Eòin , Pàirt 2 – Iòsa Fear-buileachaidh na Beatha

Disathairne

 Ach tha [na comharraidhean] seo sgrìobhte airson ’s gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a’ creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.
Eòin 20:31

 Tha Eòin ag innse dhuinn gur e am prìomh adhbhar a th’ aige airson sgrìobhadh gum faigheadh a luchd-leughaidh beatha tro Chrìosd. Ma tha iad a’ dol a shealbhachadh beatha bho Chrìosd, feumaidh iad creidsinn ann an Crìosd, agus ma tha iad a’ dol a chreidsinn ann an Crìosd, tha Eòin air comharraidhean sònraichte a thaghadh a thogas fianais do Chrìosd. Mar sin tha fianais gar treòrachadh gu creideamh, agus creideamh gu beatha.

 Gu dearbha, sa phrìomh àite tha Eòin a’ faicinn a Shoisgeil mar fhianais do Chrìosd. Cha mhòr nach eil, mar gum biodh, a Shoisgeul-san mar shealladh-cùirte agus mar gum biodh Ìosa Crìosd fo bhinn cùirte. Tha sreath de luchd-fianais air an gairm, a’ tòiseachadh le Eòin Baistidh, agus tha an deuchainn a’ leantainn oirre le seachd mìorbhailean a tha nan comharraidhean, agus gach aon dhiubh sin na tagradh dhràmadach.

  1. Thionndaidh Ìosa uisge gu fìon, ag agairt gun robh e a’ tòiseachadh òrdugh ùr.
  2. agus 3. Rinn Ìosa dà mhìorbhail slànachaidh, ag agairt gun robh e a’ buileachadh beatha ùr.
  3. Thug Ìosa biadh do chòig mìle neach, ag agairt gum b’ esan Aran na Beatha.
  4. Choisich Ìosa air an uisge, ag agairt gun robh cumhachdan nàdair fon ùghdarras aigesan.
  5. Thug Ìosa fradharc do dhuine a rugadh dall, ag agairt gum b’ esan Solas an t-Saoghail.
  6. Thog Ìosa Làsaras bho na mairbh, ag agairt gum b’ esan an aiseirigh agus a’ bheatha.

 Ach tha taobh eile air fianais Eòin do dh’Ìosa. Tha na seachd comharraidhean, a th’ air an clàradh sa chiad leth dhen t-Soisgeul aige nan comharraidhean air cumhachd ’s air ùghdarras. San dara leth dhen t-Soisgeul, ge-tà, tha Eòin a’ clàradh rudan a tha a’ comharrachadh laigse is irioslachd – an toiseach ann a bhith a’ glanadh chasan nan deisciobal ’s an uair sin sa chrann, a tha Eòin a’ faicinn mar ghlòrachadh de dh’Ìosa.

 Airson gèarr-chunntas a bhuileachadh, tha dà leth ri Soisgeul Eòin: Pàirt 1 – Leabhar nan Comharraidhean, agus Pàirt 2 – Leabhar a’ Chroinn-cheusaidh. Ach anns na dhà, tron t-Soisgeul aige air fad, tha Eòin a’ togail fianais do dh’Ìosa airson gun creid an luchd-leughaidh aige annsan ’s mar sin gum faigh iad beatha bhuaithe.

 Barrachd leughaidh: Eòin 20:30-31; 21:25

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

*