Mata, Pàirt 2 – Ìosa an t-Eadar-nàiseantach 

Diluain

 Tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on Ear ’s on Iar agus gun suidh iad còmhla ri Abrahàm, Ìsaac is Iàcob ann an rìoghachd nèimh.
Mata 8:11

 Chunnaic sinn an-dè gu bheil Mata a’ dèanamh dealbh de dh’Ìosa mar Iùdhach. Gu dearbha, tha e a’ dèanamh aithris air mar am Mesiah ris am b’ fhada a bha iad a’ feitheamh. Chan urrainn deasbaireachd a bhith ann mu cho Iùdhach ’s a bha e. Bha Ìosa air a bhogadh san t-seann Tiomnadh. Chunnaic e e fhèin mar choileanadh de uile fhàideaireachd an t-Seann Tiomnaidh.

 A bharrachd air sin, tha Mata a’ clàradh dà àm, air nach deach aithris a dhèanamh sna Soisgeulan eile, far a bheil Ìosa a’ coimhead mar gu bheil e ciontach de nàiseantachd no ro-bhreith cinnidh. Sa chiad àite, a’ dèanamh aithris air a’ mhinistrealachd aige fhèin, thuirt Ìosa, “Cha deach mo chur ach dìreach gu caoraich chaillte thaigh Israeil” (15:24). San dara h-àite, a’ dèanamh aithris air ministrealachadh nan deisciobal aige thuirt e riutha, “Na rachaibh gu slighe nan Cinneach … ach an àite sin thallaibh gu caoraich chaillte taigh Israeil” (10:5-6).

 Ach cha robh an seo ach cuingealachadh eachdraidheil. Bha Ìosa a’ toirt a’ chothroim mu dheireadh do dh’Israel. Ach chuir e ri seo sa bhad gum biodh na deisciobail aige, na b’ fhaide air adhart, “mar fhianais … dha na Cinnich” (e. 18). Agus aig toiseach an t-Soisgeil aige fhèin chlàr an t-aon Mhata a chlàr na h-abairtean ud mu “chaoraich chaillte” Israeil cuideachd tadhal nan Draoidhean a bha nan Cinnich, agus aig deireadh an t-soisgeil sin chlàr e a’ bharantas mhòr, “dèanaibh deisciobail dhen a h-uile nàisean” (28:19). Mar sin, ged is e dealbh Mhata de dh’Ìosa am fear as Iùdhaiche dhe na ceithir dealbhan, bhiodh e eu-comasach ìomhaigh a dhèanamh de dh’Ìosa mar gun robh e ciontach ann an dòigh sam bith de phròis-cinnidh no ro-bhreith. Air a’ chaochladh, rinn Ìosa soilleir gum b’ e dùthaich eadar-nàiseanta a bhiodh san Israel ath-ùraichte:

 Tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on Ear ’s on Iar agus gun suidh iad còmhla ri Abrahàm, Ìsaac is Iàcob ann an rìoghachd nèimh.
Mata 8:11

 Barrachd leughaidh: Mata 28:16-20

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

*