidh mu Mhac Dhè a bhith a’ tighinn gu bhith na phàiste fhògarraichte ’s mar sin gu bheil e ga ionannachadh fhèin ris a’ mhuinntir sin san t-saoghal a th’ air a h-uile sìon a chall.

 Ach tha Mata a’ mothachadh do rudeigin eile. Tha esan a’ faicinn na teiche dhan Èipheit mar choileanadh dhen Sgriobtar. “Dh’fhan e an sin… airson ’s gun deigheadh an rud a bha an Tighearna air a ràdh tron fhàidh a choileanadh: ‘A-mach às an Èiphit ghairm mi mo mhac.’” (e. 15). Cha b’ ann idir gun robh na briathran seo bho Hosea 11:1 nan ro-innse litireil mu theiche an teaghlaich naoimh dhan Èipheit, oir nan ciad aithris bha iad a’ toirt iomradh air an ecsodus. An àite sin, ’s ann a bha seo mar a bha e a chionn ’s gu bheil Mata a’ faicinn sgeul Israeil ann an sgeul Ìosa. Tha seo follaiseach co-dhiù ann an ceithir dhòighean.

 Mar a bha Israel fo fhòirneart san Èipheit fo riaghladh aintighearnail Phàraoh, mar sin cuideachd bha am pàiste Ìosa na fhògarrach san Èipheit fo riaghladh aintighearnail Heroid. Mar a chaidh Israel tro uisgeachan na Mara Ruaidh, mar sin cuideachd chaidh Ìosa tro uisgeachan-baistidh Eòin ann an Abhainn Iòrdain. Mar a chaidh Israel a dhearbhadh san fhàsach airson ceathrad bliadhna, mar sin cuideachd chaidh Ìosa a dhearbhadh ann am fàsach Iudèa airson ceathrad latha. Agus mar a thug Maois an lagh do dh’Israel bho Shliabh Shinai, mar sin cuideachd thug Ìosa an t-eadar-mhìneachadh fìor agus daingneachadh an lagha dha dheisciobail fhèin bho Shliabh nam Beannachdan.

 Chan urrainn dhuinn ach iongnadh a ghabhail mu fhreastal Dhè anns an ath-aithris seo air pàtran na h-eachdraidh naoimh.

 Barrachd leughaidh: Mata 2:13-18

Fàg freagairt