Ge b’ e cuin a smaoinicheas no a bhruidhneas sinn mun Nollaig, ’s e a th’ againn nar n-inntinnean ach an tachartas sin a thug ceann-aimsir sònraichte gu buil, am fear tron tàinig Dia am Mac sìorraidh gus a bhith na bhall dhen chinne-daonna ann an Ìosa Crìosd. Ach chaidh Dia ceum na b’ fhaide air adhart na an tachartas fhèin. Dh’innis e dhan t-saoghal e. Mar sin, ’s i a’ cheist a-nis, ciamar a fhreagair an saoghal. Chunnaic sinn cheana mar a fhreagair na buachaillean. An t-seachdain-sa beachdaichidh sinn air freagairtean eile – an fheadhainn aig na Draoidhean, Herod Mòr, Simeon, agus luchd-treòrachaidh na h-eaglais na b’ fhaide air adhart, a leithid nan abstol, Pòl is Eòin. Bha diofar fhreagairtean acasan, a’ dol bho bhith a’ gabhail ris gus a bhith ga dhiùltadh, bho mhiann nan Draoidhean a bhith ag adhradh do dh’Ìosa gu rùn suidhichte Heroid a bhith ga sgrios. Dh’fhaodadh duine eadhon a ràdh gu bheil an Tiomnadh Nuadh uile air a dhèanamh suas de fhreagairtean do ghnìomh chumhachdach Dhè ann an Ìosa Crìosd.
Latha na Sàbaid: Tadhal nan Draoidhean
Diluain: Corraich Heroid
Dimàirt: An Teiche dhan Èipheit
Diciadain: Òran Shimeoin
Diardaoin: Teisteanas Phòil
Dihaoine: Meòrachadh Eòin
Disathairne: Dùbhlan Eòin