Categories
Uncategorised

Leabhar Sheirbheisean: Ùrnaighean agus Faclan Beannachaidh

Ùrnaighean
Ùrnaighean a bharrachd a dh’fhaodas a bhith air an cleachdadh leis na h-òrdaighean a gheibhear anns an leabhar seo.

Ùrnaighean airson seirbheisean na Sàbaid

Moladh
A Thighearna ar Dia,
tha iongantais a’ chruthachaidh,
òidhearcas nan nèamh,
àilleachd na talmhainn,
an t-òrdugh agus am beairteas a chì sinn ann an nàdar,
gu lèir a’ cur an cèill do ghlòire.
Tha teachd do Mhic,
làithearachd do Spioraid,
co-chomann d’Eaglaise,
a’ taisebeanach dhuinn mìobhrail do ghràidh.

Tha sinn a’ toirt adhraidh agus molaidh dhut,
a Dhè ghràsmhoir agus ghlòrmhoir,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Aideachadh
A Dhè na beatha,
deònaich dhuinn do mhaitheanas.
Tha sinn air a bhith mì-chùramach nar smuaintean,
an-iochdmhor nar briathran,
mì-iomchaidh nar gnìomharan.
Tha sinn caoin-shuarach mu chor an t-saoghail
agus na tha ann de uireasbhaidh agus de ana-caitheamh;
bidh sinn a’ gabhail seachad air an taobh eile
agus sinn a’ faicinn ar coimhearsnaich ann an dìth;
bidh sinn a’ dol air seachran o shlighe na sìthe
gu slighean eile a tha taitneach leinn fhèin.

A Dhè na beatha,
deònaich dhuinn do mhaitheanas.

Amen.

*    *    *

A Dhè na tròcair agus a’ ghràidh,
ann an irioslachd cridhe
tha sinn ag aideachadh ar peacaidhean.
Bidh sinn a’ dèanamh dìochuimhne agus dearmaid
air gràdh agus seibheis a thoirt dhut,
agus bidh sinn a’ dol air faondradh o do shlighe.
Tha sinn mì-chùramach mun t-saoghal chruthaichte
agus bidh sinn a’ cur a bheatha ann an cunnart.
Bidh sinn a’ còmhradh mun chùram a tha againn do chàch,
ach cha bhi ar gnìomharan a rèir ar briathran.

Sàmhchair

Neach aig ceann na h-ùrnaigh: A Thighearna, dèan tròcair.
Uile: A Chrìosd, dèan tròcair.
Neach aig ceann na h-ùrnaigh: A Thighearna, dèan tròcair.

Sàmhchair

Uile:
A Dhè thròcairich,
maith dhuinn ar peacaidhean,
treòraich sinn chun na beatha maireannaich,
tre Ìosa Crìosd
do Mhac, ar Slànaighear.

Amen.

*    *    *

A Dhè ghràsmhoir,
ann an co-chomann do shluaigh,
tha sinn ag aideachadh dhut ar peacaidhean.

Tha sinn air a bhith feargach agus mì-fhoighidneach,
a’ gearan mu mhearachdan chàich,
gun a bhith a’ toirt fa-near ar fàilingidhean fhèin.

Tha sinn air a bhith as-creidmheach agus neo-airidh,
a’ dèanamh dìochuimhne air an neart
a tha Thusa a’ cur nar tairgse
agus a’ cur ar n-earbsa nar neart fhèin.

Sàmhchair

A Dhè na tròcair,
gheall Thu maitheanas a thoirt dhaibh-san
air a bheil fìor aithreachas.

Cuidich leinn gu bhith a’ gabhail ri do mhaitheanas,
agus dèan còmhnaidh annainn tre do Spiorad;
air sgàth
Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Taingealachd
A Thighearna na beatha,
ghairm Thu sinn an cuideachd a chèile
ann an ainm Ìosa Crìosd:
annsan agus trìd-san, tha sinn a’ toirt molaidh dhut.

Airson tìodhlac do Mhic, ar Slànaighear,
a rugadh mar leanabh,
a thàinig gu ìre,
a theagaisg d’fhìrinn,
a shlànaich na h-euslaintich,
a nochd càirdeas do pheacaidh,
a chaidh a cheusadh air Calbhari,
air èirigh, air àrdachadh, agus maille rinn gu sìorraidh:
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.

