’S e freastal sgoinneil Dhè a th’ ann gun deach, chan e a-mhàin aon shoisgeul a thoirt dhuinn, ach ceithir (gun ghuth a ràdh mu na ‘soisgeulan gun ùghdarras,’ mar a chanar riutha, a chaidh a sgrìobhadh san dara linn airson taghadh de bheachdan diadhaireachd a chur air adhart nach robh a rèir na fìrinn). Tha Ìosa Crìosd fada ro mhòr ’s ro ghlòrmhor mar dhuine airson gum b’ urrainn do dh’aon ùghdar a ghlacadh gu tur no a dhealbh bho aon shealladh. ’S e pearsa le ceithir aodainn a th’ ann an Crìosd nan Soisgeulan, daoimean le ceithir aghaidhean. Chan eil saorsa againn nas mò a bhith a’ tionndadh nan ceithir nan aon tro bhith a’ rèiteach a-mach nan rudan a tha sònraichte anns gach fear no airson a bhith a’ tionndadh an t-aon na cheithir tro bhith a’ cur ri na tha sònraichte anns gach fear dhiubh.
Latha na Sàbaid: Mata, Pàirt 1 – Ìosa an Crìosd
Diluain: Mata, Pàirt 2 – Ìosa an t-Eadar-nàiseantach
Dimàirt: Marcas – Ìosa an Seirbheiseach a tha a’ Fulang
Diciadain: Lùcas 1 – Ìosa an Neach Eachdraidheil
Diardaoin: Lùcas 2 – Ìosa Slànaighear an t-Saoghail
Dihaoine: Eòin, Pàirt 1 – Ìosa Solas a’ Chinne-daonna
Disathairne: Eòin, Pàirt 2 – Fear-buileachaidh na Beatha