Aig deireadh sheirbheisean

L.M. LAOIDH 17

1 O Thighearn, thig a-nuas is gabh,
Tro chreidimh, còmhnaidh anns gach cridh’,
Airson ’s gum fiosraich sinn fa-leth,
Sòlas do-labhairt agus sìth.

2 Thig agus lìon ar crìdh’ le neart,
Is comas thoir dhar n-an’ma seach,
Gus breathnachadh air àird’ is doimhn’
Do ghràidh-sa tha neo-chrìochanach.

3 A-nis, dhan Dia ’nì air ar son
Fada os cionn na ’s aithne dhuinn,
Tro Ìos’, a Slàn’ghear is a Ceann,
Biodh glòir on Eaglais feadh gach linn.

LM. LAOIDH 32

1 Seall, aig an dorus coigreach sgìth!
Bhuail e gu sèimh a-rìs ’s a-rìs;
Caraid le gnùis mar aon ri caoidh,
’S a chiabhan fliuch le dealt na h-oidhch’.

2 Ach caraid an e th’ ann gun bhrèig?
An t-aon a-mhàin a nì dhut feum;
An duine sin d’ an goirear Ìos’,
Le ’èideadh dearg o Chalbhari.

3 O àilleagan gach linn is àil,
Le làmhan sgaoilt is cridhe blàth;
O gràdh gun smal a thug ann buaidh,
‘S an gràdh sin nochdte dha luchd-fuath’!

4 Grad fhosgail dha, oir fear a ghaoil,
Cuid oidhche riamh cha d’ iarr o dhaoin’;
Cha mhò is lèir do dhaoin an tràths’,
An sògh-san leis a bheil e ’tamh.

5 Grad fhosgail dha mu ’n èirich ’fhearg,
’S mu ’m falbh e uat na ’chorraich dheirg;
Grad fhosgail dha no ’n ùine gheàrr,
Na ’làthair seasaidh tu le nàir.

6 A Rìgh nan Dùl, a Phrionns’ na Sìth,
Do rioghachd thigeadh anns gach tìr;
Fosglaibh an dorus dha, gach aon,
’S fo bhrataich gabh-sa, chinne-dhaonn’.

C.M. LAOIDH 47

1 ’S beannaichte gach uile shluagh
A chluinneas fuaim cho ait
Ri Soisgeul naomha Aon Mhac Dhè,
’S a bheir dha gèill le tlachd.

2 An sìth ’s an sòlas gluaisidh iad,
Gach uair an sealladh Dhè;
’S am fìreantachd an Slàn’gheir chaoimh,
An dòchas bidh ’s gach ceum.

3 Oir gheibh iad uatsa gràs, a Dhè,
Is nì thu dhuibh an t-iùl;
Bi ait, O Israel, nad Rìgh,
Is tog gu h-àrd a chliù.

L.M. LAOIDH 48

1 A Shlàn’gheir ghràidh, mo ghrian is tu!
Chan oidhch’ ach là nuair bhios tu dlùth;
Na h-èireadh neula talmhaidh, dùmh’l,
Ga d’ fhalach ’mach o bheachd mo shùl.

2 Nuair thuiteas dealt a’ chadail chiùin,
’S gu sèimh mo rosgan sgìth gun dùin,
Laigheam le sòlas làn dhen smuain,
Gu bràth bhi sìnt’ air uchd an Uain!

3 Fan leam o mhoch gu laighe grèin –
Cha bhi mi beò as d’ eugmhais fhèin;
Fan leam Nuair bhios an oidhch’ a’ fàs –
As d’ eugmhais O na faigheam bàs.

4 Aon leanabh seachrain bochd, an-diugh,
Ma chuir, le tarcuis, cùl ri d’ ghuth,
Na anam tòisich obair ghràis,
Ga dhùsgadh o chlos peacaidh ’s bàis.

5 An t-euslan fair; air bochd dèan fòir,
Le beannachdan neo-ghann do stòir;
Biodh cadal luchd a’ bhròin a-nochd,
Mar chadal naoidhein shèimh gun lochd.

6 Bi leinn nuair dh’fhosglas sinn ar sùil;
Tron t-saogh’l bi fhèin dhuinn nad fhear-iùil,
Gus, ann an cuan gun chrìch do ghràidh,
Am faighear sinn an Riogh’chd an Àigh.

C.M. LAOIDH 90

1 Air sgàth an tì dha bheil mo ghràdh,
A Dhè, gabh dhiomsa truas;
Mar ìobairt-fheasgair ann ad làth’r,
Nis èireadh m’ ùmaigh suas.