Airson gach nì a tha Thu a’ tairgsinn dhuinn ann an Crìosd,
airson treòrachadh an Spioraid Naoimh,
airson ar baistidh ar fàis ann an creideamh,
airson a’ bheathachaidh a gheibh sinn
ann am Facal agus ann an Sàcramaid,
airson ar co-chomainn ri càch anns an Eaglais,
anns an àite seo agus air feadh an t-saoghail;
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.

Airson nan tìodhlacan a gheibh sinn bhuatsa
a tha a’ cur cumaidh air ar beatha,
airson tàlantan na h-inntinn, na sùla agus na làimhe,
airson gach cothroim gu bhith a’ dèanamh seirbheis,
air an son-san a tha a’ toirt gràidh agus sòlais dhuinn,
air an son-san air a bheil sinn a’ cur luach
mar choimhearsnaich agus mar chàirdean:
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.

Thoir gràs dhuinn, tha sinn ag ùrnaigh,
ach an gabh sinn ri do thìodhlacan le aoibhneas
agus gun cleachd sinn iad le fialaidheachd
a chum do ghlòire agus do mholaidh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

*    *    *

Tha sinn gad mholadh, a Dhè;
tha sinn a’ toirt taing dhut,
a Dhè nàdair agus a Dhè nan gràs,
oir is ann bhuatsa tha gach nì math a’ tighinn.

Airson an t-saoghail a chruthaich Thu
le a sheallaidhean iongantach,
le ràithean eadar-dhealaichte na bliadhna,
le a bheatha anns a bheil lànachd;
airson na beatha a thug Thu dhuinne
le a cothroman agus a dleasdanais,
rudan àbhaisteach agus mì-àbhaisteach;
airson ar n-eachdraidh agus ar dualchais,
airson gach ionmhas taisgte ann an sgrìobhadh
agus ann am beul-aithris;
airson gràdh agus cùram ar dachaighean;
airson a’ bhìdh a bhios sinn ag ithe,
airson a’ chàirdeas air am bi sinn a’ cur luach,
airson slàinte cuirp agus inntinn;
airson fialaidheachd do fhreasdail,
tha sinn gad mholadh,
agus a’ beannachadh d’ainm naoimh.

Tha sinn gad mholadh aig an àm shuidhichte
gun do chuir Thu do Mhac, a rugadh o mhnaoi,
gu bhith beò agus ag obair anns an t-saoghal againne,
gu bhith a’ sireadh agus a’ teàrnadh an nì a bha caillte,
gu bhith ag èirigh le buaidh air a’ bhàs,
agus gu bhith a riaghladh aig do dheas-làimh gu sìorraidh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut
gun do chuir Thu do Spiorad Naomh
chun na h-Eaglaise agus chun an t-saoghail,
gu bhith a’ treòrachadh a-dhum na fìrinn,
gu bhith a’ nochdadh slighe a’ mhaitheis,
gu bhith a’ meudachadh am measg gach sluaigh
spiorad na tuigse agus na co-fhaireachdainn.

Dèan airidh sinn air do mhaitheas.
Fosgail ar cridhe
gu bhith a’ toirt gràidh agus molaidh dhut,
agus cuidich leinn,
ach am bi sinn an còmhnaidh beò a-chum do ghlòire;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna,
a tha beò agus a’ riaghladh
maille riutsa agus maille ris an Spiorad Naomh,
aon Dia, a-nis agus gu sìorraidh.

Amen.

Eadar-ghuidhe
A Dhè ghràsmhor,
a’ dèanamh gàirdeachas na do bheannachdan,
agus ag earbsa as do chùram gràdhach do na h-uile,
tha sinn a’ tighinn le ar n-ùrnaighean airson an t-saoghail.

Tha sinn ag ùrnaigh airson an t-saoghail chruthaichte:
air an son-san a tha a’ dèanamh obair chàraidh
far a bheil nithean air am milleadh;
air an son-san a tha a’ cogadh
an aghaidh acrais, bochdainn, agus tinneis;
air an son-san aig a bheil comas agus cumhachd
cùisean a leasachadh
agus dòchas ath-nuadhachadh.

Sàmhchair

Ann am beatha an t-saoghail
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.

