Categories
Uncategorised

Leabhar Sheirbheisean: Facal -toisich

B’e an t-eadar-theangachadh den leabhar Book of Common Order a’ chiad leabhar a chaidh a chlò-bhualadh ann an Gàidhlig, ann an Èirinn no ann an Alba. Rinneadh an obair le Iain Carsalach, Fear-stiùiridh na h-Eaglaise ann an Earra Ghàidheal agus na h-Eileanan, agus thàinig an t-eadar-theangachadh am follais ann an 1567 leis an ainm Foirm na n-Urrnuidheadh.

Chaidh beagan leth-bhreac den deasachadh air Book of Common Order a chuir Eaglais na h-Alba a-mach ann an 1940 a chlò-bhualadh le duilleagan Gàidh ’nan cois. Anns an earrainn Ghàidhlig bha Òrdaighean airson Seirbheis Mhaidne, airson Sàcramaid a’ Bhaistidh agus Suipear an Tighearna, Seirbheis Phòsaidh, Coisrigeadh gu Dreuchd na Ministrealachd, Ùrnaighean aig Tìodhlacadh nam Marbh, agus Ùrnaighean airson Caochladh Adhbharan.

Tha Common Order an là an-diugh a’ tighinn a-mach ann an cruth Gàidhlig. Ann an Leabhar Sheirbheisean gheibhear òrdaighean a dh’ fhaodas a bhith air an cleachdadh aig Baisteadh, Comanachadh, Pòsadh agus Tìodhlacadh. Aig deireadh an leabhair tha tuilleadh Ùrnaighean.

Tha am Panal fo fhiachan mòra do Chomhairle nan Leabhraichean agus do Urras NicCaoig a thug dhuinn taic-airgid cho fialaidh gu bhith a’ cuideachadh le cosgaisean an leabhair.

Tha an Eaglais gu lèir, chan e a-mhàin Gàidheil na h-Eaglais, fada an comain Comataidh Ghàidhlig a’ Phanail, agus gu h-àraidh Fear-gairme na Comataidh, an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid, airson leabhar cho cudthromach a dheasachadh agus a chlò-bhualadh. Tha an leabhar air a chur a-mach le dòchas gum bi e feumail don fheadhainn a bhios air ceann sheirbheisean Gàidhlig agus gum brosnaich e spiorad an adhraidh nar coitheanalan Gàidhlig.

Teàrlach MacDhonnchaidh,
Fear-gairme Panal an Adhraidh
An Cèitean 1996

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach