A’ Bhliadhna Ùr
Diardaoin a’ Bhrochain Mhòir
Dihaoine na Ceusta
A’ Chàisg
Aidmheint
An Nollaig
Roinn-seòrsa: Uncategorised
Eadar-ghuide choitcheann
Tha sinn a’ guidhe ort, A thighearna, ar cuideachadh ’s ar dìon.
Saor iadsan a tha air an claoidh,
Dèan tròcair orrasan a chuireadh ann an dìmeas,
Tog iadsan a tha air tuiteam,
Taisbean thu fhèin dhaibhsan a tha ann an dìth,
Slànaich iadsan a tha tìnn,
Thoir air ais iadsan a chaidh air seachran bhuat,
Biadhaich iadsan a tha acrach,
Tog suas iadsan a tha lag,
Thoir air falbh slabhraidhean nam prìosanach.
Gun robh a h-uile dùthaich a’ tighinn gus a bhith a’ tuigsinn
gur tusa Dia a-mhàin,
Gur h-e Ìosa do Mhac,
Gur h-e sinne do shluagh,
caoraich d’ ionaltraidh.
Clement na Ròimhe (c. 30-c.95)
Ùrnaighean airson na h-Eaglaise
Ministrealachd na h-Eaglaise
A Thighearna Ìosa, a shìn a-mach gàirdeanan do ghràidh air a chrann-ceusaidh, airson gum b’ urrainn dha na h-uile dhaoine tighinn air taobh a-staigh do ghlacaibh saoraidh,
sìn a-mach ann an tròcair làmhan d’ eaglais an-diugh airson ann am ministearalachd a cho-fhaireachdainn aice gun tèid sinn a-steach a rithist do rìoghachd d’ fhìreantachd agus do ghràis. Amen.
Charles Henry Brent (1862-1929)
A Dhè, a cheadaich do dh’ Eaglais a bha a’ feitheamh is aonaichte –
aig a’ Chaingeis – gibht an Spioraid Naoimh, agus a thug gu sgoinneil
a-steach do dh’aon treud
iadsan a tha a-nis ag adhradh riut an seo:
ceadaich, tha sin n a’ guidhe ort, cuideachadh an aon Spioraid sin anns a bheatha agus an adhradh againn gu lèir,
airson gun sùilich sinn nithean mòra bhuat,
agus gum feuch sinn nithean mòra air do shon,
agus nar n-aon annadsa, gun seall sinn dhan t-saoghal gun do chuir thusa a-mach Ìosa Crìosd ar Tighearna,
thuige, leat fhèin agus leis an Spiorad naomh,
gun robh a h-uile onair is glòir, saoghal gun chrìch. Amen.
William Carey (1761-1834)
A Thighearna, thoir dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, ann an ainm Ìosa
Crìosd do Mhac ar Tighearna, an gràdh sin nach urrainn stad gu
sìorraidh, a lasas ar lampaichean ach nach cuir as iad, airson gum bi
iad nan teinne annainne
agus a’ soillseachadh fheadhainn eile.
Gun
robh thusa, A Chrìosd, ar Slànaighear as gràdhaiche thu fhèin a’ lasadh
ar lampaichean airson gun deàlraich iad an còmhnaidh tuilleadh na do
theampall agus gun sealbhaich iad solas bhuat fhèin nach cuirear as, a
shoillsicheas ar dorchadas agus a lughdaicheas dorchadas an t-saoghail.
Calum Cille (521-597)
Tha mi a’ toirt taing dhut, mo Chruithear is mo Thighearna,
gu bheil thu air na h-aoibhneasan seo
a thoirt dhomh na do chruthachadh,
am mòr ghàirdeachas seo air sgàth obraichean do làimhe.
Tha mi air glòir d’ obraichean-sa a dhèanamh aithnichte –
cho fada ’s a bha mo spiorad chrìochnach
an comas do neo-chrìochnachas-sa a thuigsinn.
Ma tha mi air nì sam bith a chantainn
a tha uile-gu-lèir neo-airidh ort,
no ma tha mi air mo ghlòir fhèin a’ mhiannachadh,
thoir maitheanas dhomh, gu gràsmhor.
Amen.
Iain Ceaplair (1571-1630)
An Eaglais air feadh an t-Saoghail
A Thighearna Dia nan uile àmannan agus àiteachan, tha sinn ag ùrnaigh airson d’ Eaglais, a tha air a suidheachadh an-diugh am measg imcheistean òrduigh a tha ag atharrachadh, agus aghaidh ri aghaidh le dleastanasan ùra. Baist as ùr i ann an Spiorad beatha-bhuileachail Ìosa. Builich oirre freagairteachd mhòr a thaobh dleastanas, truas nas luaithe a thaobh fulangas, agus dìlseachd choileanta dha do rùn. Cuidich leatha ann a bhith ag aithris do rìoghachd le gaisgeachd. Cuir air a bilean soisgeul àrsaidh a Tighearna. Lìon ise le dìmeas nam fàidhean an aghaidh aintighearnas, agus le caomhalachd a tha coltach ri Crìosd dhaibhsan a tha fo eallach trom ’s air an cuir fo chasan. Iarr oirre sguir bhon a bhith a’ sireadh a beatha fhèin, mus caill i i. Dèan ghaisgeil i airson a beatha a leigeil suas dha na cinne daonna, airson, coltach ri a Tighearna a chaidh a cheusadh, gun tèid aice air a dhol suas, tro shlighe a chroinn-ceusaidh, air glòir nas àirde; tron aon Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Waltyer Rauschenbusch (1861-1918)
An Eaglais Ionadail
O, A Dhè thròcairich,
beannaich an Eaglais shònraichte seo anns a bheil mi beò;
thoir dhith – agus do na buill aice gu lèir –
gun robh iad fallainn ann an creideamh,
is naomh ann am beatha,
airson gun dèan iad seirbheis dhutsa,
agus gum beannaicheadh tusa iadsan,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
Gun urra
Misean is Miseanaraidhean
O A Dhè nan uile dhùthchannan a th’ air an talamh,
cuimhnich air nam mòran phàganaich
– ged a chaidh an cruthachadh nad ìomhaigh –
nach do chuir eòlas ortsa,
no bàs do Mhic, an Slànaighear Ìosa Crìosd;
agus ceadaich gun robh iadsan,
tro ùrnaighean is saothair Eaglais naomh,
air an saoradh bhon a h-uile saobh-chràbhadh is ana-creideas
agus air an toirt gus a bhith ag adhradh riutsa;
troimheasan a chuir thusa a-mach airson a bhith
na aiseirigh agus na bheatha dha na h-uile dhaoine,
an t-aon Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Francis Xavier (1506-52)
Aonachd na h-Eaglaise
A Thighearna, mo Dhia, tha thusa air còisirean nan aingeal
agus na cumhachdan spioradail a chruthachadh;
tha thu air na nèamhan an sìneadh a-mach ’s air an t-saoghal a stèidheachadh, a’ cruthachadh a h-uile ni a th’ann à neoni.
Bidh thu gan cluinntinn-san a tha umhail ri do rùn
agus a tha a’ glèidheadh d’ àithntean ann an eagal naomh.
Cluinn m’ ùrnaigh agus dèan dìon air do shluagh chreidmheach,
oir tha thu air mise a’ stèidheachadh mar an seirbhiseach
mhi-fhreagarrach agus neo-airidh aca.
Dèan aithnichte do shluagh airson aonadh is aidmheil na creideamh aca.
Deachdaich cridheachan do shluaigh le d’ fhacal agus le do theagasg. Tha thusa air ar gairm gus a bhith a’ searmonachadh an t-soisgeuil
aig do Chrìosd-sa agus gus a bhith gan misneachadh
gu beathanan agus obraichean a thoilicheadh tu fhèin.
Tha mi a-nis a’ toirt air ais do shluaigh, do thiodhlac thugamsa.
Treòraich iad le do dheas-làimh chumhachdaich,
agus dèan dìon orra fo sgàile do sgèith.
Gun robh na h-uile a’ moladh agus a’ glòireachadh d’ ainm,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh. Amen.
Cyril à Alexandria (378-444)
A Dhè na sìthe, math thairis a h-uile nì a tha math,
anns a bheil ciùineas agus co-chòrdadh:
slànaich na co-strìdhean a tha gar roinn bho càch a chèile,
agus thoir sinne gu aonadh a ghràidh annadsa;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Naomh Dionysius
O a Dhè uile-chumhachdaich, a tha air d’ Eaglais a thogail air bunaitean nan abstol agus na fàidhean, le Ìosa Crìosd e fhèin an ceann chlach-oisinn: ceadaich dhuinne gun robh sinn air ar ceangal ri chèile chun a leithid de dh’ìre ann an aonachd spioraid tro an teagasg-san is gum bi sinn air ar dèanamh nar teampall naomh, ris an gabhadh tusa, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Luchd ath-leasachadh Shasainn (1549)
A Dhè, bheannaich is glèidh d’ Eaglais
air a sgaradh thairis air aghaidh na talmhainn.
Dèan suas as ùr aonadh is co-chòrdadh innte,
ann an aideachadh na fìrinn
agus ann an gnìomhachadh na fìreantachd.
Thoir air falbh a-mach aiste
na h-uile mhearachdan agus comhstrìdhean,
airson nach bi iadsan a tha ag aideachadh an aon chreideamh tuilleadh a dèanamh geur-leanmhainn an aghaidh, no a’ sgrios, a chèile,
mar a tha iomchaidh do bhràithrean is iadsan a tha nan oighreachdan dhen aon t-slàinte chumanta.
Amen
An Rìgh Uilleim III (1650-1702)
Crìosdaidhean a’ fulang geur-leanmhainn
A Dhè an uile-chumhaichd, ghairm thusa – bho bhàs –
aoghaire Mòr nan caorach, ar Tighearna Ìosa:
cofhurtaich agus dèan dìon air an treud a dh’ ath-cheannaich esan tro fhuil a choicheangail shìorraidh.
Meudaich an àireamh de dh’ fhìor shearmonaichidhean;
soillsich cridheachan nam muinntir a tha aineolach;
thoir faochadh bho chràdh dhaibhsan a tha a’ fulang,
gu h-àraid iadsan a tha a’ fulang air sgàth teisteas na fìrinn;
tro chumhachd ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Iain Knox (c. 1513-1572)
A Thighearna Dia uile-chumhachdaich, Athair do Mhic ghràdhaichte agus bheannaichte Ìosa Crìosd, troimhe a tha sinn air eòlas fhaighinn ort, Dia nan ainglean agus nan cumhachdan, agus dhen a h-uile creutair, agus dhe treubh na fìreantaich a tha beò mu do choinneamh, tha mi a’ toirt taing dhut gu bheil thu air mise a chunntadh airidh air an là seo ’s an uair seo, gum biodh pàirt agamsa ann an àireamh do mhartaraich, ann an cupa do Chrìosd, gu aiseirigh na beatha shìorraidh, an dà chuid de dh’ anam agus de bhodhaig, tron neo-thruailleachd a bhuilich an Spiorad Naomh.
Am measg a leithid gum bithinn-sa air mo lorg freagarrach an là seo mu do choinneamh mar ìobairt reamhar agus iomchaidh, a rèir mar a tha thusa, an t-aon as e an Dia a tha an còmhnaidh fìrinneach, air a ro-òrdachadh, a tha air a thaisbeanadh roimhe làimh riumsa, agus a tha a-nis air a choileanadh. Airson na h-uile nithean tha mi ga do mholadh, tha mi gad bheannachadh, tha mi gad ghlòireachadh, cuide ris an Ìosa Crìosd sìor-mhaireannach agus nèamhaidh, do Mhac gràdhach, leis a leithid, thugadsa ’s an Spiorad Naomh, gum biodh glòir an dà chuid an-dràsta agus gu na h-uile aoisean a tha a’ tighinn.
Polycarp (c. 69 – c. 155)
Bàs Seanmhar no Seanair
A Dhè, bha mi a’ gal gun sguir nuair a fhuair
Granaidh/ Seanair bàs,
oir bha gaol mòr agam oirre/ air
is tha mi ga h-ionndainn/ ionndrainn.