Tha sinn ag ùrnaigh as leth ar dùtcha:
airson na Ban-rìgh agus a theaghlaich;
air an son-san a tha a’ dealbh lagh na rìoghachd;
air an son-san a tha a’ gleidheadh na sìthe
agus a’ cur an gnìomh an lagha;
air an son-san a tha a’ teagasg,
air an son-san a tha a’ leigheas,
airson nan uile
a tha a’ dèanamh seirbheis don choimhearsnachd.

Sàmhchair

Ann am beatha ar dùthcha
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile a tha ann an trioblaid:
air an son-san aig a bheil àmhghar ’nam beatha;
air an son-san a tha air an cuartachadh le neòil dhorcha
mar thoradh air bàs no call sam bith,
mar thoradh air cràdh no ciorram,
mar thoradh air eagal no mealladh-dùil,
mar thoradh air tàmailt no diùltadh.

Sàmhchair

Ann am beatha nan daoine a tha ann an trioblaid
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.

Tha sinn ag ùrnaigh as leth
ar càirdean agus luchd ar gràidh:
clann agus pàrantan;
peathraichean agus bràithrean;
luchd-eòlais agus nàbaidhean;
airson nan uile a tha nar smauintean an-diugh.

Sàmhchair

Ann am beatha luchd ar gràidh
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.

Tha sinn ag ùrnaigh airson na h-Eaglaise
ann a bhith a’ seasamh còraichean nam bochd,
ann a bhith a’ gràdhachadh nan dìobarach,
ann a bhith a’ frithealadh do luchd-tinneis,
ann a bhith a’ craodh-sgaoileadh an t-Soisgeil,
anns an dùthaich seo, anns an àite seo.

Sàmhchair

Ann am beatha d’Eaglais
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.

Amen.

*    *    *

A Dhè thròcairich,
thug Thu seachad d’aon-ghin Mhic,
a chionn gu robh gràdh cho mòr agad don t-saoghal.
Tha sinn ag ùrnaigh airson sìth an t-saoghail.
Gluais nar measg le do Spriorad,
ach am bi na gàrraidhean
a tha eagal agus amharas agus fuath a’ togail
air an leagail gu làr.
Slànaich na roinnean
a tha ann an teaghlach a’ chinne-daonna,
agus dlùthaich iad ri chèile
le bannan a’ cheartais agus na sìthe.

Tha sinn ag ùrnaigh as le ar rìoghachd.
Beannaich a beatha gu lèir;
neartaich cumhachdan na fìrinn agus a’ mhaitheis;
deònaich gum bi sinn fialaidh le ar cuid,
ach am bi iadsan a tha a’ fulang le bochdainn
a’ faighinn aoibhneis agus misneachaidh.

Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile a tha a’ fulang.
Cuartaich iad le do ghràdh,
neartaich iad le do chumhachd,
beannaich iad le do chofhurtachd
agus thoir dhaibh dòchas agus misneachd
nach buin dhaibh fèin.

Tha sinn ag ùrnaigh airson ar teaghlaichean,
agus luchd ar gràidh gu lèir.
Gum biodh do dhìon thairis orra ’nan daichaighean:
cùm suas iad nuair a thig trioblaid agus iomagain,
ach am bi iad a’ fàs còmhla
ann an gràdh agus ann an tuigse,
a’ cuideachadh a chèile.

Tha sinn ag ùrnaigh airson na h-Eaglaise.
Cùm i dìleas don t-Soisgeul;
gum biodh i mothachail air feuman nan uile
agus a’ cleachdadh nan tàlantan a tha aig daoine.
Deònaich gum bi i a’ dèanamh fianais
air do chumhachd gu bhith a’ tèarnadh ann an Ìosa Crìosd,
le a creideamh,
a h-adhradh,
agus a beatha.

Amen.

Ùrnaighean airson seirbheis phòsaidh

Ro na bòidean
A Dhè ghràsmhoir,
tha sinn gad mholadh agus a’ toirt taing dhut
airson gach tìodhlaic a tha Thu a’ buileachadh oirnn
ann am maitheas agus ann an gràs.
Tha sinn gad mholadh airson tìodhlac a’ ghràidh
a tha a’ ceangal ar teaghlaichean ri chèile,
a’ beannachadh ar beatha,
agus a bhios gar cuartachadh rè ar làithean.