2 Tre chunnartan an là gu lèir,
Do ghnùis rinn dòmhsa iùl;
Bho d’ shaibhreas fhritheil thu air m’ fheum,
Is m’ easbhaidh chuir air chùl.

3 O dòirt gu pailt do ghràs a-nuas,
Is dèan mi nuadh as ùr;
Thoir dhomh beò-chreideamh anns an Uan,
A thogas suas on ùir.

4 Mar sin air m’ ùrach’ à do stòr,
Laigheam gu fòil an suain;
Is ìnnleachd nàmh cha tig am chòir,
’S mi ’n uchd a’ ghràidh bhith-bhuain.

8.7.8.7.8.7. LAOIDH 143

1 Thriath, led bheannachd cuir fa-sgaoil sinn,
lìon ar crìdh’ le gean is sìth;
Biodh do ghràdhsa aig gach aon dinn,
’S uaill nad ghràs nì sinn gun dìth;
Ùraich fhèin sinn,
Air ar slighe trìd an t-saogh’l.

2 Glòir is moladh bheir sinn dutsa
Air son fuaim an t-Soisgeil àigh;
Gim robh toradh pailt do shlàinte
Ann ar crìdh’ ’s nar beatha-ghnàth;
Is do làithreachd
Bitheadh leinn a-nis ’s gu bràth.

8.7.8.7. LAOIDH 200

1 Ìosa, ’Bhuachaill chaoimh, dèan m’ èisteachd;
Seall le gràdh air d’ uan beag fhèin;
Rè na h-oidhche bi nad thèarmann,
’S dèan mo dhìon gu èirigh grein’.

Rè an là rinn thu mo stiùireadh;
Dhutsa buinidh cliù gu bràth;
Fhuair mi aodach ’s biadh fod chùram,
M’ ùrnaigh-fheasgair èist le bàigh.

M’ uile pheacadh math gu gràsmhor;
Glèidh mo chàirdean ’s mo luchd-dàimh;
Aig mo chrìch thoir mi gu sàbhailt,
Leat an àird gu d’ àite-tàimh.

7.7.7.5. LAOIDH 316

1 Athair Naoimh, dèan ait ar triall
Le do ghràdh nì soills’ gach ial;
Deònaich dhuinn, nad mhaitheas fial,
Soills’ aig crich an là.

2 Shlàn’gheir Naoimh, cuir uainn gach fiamh,
Nuair tha ’n saogh’l a’ call a sgiamh’;
Deònaich dhuinn, ’s sinn aosmhor, liath,
Soills’ aig crìch an là.

3 Spioraid Naoimh, bi thusa leinn,
Nuair bhios againn cràdh is teinn;
Deònaich dhuinn, a’ dol tron tuinn,
Soills’ aig crìch an là.

4 Thrianaid bheannaichte nam buadh,
Teichidh duibhr’ od làth’r gu luath,
’S anns gach ionad chì do shluagh
Soills’ aìg crìch an là.

L.M. LAOIDH 317

1 Nochd seinneam moladh Dhè gu binn,
Airson an là le mhaithis ghrinn’;
Mo choimhead dèan, a Rìgh na Glòir’,
Gu slàn fo sgàil do sgiathan mòr’.

2 Maith dhomh, a Dhia, air sgàth do Mhic,
Na h-uilc a rinn mi ’n diugh cho tric;
Rim Dhia, rium fhèin, rim chaomh, ’s rim nàmh’,
Bitheam aig sìth mun gabh mi tàmh.

3 Mo bheatha òrdaich son ’s nach càs
No eagal leam an uaigh no ’m bàs;
’S mo bhàs, airson ’s, le buaidh on fhòid,
Gun èirich mi air Là do Mhòid.

4 Ort dèanadh m’ anam tàmh gu ciùin;
Le cadal sèimh mo rosgan dùin –
Cadal om faigh mi ùrachd trèin’,
Gus barrachd seirbheis ’thoirt dhut fhèin.

5 San oidhch’, nuair thrèigeas cadal mi,
Le smuaintean nèamhaidh lìon mo chrìdh’;
Na bristeadh aisling olc mo thàmh,
No fiamh ro fheartan dubh’ an Nàimh.

Molaibh, uil’ fhineachan chlann-daoin’,
An Triath, on sruth gach maitheas caoin;
Molaidh air nèamh, ainglean caomh’,
An t-Athar, am Mac, ’s an Spiorad Naomh.

