Mata, Pàirt 1 – Ìosa an Crìosd

Didòmhnaich

 Thachair seo uile airson ’s gun deigheadh an rud a thuirt an Tighearna tron fhàidh a choileanadh.
Mata 1:22

 Tha Mata a’ foillseachadh Ìosa mar Chrìosd, am Mesiah ris an robhar a’ feitheamh airson ùine mhòr, anns an robh geallaidhean Dhè air an coileanadh. B’ e an ràdh a b’ fheàrr leis, a tha a’ nochdadh aon turas deug san t-soisgeul aige, le eadar dhealachadh beag no dhà: “A-nis thachair seo airson gum biodh na bha sgrìobhte anns na fàidhean air a choileanadh.”

 Tha e freagarrach, mar sin, gun tòisicheadh Mata a Shoisgeul le sloinneadh Ìosa, far a bheil e a’ leantainn na loidhne rìoghail ’s a’ cur cuideam sònraichte air Abrahàm, athair bunaideach Israeil, agus Daibhidh, sinnsear a’ Mhesiah a bhiodh na “Mhac do Dhaibhidh.”

 Tha cuspair a’ choileanaidh air fhoillseachadh san dòigh as soilleire le mar a thòisich Ìosa rìoghachd Dhè. Tha an ceathrar shoisgeulaichean a’ sgrìobhadh gun do rinn e aithris air an rìoghachd, ach bha cuideam sònraichte aig Mata dha thaobh. Ann an ùmhlachd do cho ain-deònach ’s a bha na h-Iùdhaich an t-ainm naomh aig Dia fhuaimneachadh, an àite sin tha Mata a’ cleachdadh, “rìoghachd nèimh” (mu chaogad turas). Thuig e cuideachd gu bheil an rìoghachd an dà chuid ann an-dràsta mar fhìorachd agus gu bheil e na nì a thathar a’ sùileachadh san àm ri teachd.

 Chlàr Mata, agus Lùcas cuideachd, aon dhe na h-abairtean as iongantaiche a bh’ aig Ìosa:

Is beannaichte ur sùilean-se, oir tha iad a’ faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a’ cluinntinn. Oir, gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh, gum b’ iomadh fàidh agus fìrean a mhiannaich na rudan fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, ach nach fhaca iad, agus na rudan a chluinntinn a tha sibhse a’ cluinntinn, ach nach cuala iad.
Mata 13:16-17

 Ann am briathran eile, bha fàidhean an t-Seann Tiomnaidh beò aig àm an t-sùileachaidh; bha na h-abstoil beò aig àm a’ choileanaidh. Bha na sùilean acasan dha-rìribh a’ faicinn, ’s na cluasan aca dha-rìribh a’ cluinntinn, na bha a’ mhuinntir a bha romhpa a’ miannachadh a chitheadh ’s a chluinneadh iadsan. Mar sin chan eil Mata a’ dealbh Ìosa gu ìre cho mòr mar fhàidh eile – aon neach-fàisneachd eile ann an leantainneachd fhada nan linntean – ach an àite sin mar choileanadh de dh’uile fhàideadaireachd. Tha Mata cuideachd a’ faicinn Ìosa mar neach a tha a’ toirt aghaidh air Israel leis a’ ghairm dheireannach gu aithreachas ’s mar neach a tha cheana a’ tòiseachadh air Israel ùr a chruthachadh, le a dhà abstol dheug a’ lìonadh àite dà threubh dheug Israeil.

 Barrachd leughaidh: Mata 23:37-39

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

*