Dùbhlan Eòin

Disathairne

Ach tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh.

1 Eòin 3:5

Tha sinn a’ tighinn, aig deireadh na seachdain seo, gu aon fhreagairt eile a chaidh a toirt dhan Nollaig, ’s e sin, aon fhreagairt eile a chaidh a toirt do theachd Chrìosd. Tha i gar toirt air ais gu ciad litir Eòin agus gu na sgrìobh esan mu adhbhar-nochdaidh Chrìosd.

Is i 1 Eòin 3:4-9 a’ chuibhreann a th’ aig bun a’ ghnothaich, far a bheil Eòin ag ràdh rudan fìor iongantach. Tha e a’ sgrìobhadh nach eil an Crìosdaidh a’ peacachadh ’s nach urrainn dha peacachadh. Tha feadhainn ann a th’ air na briathran seo a chleachdadh airson teagasg a chruthachadh mu choileantas neo-pheacach. Agus tha tòrr de luchd-aithris air a bhith fo thrioblaid mu na briathran seo, a chionn ’s nach eil iad an co-chòrdadh rim fèin-fhiosrachadh. Is i an fhìrinn gum bi sinn a’ peacachadh, eadhon às dèidh dhuinn eòlas a chur air Crìosd.

Tha sgrùdadh faiceallach air an teagsa seo, ge-tà, a’ cur nar n-inntinn, chan e nach bi Crìosdaidhean a’ peacachadh agus nach urrainn dhaibh sin a dhèanamh, ach nach bi sinn, ’s nach urrainn dhuinn a bhith, a’ leantainn oirnn leis. Mar sin, ge b’ e cuin a pheacaicheas sinn, tha sinn ga chaoidh ’s a’ dèanamh aithreachais, oir tha aomadh coileanta ar beatha an aghaidh a’ pheacaidh agus airson naomhachd. Mar a thuirt Alfred Plummer san leabhar-aithris aige, “Ged a pheacaicheas an creidmheach uaireannan, a dh’aindeoin sin chan e peacadh, ach fuath an aghaidh a’ pheacaidh, a tha na phrìomh phrionnsapal sa bheatha aice no aige.”

Ach dè a bheir brosnachadh dhuinn gus a bhith a’ fàgail a’ pheacaidh ’s a bhith a’ cruaidh-ruith às dèidh fìreantachd? Tha freagairt Eòin soilleir: a bhith a’ cuimhneachadh air adhbhar teachd Chrìosd. Tha e ag ràdh seo dà thuras: “Tha fios agaibh gun do nochd esan gus ar peacaidhean a thoirt air falbh.” (e. 5). A-rithist, “Air a shon seo nochd Mac Dhè, airson ’s gun cuireadh e às do dh’obraichean an diabhail” (e. 8). Mar sin, ma thàinig Crìosd airson gnothach a ghabhail ri ar peacadh, chan urrainn dhuinn smaoineachadh gum bu chòir dhuinn leantainn oirnn a’ cluiche leis. Is e am freagairt a th’ againne dhan Nollaig a bhith beò le beatha a tha uile-gu-lèir an co-chòrdadh ris an nì a bha na phrìomh adhbhar dhàsan a bhith a’ nochdadh air thalamh.

Barrachd leughaidh: 1 Eòin 3:4-9

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

*