Ùrnaighean Molaidh Choitcheann

A Thighearna, ar Dia, Mòr, sìorraidh, mìorbhaileach ann an glòir,
a tha a’ glèidheadh co-cheangal agus geallaidhean
dhaibhsan a tha ga do gràdhachadh le an uile chridheachan;
as e Beatha nan uile, Cuideachadh dhaibhsan a tha a’ teiche thugad, agus Dòchas nam muinntir a tha a’ glaodhaich riut;
glan sinne bho ar peacaidhean, dhìomhair agus fhollaiseach,
agus bhon a h-uile smuain nach eil a’ toileachadh do mhathas-sa,
glan ar bodhaigean agus ar n-anman, ar cridheachan agus ar cogaisean, airson, le cridhe fìor-ghlan agus anam shoilleir,
le gràdh coileanta agus dòchas chiùin,
gun deidheamaid le cìnnteas, agus gun eagal,
airson ùrnaigh a dhèanamh riut-sa – Amen.
Litirdi Coptach an Naoimh Basil

A Dhè Shìorraidh, tearmann do chloinne gu lèir,
Nar laigse is tusa ar neart,
Nar dorchadas ar solas,
Nar bròn ar cofhurtachd agus sìth.
Gun robh sinn an còmhnaidh beò na do làthaireachd,
Agus a’ dèanamh seirbheis dhut nar beathanan làitheil;
Tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Boniface (c. 675-754)

 

O, A Dhè Uile-bharrachdail, dè na briathran as urrainn do mholaidhean a laoidh? Chan urrainn briathran sam bith ceartas a dhèanamh dhut. Dè an inntinn a tha an comas a dhol a-steach na do dhìomhaireachd? Chan urrainn inntinn sam bith do chuartachadh. Tha thusa a-mhàin thairis iar comas cainnt, ach a dh’aindeoin sin tha na h-uile a chanas sinn a’ faighinn a bhunait annadsa. Tha thùs a-mhàin thairis air comas smaoineachaidh, ach tha a h-uile nì as urrainn dhuinne saoilsinn ag èirigh bhuatsa. Tha na h-uile nithean ga do ghairm, an fheadhainn sin air an do bhuilicheadh reusan agus iadsan a tha as aonais.
Tha uile dhòchas agus chràdh an t-saoghail a’ measgachadh annadsa. Tha na h-uile nithean a’ cantainn ùrnaigh riutsa, laoidh shàmhach a chuir thusa an cèill. Tha thu a cumail suas a h-uile ni a tha ann am bith, agus tha na h-uile nithean a’ gluasad còmhla gu d’ òrduighean-sa. Is aon thusa agus is tusa na h-uile, ach a dh’aindeoin sin cha tusa gin dhe na nithean a tha ann am bith – air aon làimh ann am pàirt no ann an coileantas.
Is urrainn dhut ainm sam bith fhaighinn dhut fhèin; dè a ghabhas mo ort, an t-aon nach eile an comas a bhith air d’ ainmeachadh?
A Dhè uile-bharrachdail!
Griogair Nasiansein (329-389)

Ceadaich dhar bilean a bhith làn le do mholadh, A Thighearna, airson gun seinn sinn mu do ghlòir,
a chionn gu bheil thu air sealltainn oirnn mar airidh a’ bhith a’ gabhail pàirt na do dhìomhaireachdan naomh, dhiadhaidh, neo-bhasmhor agus beatha –bhuileachail: glèidh thusa sinn na do naomhachd, airson gun ionnsaich sinne mu d’ fhìreantachd
fad an là fhada.
Aleluia. Aleluia, Aleluia.
Litirdi Iain Chrìosostam agus Bhasail Mhòir

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach