1. Fosgladh na seirbhis
Abradh am ministear:
Dèanamaid adhradh do Dhia.
2. Salm no Laoidh (Leithid Salm 100 no Salm 43: 3 – 5)
3. Earrainnean as na Sgriobtairean
Faodaidh am ministear earrainnean a leughadh; mar eisimpleir:
Is beannaichte an dream
air a bheil acras agus tart na còrach:
oir sàsaichear iad. (Mata 5: 6)
Glacaidh mi cupan na slàinte,
agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. (Salm 116: 13)
O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna;
is beannaichte an duine sin a dh’earbas as. (Salm 34: 8)
4. Ùrnaigh
Abradh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.
A Dhè Uile-chumhachdaich,
da bheil gach cridhe fosgailte,
gach miann aithnichte,
agus o nach eil nì uaigneach sam bith falaichte;
glan smuaintean ar cridheachan
le deachdadh do Spiorad Naoimh,
a chum gun toir sinn gràdh iomlan dhut,
agus gun àrd-mhol sinn gu h-iomchaidh d’ainm naomh,
tre Chrìosd ar Tighearna.
A Dhè naoimh agus shìorraidh,
tha sinn ag aideachadh
gun do bhris sinn d’ àitheantan;
pheacaich sinn le ar fèinealachd,
ar n-as-creideamh agus ar fèin-uaill;
cha do rinn sinn ceartas, cha do ghràdhaich sinn tròcair,
agus cha do ghluais sinn gu h-iriosal maille riutsa.
Ann an lànachd do thròcair,
dubh as ar n-euceartan;
nad choibhneas-gràidh,
glan as ar peacadh.
Thoir dhuinn an spiorad deònach
agus an cridhe briste sin air nach dèan Thusa tàir;
agus cuidich leinn a bhith a’ toirt maitheanais do chàch
mar a thug Thusa maitheanas dhuinne;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Gun dèanadh an Dia Uile-chumhachdach tròcair oirnn,
gun toireadh E maitheanas agus saorsa dhuinn
o ar peacaidhean uile,
gun daingnicheadh agus gun neartaicheadh E sinn
anns gach maitheas,
agus gun gleidheadh E sinn anns a’ bheatha
mhaireannaich;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
A Dhè thròcairich,
dh’ullaich Thu don dream aig a bheil gràdh dhut
nithean cho math agus gun tèid iad thar ar tuigse.
Dòirt nar cridhe gràdh cho mòr dhut
agus gun gràdhaich sinn Thu os cionn gach nì eile,
agus gum faigh sinn sealbh air do gheallaidhean
a tha os cionn gach nì as urrainn dhuinn iarraidh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
[5. Salm no Laoidh]
6. Leughadh
Faodar cuibhreannan a leughadh as an t-Seann Tiomnadh agus as an Tiomnadh Nuadh.
7. Salm no Laoidh
(Leithid Salm 118: 24 – 29)
8. Searmon
9. Salm no Laodh
(Leithid Salm 116: 13 – 19.)
Am feadh is a tha na rainn seo gan seinn, bheir na h-eildearan a-steach an t-aran agus am fìon, agus cuireadh iad air Bòrd a’ Chomanachaidh iad, mur a bheil iad cheanna air a’ bhòrd.
[10. An Gàrradh
Far a bheil sin cleachdail, faodadh Gàrradh a chur mu Bhòrd an Tighearna le cuibhreann fhreagarrach a leughadh as na Sgriobtarran – leithid Mata 5: 1 – 16, 1 Corintianaich 13, no Galatianaich 5: 18 – 26. (Ma tha seinn ann ron Ghàrradh agus as a dèidh, faodar salm a sheinn a tha a’ freagairt an t-searmoin.)]
11. Faclan Barrantais
Abradh am ministear:
Èisdibh ris na briathran
anns a bheil an t-Abstol Pòl ag innse dhuinn
mar a chuir ar Slànaighear Ìosa Crìosd
an t-Sàcramaid Naomh seo air chois:
Oir fhuair mise on Tighearna
an nì mar an ceudna a thug mise dhuibhse,
gun do ghlac an Tighearna Ìosa aran,
anns an oidhche anns an do bhrathadh E;
agus air tabhairt buidheachais,
bhris E e, agus thubhairt E,
Gabhaibh, ithibh;
is e seo mo chorp-sa
a tha air briseadh air ur son-se;
dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir,
ag ràdh,
Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa;
dèanaibh seo, cia minig is a dh’òlas sibh e,
mar chuimhneachan ormsa.
Oir cia minig is a dh’itheas sibh an t-aran seo,
agus a dh’òlas sibh an cupan seo,
tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna
gus an tig E. (1 Corintianaich 11: 23 – 26)
12. Coisrigeadh an arain agus an fhìona
Abradh am ministear:
Mar a ghabh an Tighearna Ìosa aran,
anns an oidhche anns an do bhrathadh E,
tha mise a’ gabhail an arain agus an fhìona seo,
gu bhith air an cur air leth o gach feum coitcheann
chun an adhbhair naoimh seo;
agus mar a thug Esan buidheachas
agus a bheannaich E iad,
nach tig sinne dlùth do Dhia
le ar n-ùrnaighean buidheachais.
13. Taingealachd
Tha sinn a’ toirt taing dhut
ann an cruthachadh an t-saoghail,
nauir a leag Thu stèidh na talmhainn
agus a shuidhich Thu clach-chinn na h-oisne,
gun do sheinn reultan na maidne ann an co-sheirm,
agus do rinn uile ainglean Dhè gàirdeachas.
Tre neart do Spioraid,
dhealbh Thu an cruinne-cè;
tre chumhachd d’Fhacail,
thug Thu dhuinn beatha.
Tha sinn a’ toirt taing dhut,
anns a’ chruthachadh naudh,
nauir a thug Thu dhuinn do Mhac gu bhith gar togail as ùr –
oir bha sinne agus ann sinne-daonna gu lèir air tuiteam –
ghabh Thu sealbh oirnn mar do phoball fhèin;
ach an cuireamaid an cèill feartan glòrmhor
an Tì a ghairm sinn à dorchadas
a dh’ionnsaigh a sholais iongantaich fhèin.
Le beatha do Spioraid,
tha Thu a’ lìonadh cridheachan nan creidmheach;
le solas d’Fhacail,
tha Thu a’ toirt dhuinn neirt is gràidh.
Air an adhbhair sin, maille ri do shluagh
anns gach uile àite agus gach linn,
agus le uile chuideachd nan nèamh,
tha sinn a’ cur an cèill do mhòrachd
agus a’ seinn do chliù ann an òran nan aingeal:
Is naomh, naomh, noamh an Tighearna,
Dia an neirt agus a’ chumhachd,
tha nèamh agus talamh làn ded ghlòir.
Hosanna anns na h-àrdan.
Beannaichte gun robh a Tì a thig
ann an ainm an Tighearna.
Hosanna anns na h-àrdan.
Ann an co-bhoinn ri uile shlòigh nan nèamh,
tha sinne an seo air thalamh ag aideachadh do ghlòire,
agus tha sinn a’ toirt taing dhut,
ann an coileanadh nan aimsir,
gun do chuir Thu do Mhac mar ar Slànaighear.
Tha sinn gad bheannachadh
gun do ghabh E nàdar na daonnachd;
tha sinn gad mholadh
gun do rugadh E ann an naomhachd,
gun robh E beò air thalamh ann an coileantachd,
gun do dh’fhuiling E as ar leth,
agus gun tug E buaidh air a’ bhàs;
gun deach àrdachadh gu do dheas-làimh
agus gun tug E dhuinn tìodhlac an Spioraid Naoimh;
agus gun do gheall E gun tilleadh E a-rithist.
A’ cumail cuimhne air ‘obair agus ‘fhulangais,
agus an crochadh air ‘ìobairt shìorraidh,
tha sinn a’ leanntainn eisimpleir-san,
agus a’ toirt ùmhlachd da àithne.
Cuir a-nuas do Spiorad Naomh
gu bhith gar beannachadh-ne
agus a’ beannachadh an arain agus an fhìona,
ach am bi an t-aran a tha sinn a’ briseadh
dhuinne mar cho-chomann corp Chrìosd,
ach am bi sinne a tha gan gabhail
air ar dèanamh tre chreideamh nar luchd compàirt
de a chorp agus de ‘fhuil,
le a shochairean uile,
gu bhith gar beathachadh
agus a’ cuideachadh leinn du bhith a’ fàs ann an gràs,
a chum glòir d’ainmne ro naoimh.
Agus an seo tha sinn gar tabhairt
agus gar coisrigeadh fhèin dhut,
ach am bi sinn nar n-ìobairtean beò,
strìochdte agus iomchaidh airson do sheirbheis,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Trìd-san, agus maille ris-san, agus annsan,
ann an aonachd an Spioraid Naoimh,
agadsa gu robh gach urram agus glòir,
Athair shìorraidh, a-nis agus gu sìorraidh.
Amen.
14. Ùrnaigh an Tighearna
Ar n-Athair a tha air nèamh,
gu naomhaichear d’ainm.
Thigeadh do rìoghachd.
Gun dèanar do thoil
air thalamh, mar a nithear air nèamh.
Tabhair dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil.
Agus maith dhuinn ar fiachan,
mar a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.
Agus na leig ann am buireadh sinn;
ach saor sinn on olc:
oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd,
agus a’ ghlòir gu sìorraidh.
Amen.
15. Briseadh an arain
Abradh am ministear:
A-rèir òrdachadh naomh, eisimpleir,
agus àithne air Tighearna Ìosa Crìosd,
agus mar chuimhneachan air-san,
tha sinn a’ dèanamh seo:
air an oidhche anns an do bhrathadh E,
ghlac E aran
(glacaidh am ministear an t-aran)
agus an dèidh dha buidheachas a thoirt, bhris E e
(brisidh am ministear an t-aran)
agus thubhairt E, ‘Is e seo mo chorp-sa
a tha air a bhriseadh air ur son-se;
dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.’
Agus air a’ mhodh cheudna ghlac E an cupan
(togaidh am ministear an cupan)
ag ràdh, ‘Is e an cupan seo an coicheangal nuadh
ann am fhuil-sa.
Dèanaibh seo,
cia minig is a dh’òlas sibh e,
mar chuimhneachan ormsa.’
16. Faodaidh am ministear seo a ràdh:
Ministear: Ìosa, Uain Dhè,
Uile: dèan tròcair oirnn.
Ministear: Ìosa, Fhir-giùlain ar peacaidhean,
Uile: dèan tròcair oirnn.
Ministear: Ìosa, Fhir-saoraidh an t-saoghail,
Uile: deònaich dhuinn sìth.
17. An Comanachadh
Faoadar am ministear gabhail den aran agus den fhìon.
Abradh am ministear:
Thigibh dlùth ann an creideamh:
gabhaibh samhladh corp ar Tighearna Ìosa Crìosd
a thugadh air ur son,
samhladh ‘fhala-san a dhòirteadh air ur son,
agus bithibh air ur beathachadh leis-san nur cridhe
tre chreideamh, le taingealachd.
Ann a bhith a’ toirt seachad an arain, abradh am ministear:
Gabhaibh, ithibh.
Is e seo corp Chrìosd
a bhriseadh air ur son.
Dèanaibh seo, mar chuimhneachan air-san.
Ann a’ bhith a’ toirt seachad a’ chupain, abradh am ministear:
Tha an cupan seo ’na shamhladh air a’ choicheangal nuadh
air a sheulachadh le fuil Chrìosd,
a chaidh a dhòrtadh ach am biodh peacaidhean mòrain
air am maitheadh.
Òlaibh uile dheth.
Faodar na samhlaidhean a thoirt chun a’ choitheanail anns na suidheachain, no da faodaidh na buill tighinn cruinn mu Bhòrd an Tighearna.
An dèidh do na h-uile a bhith air an riarachadh, tha na soithichean air an cur air ais air Bòrd an Tighearna agus thèid an còmhdach.
18. Ùrnaigh
Abradh an ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.
A Dhè ghràsmhoir,
tha sinn a’ toirt taing dhut airson a’ ghràidh sin
a tha a’ toirt thugainn bìdh i nèamh,
beatha do Mhic ghràdhaich,
gràdh a tha a’ toirt dearbhachd dhuinn gum buin sinn
do chuideachd nan creidmheach
air nèamh agus air thalamh.
Deònaich gum bi sinne,
agus sinn air ar neartachadh leis a’ cho-chomann an seo
agus le cumhachd an Spioraid Naoimh,
a’ cur air adhart ‘obair-san anns an t-saoghal,
gus an tig E
gu glòir a rìoghachd shìorraidh;
tre Ìosa Crìosd,do Mhac, ar Tighearna.
Amen.
Glòir do Dhia an t-Athair,
a thug air ais o na mairbh
ar Tighearna Ìosa Crìosd
agus a chuir crùn na glòire air a cheann.
Glòir do Dhia am Mac,
a tha beò gu bhith a’ tagradh ar cùise
aig deas-làimh Dhè,
agus a thig a-rithist
gu bhith a’ dèanamh nan uile nithean nuadh.
Glòir do Dhia an Spiorad Naomh,
a tha a’ toirt thugainn blasaid
de Fhacal math Dhè
agus cumhachd na linne ri teachd.
Amen! Moladh agus glòir agus gliocas,
buidheachas agus urram,
neart agus cumhachd a bhith do ar Tighearna gu sìorraidh!
Amen.
19. Salm no Laoidh
(Leithid Salm 103: 1 – 3)
20. Am Beannachadh
Gu robh beannachd an Tighearna Uile-chumhachdaich,
beannachd an Athar, agus a’ Mhic,
agus an Sprioraid Naoimh,
maille ribh a-nis agus gu sìorraidh.
Amen.
21. Faodar an t-aran agus am fìon a thoirt as an Eaglais, agus an coitheanal ’nan seasamh.