Disathairne
Ach tha [na comharraidhean] seo sgrìobhte airson ’s gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a’ creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.
Eòin 20:31
Tha Eòin ag innse dhuinn gur e am prìomh adhbhar a th’ aige airson sgrìobhadh gum faigheadh a luchd-leughaidh beatha tro Chrìosd. Ma tha iad a’ dol a shealbhachadh beatha bho Chrìosd, feumaidh iad creidsinn ann an Crìosd, agus ma tha iad a’ dol a chreidsinn ann an Crìosd, tha Eòin air comharraidhean sònraichte a thaghadh a thogas fianais do Chrìosd. Mar sin tha fianais gar treòrachadh gu creideamh, agus creideamh gu beatha.
Gu dearbha, sa phrìomh àite tha Eòin a’ faicinn a Shoisgeil mar fhianais do Chrìosd. Cha mhòr nach eil, mar gum biodh, a Shoisgeul-san mar shealladh-cùirte agus mar gum biodh Ìosa Crìosd fo bhinn cùirte. Tha sreath de luchd-fianais air an gairm, a’ tòiseachadh le Eòin Baistidh, agus tha an deuchainn a’ leantainn oirre le seachd mìorbhailean a tha nan comharraidhean, agus gach aon dhiubh sin na tagradh dhràmadach.
- Thionndaidh Ìosa uisge gu fìon, ag agairt gun robh e a’ tòiseachadh òrdugh ùr.
- agus 3. Rinn Ìosa dà mhìorbhail slànachaidh, ag agairt gun robh e a’ buileachadh beatha ùr.
- Thug Ìosa biadh do chòig mìle neach, ag agairt gum b’ esan Aran na Beatha.
- Choisich Ìosa air an uisge, ag agairt gun robh cumhachdan nàdair fon ùghdarras aigesan.
- Thug Ìosa fradharc do dhuine a rugadh dall, ag agairt gum b’ esan Solas an t-Saoghail.
- Thog Ìosa Làsaras bho na mairbh, ag agairt gum b’ esan an aiseirigh agus a’ bheatha.
Ach tha taobh eile air fianais Eòin do dh’Ìosa. Tha na seachd comharraidhean, a th’ air an clàradh sa chiad leth dhen t-Soisgeul aige nan comharraidhean air cumhachd ’s air ùghdarras. San dara leth dhen t-Soisgeul, ge-tà, tha Eòin a’ clàradh rudan a tha a’ comharrachadh laigse is irioslachd – an toiseach ann a bhith a’ glanadh chasan nan deisciobal ’s an uair sin sa chrann, a tha Eòin a’ faicinn mar ghlòrachadh de dh’Ìosa.
Airson gèarr-chunntas a bhuileachadh, tha dà leth ri Soisgeul Eòin: Pàirt 1 – Leabhar nan Comharraidhean, agus Pàirt 2 – Leabhar a’ Chroinn-cheusaidh. Ach anns na dhà, tron t-Soisgeul aige air fad, tha Eòin a’ togail fianais do dh’Ìosa airson gun creid an luchd-leughaidh aige annsan ’s mar sin gum faigh iad beatha bhuaithe.
Barrachd leughaidh: Eòin 20:30-31; 21:25