Gu sònraichte tha sinn a’ toirt taing dhut
airson a’ ghràidh a tha a’ gabhail còmhnaidh
agus a tha a’ fàs ann an cridhe A… agus B…,
agus airson an aoibhneis agus na h-earbsa
a thug an seo iad.

Ann an cùmhnant a’ phòsaidh
gum biodh an t-aoibhneas sin air a dhaingneachadh
agus an earbsa sin air a neartachadh,
agus gum biodh Spiorad do ghràidh
a’ naomhachadh an sòlais
agus a’ neartachadh an gràidh da chèile.

Treòraich iad le do ghràs,
cuartaich iad le do làthaireachd,
agus cùm iad na do ghràdh;
tre Ìosa Crìosd at Tighearna.

Amen.

An dèidh nam bòidean
A Dhè ro nàoimh,
moladh dhut
gun tugadh an t-sochair seo dhuinn
compàirt a bhith againn còmhla ri A… agus B…
ann an aoibhneas an là shònraichte seo.

Tha sinn ag ùrnaigh gum bi na beannachdan
a thug Thu dhaibh
gan neartachadh fad am beatha còmhla,
agus gum bi an gràdh a tha aca da chèile
a’ fàs mar a tha na bliadhnachan a’ dol seachad.
Dèan faire air a’ chùmhnant a rinn iad,
agus dèan làidir iad ’na do ghràdh naomh.

Athair ghràdhaich,
beannaich an dachagih agus glèidh i o olc.
Gum biodh i ’na dachaigh
anns a bheil Crìosd
air ‘aideachadh agus air a ghràdhachadh,
’na dachaigh anns a bheil a ghràdh iomlan-san
a’ tilgeil a-mach an eagail,
anns a bheil a chrann-ceusaidh-san
a’ dèanamh rèite agus sìthe.
Gum biodh i ’na h-àite anns am faighear fàilte bhlàth
agus frithealadh gràdhach sona.
Ma bhios clann air am buileachadh orra
mar thìodhlac agus mar oighreachd,
gum biodh iad ’nam pàrantan glice agus gràdhach.
Deònaich do A… agus B…
gach nì air a bheil iad a’ cur feum,
agus an cois gach beannachd thoir dhaibh cridhe fialaidh
agus spiorad coibhneil.

A Dhè neo-chaochlaidich,
cuimhnich ’na do ghràdh
air gach teaghlach dam buin sinn.
Deònaich gum bi iadsan a thug bòidean pòsaidh
da chèile anns na làithean a dh’fhalbh
gan ath-nuadhachadh an-diugh.

Treòraich sinn tron bheatha seo, a Dhè.
Agus an dèidh dhuinn seirbheis a dhèanmah dhut
nar là agus nar linn,
thoir sinn a-steach a dh’ionnsaigh do ghlòire,
ach am bi sinn air àireamh na muinntir sin
a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Ùrnaighean airson seirbheis thìodhlacaidh

A Dhè bheò,
tha Thu a’ soillseachadh an là le solas na grèine
agus a’ mheadhain-oidhche leis na reultan dealrach.
Soillsich ar cridhe le gathan deàrrsach
Grian na Fìreantachd
air èirigh le slàinte ’na sgiathan,
Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Cùm sinn a’ dèanamh do thoile,
ach am bi sinne fa-dheòidh a’ dealradh
mar na reultan fad saoghal nan saoghal;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

*    *    *

Athair nèamhaidh,
cha do chruthaich Thu sinn airson dorchadais agus bàis,
ach gu bhith beò maille riut gu sìorraidh.
As d’aonais-sa chan eil adhbhar dòchais againn;
ma tha Thus maille rinn, chan eil adhbhar eagail againn.
Labhair rinn a-nis braithran na beatha maireannaich.
Tog sinn os cionn gach adhbhar imcheist agus cionta
gu solas agus sìth do làithearachd,
agus cuir glòir do ghràidh far comhair;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

*    *    *

A Dhè Uile-chumhachdaich,
is Tusa ùghdar gach bith agus fear-tabhairt na buadha.
Tha Thu a’ saoradh ar sùilean o dheòir,
ar casan o shleamhnachadh,
agus ar n-anam on bhàs.

