Categories
Uncategorised

Leabhar Sheirbheisean: Seirbheis Phòsaidh

Nuair a ruigeas bean na bainnse an eaglais, bu chòir do fhear na bainnse agus don fhear-comhailteachd an àite a ghabhail shuas air beulaibh a’ choithenail.

Cuiridh am ministear fàilte air bean na bainnse aig doras na h-eaglaise agus treòraichidh e i a-steach gu aghaidh na h-eaglaise far an gabh i a h-àite ri taobh fear na bainnse. Faodaidh ceòl freagarrach a bhith air a chluich no salm no laoidh a bhith air an seinn am feadh a tha seo a’ tachairt.

no

Faodaidh bean na bainnse agus fear na bainnse tighinn a-steach còmhla agus an àite a ghabhail air an aghaidh.

1. Gairm gu adhradh

Abradh am ministear:
Is gràdh Dia;
agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh,
tha e ’na chòmhnaidh ann an Dia,
agus Dia annsan.

Dèanamaid adhradh do Dhia.

2. Salm no Laoidh

3. Aithris

Abradh am ministear:
Mur tog an Tighearna an taigh,
gu dìomhnain saothraichidh a luchd-togail. (Salm 127: 1)

Tha sinn air tighinn cruinn an-diugh ann an làthair Dhè,
gu bhith nar fianaisean air pòsadh A… agus B…;
gu bhith a’ gabhail compàirt ’nan aoibhneas,
agus gu bhith a’ gealltainn dhaibh cùl-taic agus gràidh.

‘S e a tha anns a’ phòsadh tìodhlac o Dhia
agus meadhan gràis.
Ann an ceangal maireannach a’ phòsaidh
faodaidh sinn eòlas a chur air aoibhneas Dhè,
a chrutaich sinn, fìreann agus boireann,
’na ìomhaigh fhèin.

Tha am pòsadh stèidhichte air nàdar gràdhach Dhè,
agus air cùmhnant a ghràidh rinne ann an Crìosd.
Tha fear agus bean,
ann a bhith toirt fhèin da chèile ann an gràdh,
a’ samhlachadh gràdh Chrìosd da Eaglais.

Ann am pòsadh Crìosdail,
tha bean-phòsda agus fear-pòsda air an gairm
gu bhith dìleas da chèile,
agus a chèile a ghràdhachadh le meas,
caomhalachd agus tlachd.
Anns a’ chompanachas agus anns a’ chofhurtachd
a gheibhear ann am pòsadh
tha an gràdh corporra eadar fear agus bean
air a choileanadh.

Tha còir aig càraid an ceum seo a ghabhail
anns an spioraid cheart,
a’ toirt fa-near
gu bheil am pòsadh naomh agus maireannach.

Bha ar Tighearna Ìosa Crìosd E Fhèin
air aoigheachd aig pòsadh ann an Càna Ghalile.
Tre a Spiorad tha E an seo còmhla rinne,
airson ar gràdh a neartachadh
agus a shìth agus ‘aoibhneas fhèin a thoirt dhuinn.

4. Ùrnaigh

Abadh am ministear:
Dèanamaid ùrnaigh.

A Dhè ghràsmhoir,
moladh dhut airson uile thìodhlacan do ghràidh,
gu sònraichte tìodhlac a’ phòsaidh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut
airson beatha A… agus B… a threòrachadh,
airson an toileachaidh a tha iad a’ toirt da chèile,
agus airson a’ ghràidh agus na h-earbsa
leis a bheil iad a’ cur an aghaidh air an là aoibhneach seo.

Agus a chionn gu bheil fios againn
nach eil nì sam bith làidir, nach eil nì sam bith naomh
as d’aonais,
tha sinn ag ùrnaigh gun neartaich Thu iad le do ghràs
agus iad gan ceangal fhèin ann an cùmhnant pòsaidh.

Deònaich gum bi d’aoibhneas annta,
agus gum bi iad an aoibhneas làn.
Treòraich iad le do ghràs,cuartaich iad le do làthaireachd,
agus glèidh iad ’na do ghràidh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

5. Na Bòidean

Seasadh an coitheanal, agus abradh am ministear ris a’ chàraid:
Mar sheula air na bòidean a tha sibh a’ dol a ghabhail,
thugaibh an làimh dheas da chèile.

Abradh fear na bainnse:
Ann an làthair Dhè
agus air beulaibh nam fianaisean seo,tha mise, A…,
gad ghabhail mar mo bhean-phòsda.
Tha mi a’ gealltainn gun toir mi gràdh dhut
agus gum bi mi dìleas dhut,
am fad ’s is beò sinn.

Abradh bean na bainnse:
Ann an làthair Dhè
agus air beulaibh nam fianaisean seo,
tha mise, B…,
gad ghabhail mar m’fhear-pòsda.
Tha mi a’ gealltainn gun toir mi gràdh dhut
agus gum bi mi dìleas dhut,
am fad ’s is beò sinn.

No faodaidh na bòidean a bhith air an cur anns an dòigh seo.

Abradh am ministear ri fear na bainnse:
Ann an làthair Dhè
agus air beulaibh nam fianaisean seo,
a bheil thusa, A…, a’ gabhail B
mar do bhean-phòsda?
A bheil thu a’ gealltainn gun toir thu gràdh dhi
agus gum bi thu dìleas dhi,
am fad ’s is a beò sibh le chèile?

Abradh fear na bainnse:
Tha.

Abradh am ministear ri bean na bainnse:
Ann an làthair Dhè
agus air beulaibh nam fianaisean seo,
a bheil thusa, B…, a’ gabhail A…,
mar d’fhear-pòsda?
A bheil thu a’ gealltainn gun toir thu gràdh dha
agus gum bi thu dìleas dha,
am fad ’s is beò sibh le chèile?

Abradh bean na bainnse:
Tha.

6. Fàinne no fàinneachan air an toirt seachad

Abradh am ministear:
Mar chomharradh air a’ chùmhnant
a tha sibh a-nis air a dhèanamh eadraibh
tha am fàinne seo (na fàinneachan seo)
air a thoirt seachad (air an toirt seachad)
agus air a ghabhail (air an gabhail).

Faodaidh am fireannach seo a ràdh, agus e a’ cur fàinne air meur na mnatha:
B…, tha mi a’ toirt dhut an fhàinne seo
ann an ainm Dhè,
mar shamhladh air gach nì a gheall sinn,
agus air gach nì a bhios againn còmhla.

Ma tha dà fhàinne ann, canadh am fireannach agus am boireannach:
A…, tha mi a’ toirt dhut an fhàinne seo
ann an ainm Dhè,
mar shamhladh air gach nì a gheall sinn,
agus air gach nì a bhios againn còmhla.

Abradh am ministear:
Leis a’ chomharradh seo tha sibh a’ gabhail a chèile,
gu bhith còmhla on là seo a-mach tuilleadh,
co-dhiù as fheàrr no as miosa,
as beairtiche no as bochda,
ann an tinneas agus ann an slàinte,
gu gràdh agus meas a thoirt da chèile,
am fad ’s is beò sibh le chèile.

7. Cur an cèill a’ phòsaidh

Bheir a’ chàraid an làmh dheas da chèile. Abradh am ministear:
A chionn gun tug sibh bòidean da chèile,
agus gun do dh’aidich sibh bhur gràdh da chèile
an làthair Dhè agus an làthair nam fianaisean seo,
tha mise ag èigheach gu follaiseach gu bheil sibh pòsda,
ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic,
agus an Sprioraid Naoimh.

Amen.

An nì a cheangail Dia,
na sgaoileadh duine.

8. Beannachadh a’ phòsaidh

Abradh am ministear:
Gum beannaicheadh an Tighearna sibh,
agus gun gleidheadh E sibh:
gun tugadh an Tighearna air ‘aghaidh dealrachadh oirbh,
agus gum biodh E gràsmhor dhuibh:
gun togadh an Tighearna suas a ghnùis oirbh,
agus gun tugadh E sìth dhuibh.

Amen.

Faodaidh a’ chàraid phòsda an ainm a chur ri Pàipear a’ Phòsaidh an-dràsta air beulaibh a’ choitheanail, no aig crìch na seirhbheise còmhla ri dhithis fhianaisean.

[9. Salm no laoidh]

10. Cuibhreannan as na Sgriobtairean
(Leithid Genesis 2: 15; Salm 128; Mata 7: 21, 24 – 27; Marcus 10: 6 – 9; Eòin 2: 1- 11; Eòin 15: 9 – 12; Ròmanaich 12: 1 – 2, 9 – 13; 1 Corintianaich 13; Ephèsianaich 5: 1 – 2, 21 – 33. )

11. Searmon

12. Ùrnaigh

Abradh am ministear:
Dèanamid ùrnaigh.

A Dhè uile-chumhachdaich,
tha sinn a’ toirt taing dhut
airson gach dòigh anns a bheil gràdh a’ tighinn thugainn,
agus airson an aoibhneis agus an toileachaidh
a lorgar anns a’ phòsadh.

Beannaich A… agus B
a chaidh a cheangal ri chèile nad ainm.
Cum iad dìleas da chèile,
agus mar a tha an gràdh da chèile a’ fàs,
gum bi co-chomann aca ri chèile ri amannan aoibhneis,
gun toir iad cofhurtachd da chèile ri là a’ bhròin,
agus gun neartaich iad a chèile ri àm feuma.

Mar thoradh air do làthaireachd ’nan dachaidh
gum biodh i ’na h-àite anns am bi
fàilte agus co-chomann,
tèarainteachd agus sìth.
(Ma gheibh iad clann,
deònaich gum bi iad ’nam pàrantan glice agus gràdhach.)
Beannaich an teaghlaichean agus an càirdean,
a thug gràdh agus càirdeas dhaibh
rè nam bliadhnachan.

Tha sinn ag ùrnaigh airson teaghlach a’ chinne-daonna,
agus air an son-san a tha a’ fulang
agus sinne a’ dèanamh gàirdeachas.
Thoir nas dlùithe oirnn an là anns am bi gach sluagh
a’ tighinn beò ann an sìth
agus ann an eòlas air do ghràdh.

A Dhè shìorraidh,
tha sinn a’ cuimhneachadh orra-san a bha dlùth dhuinn,
a tha air a thol thairis tron bhàs
a dh’ionnsaigh na beatha maireannaich.
Treòraich sinne fa-dheòidh maille riu-san
gu taigh an Athar,
ach am bi teaghlach Dhè iomlan
ann an glòir do làithearachd;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Ar n-Athair a tha air nèamh…

13. Salm no laoidh

14. Am Beannachadh

Abradh am ministear:
Imichibh ann an sìth, ann an aoibhneas an Tighearna.

Agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumhachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh uile.

Amen.

Fàg freagairt