10.10.10.10. LAOIDH 326

1 Shlan’gheir as ùr, dhad ainm ro chùbhraidh, gaoil,
Seinnidh sinn còmhla ’n àm dhuinn dol fa sgaoil;
Nis, aig co-dhùnadh, seasaidh sinn le chèill,
’Feitheamh le h-ùmhlachd facal sìth do bhèil.

2 Tron oidhch’ ’tha dlùth dhuinn biodh do shìth-sa leinn;
Tionndaidh ar duibhre gus an soillse grinn;
D’ òglaich o bheud ’s o chunnart dìon led làimh,
Oir ann ad shùilean ’s ionann oidhch’ is là.

3 Sìochaint ar Dè leinn ’dol dhar dachaidh chaoimh;
Thòisich an là leat, ’s bidh a chrioch dhut naomh;
Glèidh-sa gach beul o olc ’s gach crìdh’ o nàir’,
’Dh’aslaich nad ainm ’s a chrom an seo nad làth’r.

4 Rè fad ar cuairt san t-saogh’l thoir dhuinn do shìth,
Ìocslaint ar bròin ’s ar tèarmann anns an strì;
’S tràth bheir thu sinn gu ceann ar còmhstri dhèin,
Gairm sinn, a Dhè, gu sìth bhith-bhuain leat fhèin.

6.5.6.5. LAOIDH 379

1 Nis tha ’n latha seachad,
’S feasgar ’ciaradh nuas,
’S neula tiugh na h-oidhche
Anns an iarmailt shuas.

2 Nis tha ’n dorch’ a’ laighe,
’S rionnag air an speur;
’S tha luchd-tàimh na coille
’Dol mu thàmh gu lèir.

3 Ìosa, thoir dhan ànrach
Cadal fallain, ciùin;
Sùilean beag’ do leinibh,
Le do bheannachd dùin.

4 Aislingean gun bhuaireas
Deònaich fhèin dhad uain;
Coimhid an luchd-mara,
Mach air uchd a’ chuain.

5 Beannaich dream tha faire
Muinntir thinn ’s fo phian;
Dream tha ’n tì air droch-bheart,
Gleidh om peacadh dian.

6 Rè na h-oidhche faide,
Sgaoileadh d’ ainglean naomh’
Sgiathan geala tharainn,
’S faireadh iad r’ ar taobh.

7 ’S Nuair a thig a’ mhadainn,
Èiream leas a’ ghrèin,
Ùrail, glan, ’s neo-lochdach
Ann ad shùilean fhèin.

8.11. LAOIDH 382

1 Cia baigheil àithntean Dhè,
Cia sèimh a reachdan naomh’!
Ur n-uallach cuiribh air an Triath,
’S earbaibh à ’chùram caomh.

2 An taic’ ri ’fhreastal caoin,
A naoimh, gun airc, nì tàmh;
An tì dham buin a’ chruitheachd mhòr,
Stiùraidh e ’chlann le ’làimh.

3 C’ uime bhiodh tu ’caoidh,
’S fo uallach-anma sgìth?
Ruig cathair-rìoghail d’ Athar naoimh,
’S faigh comhfhurtachd gun dìth.

4 A mhaitheas mòr o chian,
Tha soilleir do gach linn;
Gach uallach cuiream sìos na làth’r,
Is togam òran binn.

7.7.7.7. LAOIDH 392

1 Dhia na Sìth’ a thog on uaigh,
’Rìs Àrd-Bhuachaille an treud –
Ìosa, Rìgh is Ceann a shluaigh –
Dìonadh e ar n-anm’ o bheud.

2 Dèanadh esan coileant’ sinn
Anns gach gnìomh ’bhios taitneach dha,
Gus a thoil gun dèanar leinn,
’S gleidheadh sinn gach oidhch’ is là.

3 Esan ’chuir ’s a’ chùmhnant seul,
Le ’fhuil fhèin – ar Slàn’ghear gaoil –
’Chliùsan biodh gach cridh’ ’s gach beul
’Cur an cèill gu saogh’l nan saogh’l.

8.7.8.7.D. LAOIDH 393

Teàrnadh oirnn a-nis à Flaitheas,
Gràs ar Triath ’s ar Slàn’gheir chaoimh;
Gràdh an Athar Mhòir ’s a mhaitheas;
’S deagh-ghean grinn an Spioraid Naoimh;
Gus an tèid ri chèil’ ar n-aonadh,
’S ri ar Triath, le ceangal gràidh,
Is gum mealar leinn, gun chaomhnadh,
Sìth is aobhachd Tir-an-àigh.

Fàg freagairt