‘Na do ghràdh don t-saoghal
chuir Thu do Mhac mar ar Fear-saoraidh.
Bha E beò mar a tha sinne,
ghiùlain E air doilgheasan,
agus dh’fhuiling E bàs a’ chrainn-cheusaidh nar n-àite.
Thug Thu air ais o na mairbh E
le cumhachd agus glòir,
agus thug Thu dha làn-ùghdarras
air nèamh agus air thalamh.

Tha sinn a’ toirt taing dhut do cheannsaich E
am peacadh agus am bàs air ar son,
agus gun do dh’fhosgail E geata na beatha maireannaich.
Tha sinn gad mholadh airson cuideachd mhòr
nan creidmheach
a thug Thu tron bhàs
gu bhith a’ faicinn do ghnùise ann an glòir;
agus air an son-san de àireamh nan naomh
air an robh eòlas agus meas againn,
gu h-àraidh do sheirbheiseach A
Tha sinn gad mholadh
airson nan cuimhneachadn caomh agus prìseil
a dh’fhàg e as a dhèidh.

Ar Dia agus ar n-Athair,
tre do dhèiligidhean rinn,
ann an aoibhneas no ann am bròn,
tarraing sinn nas dlùithe da chèile
agus nas dlùithe dhut fhèin.
Cuidich leinn a bhith a’ coiseachd
am measg nithean an t-saoghail seo
agus ar sùilean fosgailte gu bhith a’ faicinn do ghlòire.

Thoir dearbh-chinnt dhuinn nuair a bhios sinn fo bhròn
gu bheil Thusa fhathast gar gràdhachadh,
nuair a bhios sinn ag imeachd anns an dorchadas
gu bheil Thusa fhathast gar treòrachadh,
agus ann an gleann sgàile a’ bhàis
gu bheil Thusa a’ toirt dhuinn beatha a tha sìorraidh.

Tha sinn a’ tilgeil air uchd do chùraim
gach neach aig a bheil bròn agus ionndrainn,
gu sònraichte B… agus C… agus buill an teaghlaich air fad.
Cùm suas iad anns an àm air thoiseach
le cuimhneachain phrìseil air na làithean a dh’fhalbh
agus dòchas soilleir fa chomhair na h-aimsir ri teachd.
Agus treòraich sinn uile fa-dheòidh gu lànachd beatha
ann an cuideachd do naomh ann an rìoghachd nèimh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Amen.

Aig an uaigh

A Dhè a’ ghràis agus na sìthe,
’na do Mhac Ìosa Crìosd,
thug thu dhuinn ùr-breith gu dòchas beò.
Neartaich sinn a-nis
ach am bi sinn beò ann an cumhachd na h-aiseirigh,
agus cùm sinn ann an co-cheangal
ri ar caraid nach maireann
agus ri do shluagh gu lèir air nèamh agus air thalamh,
gun am bàs a bhith comasach air ar sgaradh o chèile.
Oir tha Thusa beò agus’ riaghladh gu sìorraidh.

Amen.

Am Beannachadh

A bharrachd air na faclan beannachaidh a gheibhear aig crìch nan seirbheisean anns an leabhar seo, faodar an fheadhainn a leanas a chleachdadh cuideachd.

Gun coimheadadh sìth Dhè,
a tha thar gach uile thuigse,
ur cridhe agus ur n-inntinn ann an Ìosa Crìosd.
Agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumhachdaidh,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh a-nis agus gu sìorraidh.

Amen.

* * *

Agus a-nis gun dèanadh Dia na sìthe,
a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Ìosa,
àrd-bhuachaille nan caorach,
tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,
sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair,
a-chum sibh a dhèanamh a thoile-san,
ag obrachadh annaibh
an nì a tha taitneach ’na làthair-san,
tre Ìosa Crìosd;
dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal.

Amen.

* * *

Gu robh gràdh an Tighearna Ìosa
gur tarraing da ionnsaigh fhèin;
gu robh cumhachd an Tighearna Ìosa
gur neartachadh ’na sheirbheis;
gu robh aoibhneas an Tighearna Ìosa
a’ lìonadh ur n-anama;
agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh a-nis agus sìorraidh.

Amen.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach