Amannan is Ràithean

C.M. LAOIDH 102

1 O Dhè, ar cobhair anns gach linn,
Ar dòigh san tim ri teachd,
Ar didein thu on ghaillinn ghèir,
’S ar dachaidh shior, gu beachd!

2 Fo dhubhar sgàil do chathair-Rìgh,
Do naoimh an sìth ghabh tamh;
Is leòir do ghàirdean treun g’ ar dìon,
‘S chan aobhar-fiamh’ leinn nàimh.

3 Mu ’n d’ sheas na cnuic an òrdugh grinn,
’S mu ’n d’ dhealbhadh fonn is cuan,
Bho shìorraidheachd gu linn nan linn,
Is tusa ’n Dia bith-bhuan.

4 Oir mìle linn nad shealladh fhèin
Mar an là dè a tha;
Mar cheò na fàire thèid an cèin,
Aig èirigh grèin’ an àird.

5 Tha tìm mar shruthan siùbhlach, cas,
’Toirt leis gu bras gach neach
Do thir na diochuimhn, ’s thèid iad às,
Mar thèid an aisling seach.

6 O Dhè, ar cobhair anns gach linn,
Ar dòigh ’s an tim ri teachd,
’S gach teinn bi fhèin dhuinn nad fhear-dìon,
’S ar dachaidh shìor, gu beachd.

L.M. LAOIDH 181

1 Airson do thèarmainn is do ghràis,
’Bha rè na bliadhna nis a thrèig,
Gar cumail suas ’s gach uile chàs,
R’ ar n-òran-molaidh èist, a Dhè.

2 An àm ar laigse is ar bròin,
Bi fhèin nad thaic ’s nad shòlas dhuinn,
’S tron fhàsach iomrall fosgail ròd;
Air ceum na beatha treòraich sinn.

3 Cò dhinne ’shiùbhlas tron ghleann dorch,
Mu ’n tèid a’ bhliadhna seo a-sìos?
Agads’ tha fios; O biodh do lorg
Na taic ’s na furtachd dha na ’crìch.

4 Dèan sinne trèibhdhireach is naomh;
Dhut fhèin, a-ghnàth, O gleidh sinn dlùth;
Bi dhuinn mar neart ’s mar chobhair chaoimh,
Is deasaich sinn airson a’ chrùin.

5 Mar sin, nad lùchuirt àlainn shuas,
Bheir sinn dhut cliù air teudan òir;
’S tu Rìgh nan Rìgh, Àrd-Thriath nan sluagh,
Dham buin a-mhàin gach cliù is glòir.

S.M. LAOIDH 193

1 Bu ghrinn a luaisg am bàrr,
An Cànaan àillidh, uain’;
Nuair ghluais gu h-ait, air madainn àigh,
A’ chuideachd chun na buan’.

2 Do Dhia a’ mhaithis chaoimh
Togaidh iad cliù mar ’s còir,
Is ìocaidh iad, na theampall naomh,
A’ chuid is fheàrr dhen stòr.

3 Seo’ n t-òrdugh ’labhair Maois,
Òglach lehòbha mhòir,
“Do Dhia a’ chiad chuid measar naomh,
’S gheibh mac an duine ’n còrr.”

4 Ar cuid, air tùs, nad làth’r,
Ìocamaid mar an cèudn’;
Is bitheamaid gu crìch ar là,
Nar cloinn ro chaomh dhut fhèin.

5 Ar n-òige gabh, ’s ar trèin’,
Ar beatha, is gach buaidh;
Bi leinn gu moch aig èirigh grèin’,
’S aig feasgar crìoch ar cuairt

6 Le gliocas biodh ar fàs,
Mar thèid ar làithean seach;
’S nad Eaglais molaidh sinn thu ’n tràths’,
’S led naoimh gu h-àrd nad theach.

7.7.7.7. LAOIDH 250

1 Molaibh, molaibh Dia, ar Rìgh,
Seinnibh moladh dha gun sgìos!
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

2 Moladh dhàsan rinn a’ ghrian,
’Riaghladh nan tràth gach ial:
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

3 Agus gealach àigh na h-oidhch’,
’Sgaoileadh solas tlàth a soills’:
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

4 Dia ’chuir frasan nuas on aird,
Son gun cinneadh dhuinn am bàrr:
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

5 Thug dhan achadh àithn’, gu beachd,
Toradh luachmhor a thoirt seach:
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

6 Molaibh Dia an fhoghair àigh,
Dia a bhuilich saibhlean làn’:
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

7 Dia ’thug lòn is feàrr gu mòr,
Gealladh sonais àird an Glòir!
Chionn gum mair a thròcair chaomh,
Daingean, fìor, gu saogh’l nan saogh’l.

Glòir gun robh dhar Rìgh gun stad;
Glòir on chruthachadh air fad;
Glòir dhan Athair, ’s dha Mhac caomh,
Glòir dhan Spiorad – Trì-an-aon!

Faodar an rann deireannach seo a chleachdadh mar beannachadh aig ceann na seirbhis cuideachd.

7.7.7.7. LAOIDH 375

1 Nis tha ’n geamhradh air gach taobh,
’S nàdar teann fon reothadh chruaidh;
’S fuaraidh, lom, gach lus is craobh,
’S gach sìon aognaidh mar an uaigh.

2 Chan ’eil e ach mar an dè
Bhon a rìoghaich samhradh uain’,
Bhon a chruinnicheadh am feur,
’S on a chrìochnaicheadh a’ bhuain.

3 Làithean grianach dh’imich uainn;
So mar thèid ar bliadhnaidh às,
Aon air sàiltean aoin, gu buan,
’S iad nas luaith’ na chèile bras.

4 Tha ar beatha breòite, geàrr;
’S faisg an geamhradh is an t-eug;
’S mar an duilleag, seargt’ air làr,
Tuitidh sinne bhàrr nan geug.

5 Ach nì ’n talamh dùsgadh suas;
Tillidh rithist dreach nam flùr,
’S èiridh nàdar às an uaigh,
Beò le beatha ghlòrmhoir, ùir.

6 Dhuinne fòs, an dèidh ar fois,
Thig àm-dùsgaidh aoibhneach, mòr,
’S gheibh ar feòil an dòchas clos
Gu ruig earrach buan na Glòir’.

Fàg freagairt