Clann ag Ùrnaigh

Nach i ùrnaigh bunait na h-Eaglaise? Agus nach eil a’ chlann gu sònraichte cudromach anns an Eaglais? An-diugh tha an aireamh chloinne a tha ag ionnsachadh Gàidhlig a’ meudachadh. Anns an leabhar seo tha ùrnaighean sìmplidh airson gach seòrsa leanabh, agus ’s urrainn dha feadhainn a bhith air an seinn. Bheir an leabhar beag seo brosnachadh do phàrantan agus luchd-teagaisg ann an eaglaisean, sgoiltean agus sgoiltean-àraich.

Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh ann an 1991 le Saint Andrew Press, as leth Panal an Adhradh, Eaglais na h-Alba, le dealbhan le Jacqueline Stevenson. Tha sinn ga ath-fhoillseachadh an-seo, le deasachadh aotrom air an teacsa.

Tha sinn taingeil do Fhòram airson Altraim a’ Chreideamh (Faith Nurture Forum), Eaglais na h-Alba, airson cead a thoirt dhuinn gus an leabhar ath-sgaoileadh air loidhne an-seo, agus do Chomann Bhìobhall na h-Alba airson cead gus earranan bhon eadar-theangachadh ùr dhen Tiomnadh Nuadh a chleachdadh.

Ùrnaighean maidne agus feasgar airson gach latha den t-seachdain

Ùrnaighean airson amannan sònraichte

Altachaidhean