Meòrachadh Eòin 

Dihaoine

 Chuir an t-Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t-saoghail.
1 Eòin 4:14

 Tha e cha mhòr gu tur cinnteach gun robh Eòin beò gu fìor sheann aois agus gum b’ esan an t-abstol mu dheireadh a bha beò. Mar sin bidh e math am meòrachadh abaich aigesan mu mhìneachadh ’s mu adhbhar a chuirp-ghabhail a chluinntinn: “Chuir an t-Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t-saoghail.” ’S e abairt soilleir mun Nollaig a th’ ann, far a bheil ceithir ainmearan a’ seasamh a-mach: Chuir an t-Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t-saoghail.

 Is e an saoghal an abairt a th’ aig Eòin airson sòisealtas gun Dia. Tha seo mì-thaitneach do Dhia agus fon bhreitheanas aige.

 Tha an Slànaighear a’ foillseachadh gu bheil feum aig an t-saoghal air slàinte. Oir, ged a bhuineas na faclan peacadh agus slàinte do stòr-fhaclan thraidiseanta a tha a’ maslachadh cuid ’s a’ cur cuid eile tuathal, chan urrainn dhuinn an cath air falbh. ’S e saorsa a th’ ann an slàinte – saorsa bho chiont, bho bhreitheanas, bho fhèin-chùram, bho eagal is bho bhàs.

 Is e a th’ anns a’ Mhac ach an Slànaighear a tha a dhìth oirnn, oir is esan an dà chuid Dia agus duine. Tha àm breith aige a tha sinn a’ mealtainn aig an Nollaig, agus ’s e a bhàs-san an t-aon bhunait air an urrainn do Dhia ar mathadh an-diugh. Oir, airson aithris a dhèanamh air aon eile dhe na h-abairtean geàrr-chunntachail aig Eòin, chuir Dia “a Mhac uaithe mar ìobairt-rèite airson ar peacaidhean” (e. 10).

 A bharrachd air sin, ’s e an t-Athair a chuir a Mhac a-mach airson a bhith na Shlànaighear dhan t-saoghal. Cha tàinig am Mac a rèir a cho-chòrdaidh fhèin. Cha bu mhotha a spìon e slàinte bho Athair a bha ain-deònach a bhuileachadh. Cha b’ ann mar sin a bha e idir; chuir an t-Athair a-mach e. Na mhòr ghràdh ghabh an t-Athair a’ chiad cheum. Oir, ann a bhith a’ tabhann a Mhic, bha e ga thabhann fhèin.

Barrachd leughaidh: 1 Eòin 4:7-16

Leave a Reply

Your email address will not be published. Required fields are marked *

*