Ach tha fios agam gu bheil i/ e a-nis còmhla ri Crìosd
air nèamh is tha sin gam dhèanamh toilichte.
Tha ag ùrnaigh gum bi ar teaghlach uile air nèamh
latha-eigin le Granaidh/ Seanair còmhla ri Crìosd.
Amen.
Beubaidh ùr
Athair air nèamh, tha sinn a’ toirt taing dhut
airson a’ bheubaidh bhig a thug dhu dhuinn.
Bha sinn cho toilichte nuair a thàinig e/i dhachaigh
as an ospadal còmhla ri Mamaidh.
The e/i cho bòidheach is tha gaol againn air/oirre.
Cuidich leinn cùram a ghabhail dheth/dhith.
Cùm e/i sàbhailte fad a bheatha is ar teaghlach gu lèir.
Amen.
Ùrnaigh airson an Fhoghair
Taing dhut, a Dhè, airson toradh na talmhainn,
airson obair nan croitearan agus an tuathanach.
Taing dhut airson toradh na mara,
airson obair nan iasgairean.
Taing dhut airson a h-uile rud a tha a’ fàs air an talamh:
craobhan, lusan, flùraichean;
airson nan rudan luachmhor a gheibh sinn an talamh:
mòine, gual.
Taing dhut airson nam beannachdan a thig as a’ chuan:
iasg is maorach, ola agus gas.
Cuidich sinn ach an dèan sinn feum de na rudan a tha sinn a’ faighinn,
agus gun cuimhnich sinn air an fheadhainn anns an dùthaich seo
agus ann an tìrean eile
aig nach eil na beannachdan a tha againne.
Amen.
Disathairne
Madainn
Aig an àm sin fhèin rinn Ìosa gàirdeachas anns an Spiorad Naomh, agus thuirt e, “Tha mi a’ toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh’fhalaich thu na rudan sin o dhaoine glic is tuigseach, agus gun do dh’fhoillsich thu iad do leanabanan. Seadh, Athair, oir b’ e a leithid sin do rùn gràsmhor‑sa. (Lùcas 10: 21)
A Dhè, ar n-Athair a tha air nèamh,
thoir dhomh slàinte dom chorp,
slàinte dom inntinn,
slàinte dom anam.
Tha mi a’ tighinn thugad, ag iarraidh neart ach am bi nas fheàrr an-diugh na bha mi an-dè. Seall dhomh do thoil ann an smuain, ann am facal, agus ann an gnìomh.
Amen.
Feasgar
Dia guma beannaicht’ gu robh e,
tha dòrtadh oirnn gach lò
A thìodhlacan; ’s e Dia ar slàint’,
an Dia a chùm sinn beò. (Salm 68: 19)
Athair nèamhaidh, taing dhut airson saorsa agus toileachas an latha an-diugh. Tha mi sàbhailte nad làimh a-nochd. Ullaich sinn gu bhith gad mholad còmhla a-màireach, do latha naomh, latha aoibhneachd na h-aiseirigh.
Amen.
Diardaoin
Madainn
Le seo aithnichidh na h‑uile gur sibh mo dheisciobail‑sa, ma bhios gràdh agaibh dha chèile. (Eòin 13: 35)
A Dhè, tha mi cho toilichte gu bheil gràdh agad air na h-uile. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil gràdh agad orm fhèin. Tha gràdh agad dhomh nuair a bhios mi a’ cluich, agus nuair a bhios mi fhèin agus mo chompanaich rèidh agus a’ cuideachadh a chèile. Cha do sguir thu gam ghràdhachadh an latha a bha mi crosta agus mi-fhoidhidneach. Thoir dhomh an cridhe a bha aig Ìosa a thug toileachas do na h-uile a thachair ris.
Amen.
Feasgar
Thigibh thugamsa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm‑eallaich, agus bheir mise fois dhuibh. (Mata 11: 28)
A Dhè, a tha làn gràidh, èist ri m’ ùrnaigh.
Ma rinn sinn rudan a chuireas nàire oirnn, seall dhuinn an dòigh cheart.
Taing dhut gu bheil an gràdh a bha gar cuartachadh fad an latha a’ dol còmhla rinn gu fois na h-oidhche.
Amen.
Latha na Sàbaid
Madainn
[Chan eil an còrr a dhìth orm ach gum bi] eòlas agam airsan ’s air cumhachd na h‑aiseirigh aige. (Philinianaich 3: 10)
A Dhè ghràsmhòr, tha do chlann a’ cuimhneachadh an-diugh le taingealachd air aiseirigh do Mhic, Ìosa Crìosd, on uaigh. Tha mise toilichte gu bheil e beò còmhla rium, gam chuartachadh le a ghràdh. Neartaich mi tre adhradh agus aoibhneas an latha seo gu bhith a’ leantainn Ìosa gun nàire.
Amen.
Ar n-Athair a tha air nèamh,
Gu naomhaichear d’ ainm.
Thigeadh ro rìoghachd.
Dèanar do thoil air an talamh, mar a nithear air nèamh.
Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil.
Agus maith dhuinn ar fiachan,
mar a mhaitheas sinn dar luchd-fiach.
Agus na leig ann am buaireadh sinn,
ach saor sinn o olc;
Oir leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir,
gu sìorraidh.
Amen.
Feasgar
Mar sin, air feasgar an latha sin fhèin, air a’ chiad latha dhen t‑seachdain… thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh!” (Eòin 20: 19)
Taing dhut, Athair, gu bheil Ìosa, do Mhac, beò, agus gu bheil e còmhla rium an-dràsta, nas fhaisge orm na làmh is cas agus nas dlùithe dhomh na m’ anail.
Air sgàth sin, chan eil eagal orm, agus gabhaidh mi fois tron oidhche. A Dhè, èist ri m’ ùrnaigh ann an ainm Chrìosd.
Amen.
Ùrnaighean
Ùrnaighean a bharrachd a dh’fhaodas a bhith air an cleachdadh leis na h-òrdaighean a gheibhear anns an leabhar seo.
Ùrnaighean airson seirbheisean na Sàbaid
Moladh
A Thighearna ar Dia,
tha iongantais a’ chruthachaidh,
òidhearcas nan nèamh,
àilleachd na talmhainn,
an t-òrdugh agus am beairteas a chì sinn ann an nàdar,
gu lèir a’ cur an cèill do ghlòire.
Tha teachd do Mhic,
làithearachd do Spioraid,
co-chomann d’Eaglaise,
a’ taisebeanach dhuinn mìobhrail do ghràidh.
Tha sinn a’ toirt adhraidh agus molaidh dhut,
a Dhè ghràsmhoir agus ghlòrmhoir,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Aideachadh
A Dhè na beatha,
deònaich dhuinn do mhaitheanas.
Tha sinn air a bhith mì-chùramach nar smuaintean,
an-iochdmhor nar briathran,
mì-iomchaidh nar gnìomharan.
Tha sinn caoin-shuarach mu chor an t-saoghail
agus na tha ann de uireasbhaidh agus de ana-caitheamh;
bidh sinn a’ gabhail seachad air an taobh eile
agus sinn a’ faicinn ar coimhearsnaich ann an dìth;
bidh sinn a’ dol air seachran o shlighe na sìthe
gu slighean eile a tha taitneach leinn fhèin.
A Dhè na beatha,
deònaich dhuinn do mhaitheanas.
Amen.
* * *
A Dhè na tròcair agus a’ ghràidh,
ann an irioslachd cridhe
tha sinn ag aideachadh ar peacaidhean.
Bidh sinn a’ dèanamh dìochuimhne agus dearmaid
air gràdh agus seibheis a thoirt dhut,
agus bidh sinn a’ dol air faondradh o do shlighe.
Tha sinn mì-chùramach mun t-saoghal chruthaichte
agus bidh sinn a’ cur a bheatha ann an cunnart.
Bidh sinn a’ còmhradh mun chùram a tha againn do chàch,
ach cha bhi ar gnìomharan a rèir ar briathran.
Sàmhchair
Neach aig ceann na h-ùrnaigh: A Thighearna, dèan tròcair.
Uile: A Chrìosd, dèan tròcair.
Neach aig ceann na h-ùrnaigh: A Thighearna, dèan tròcair.
Sàmhchair
Uile:
A Dhè thròcairich,
maith dhuinn ar peacaidhean,
treòraich sinn chun na beatha maireannaich,
tre Ìosa Crìosd
do Mhac, ar Slànaighear.
Amen.
* * *
A Dhè ghràsmhoir,
ann an co-chomann do shluaigh,
tha sinn ag aideachadh dhut ar peacaidhean.
Tha sinn air a bhith feargach agus mì-fhoighidneach,
a’ gearan mu mhearachdan chàich,
gun a bhith a’ toirt fa-near ar fàilingidhean fhèin.
Tha sinn air a bhith as-creidmheach agus neo-airidh,
a’ dèanamh dìochuimhne air an neart
a tha Thusa a’ cur nar tairgse
agus a’ cur ar n-earbsa nar neart fhèin.
Sàmhchair
A Dhè na tròcair,
gheall Thu maitheanas a thoirt dhaibh-san
air a bheil fìor aithreachas.
Cuidich leinn gu bhith a’ gabhail ri do mhaitheanas,
agus dèan còmhnaidh annainn tre do Spiorad;
air sgàth
Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Taingealachd
A Thighearna na beatha,
ghairm Thu sinn an cuideachd a chèile
ann an ainm Ìosa Crìosd:
annsan agus trìd-san, tha sinn a’ toirt molaidh dhut.
Airson tìodhlac do Mhic, ar Slànaighear,
a rugadh mar leanabh,
a thàinig gu ìre,
a theagaisg d’fhìrinn,
a shlànaich na h-euslaintich,
a nochd càirdeas do pheacaidh,
a chaidh a cheusadh air Calbhari,
air èirigh, air àrdachadh, agus maille rinn gu sìorraidh:
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.
Airson gach nì a tha Thu a’ tairgsinn dhuinn ann an Crìosd,
airson treòrachadh an Spioraid Naoimh,
airson ar baistidh ar fàis ann an creideamh,
airson a’ bheathachaidh a gheibh sinn
ann am Facal agus ann an Sàcramaid,
airson ar co-chomainn ri càch anns an Eaglais,
anns an àite seo agus air feadh an t-saoghail;
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.
Airson nan tìodhlacan a gheibh sinn bhuatsa
a tha a’ cur cumaidh air ar beatha,
airson tàlantan na h-inntinn, na sùla agus na làimhe,
airson gach cothroim gu bhith a’ dèanamh seirbheis,
air an son-san a tha a’ toirt gràidh agus sòlais dhuinn,
air an son-san air a bheil sinn a’ cur luach
mar choimhearsnaich agus mar chàirdean:
Uile: A Thighearna, o ar cridhe tha sinn a’ toirt taing dhut.
Thoir gràs dhuinn, tha sinn ag ùrnaigh,
ach an gabh sinn ri do thìodhlacan le aoibhneas
agus gun cleachd sinn iad le fialaidheachd
a chum do ghlòire agus do mholaidh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
* * *
Tha sinn gad mholadh, a Dhè;
tha sinn a’ toirt taing dhut,
a Dhè nàdair agus a Dhè nan gràs,
oir is ann bhuatsa tha gach nì math a’ tighinn.
Airson an t-saoghail a chruthaich Thu
le a sheallaidhean iongantach,
le ràithean eadar-dhealaichte na bliadhna,
le a bheatha anns a bheil lànachd;
airson na beatha a thug Thu dhuinne
le a cothroman agus a dleasdanais,
rudan àbhaisteach agus mì-àbhaisteach;
airson ar n-eachdraidh agus ar dualchais,
airson gach ionmhas taisgte ann an sgrìobhadh
agus ann am beul-aithris;
airson gràdh agus cùram ar dachaighean;
airson a’ bhìdh a bhios sinn ag ithe,
airson a’ chàirdeas air am bi sinn a’ cur luach,
airson slàinte cuirp agus inntinn;
airson fialaidheachd do fhreasdail,
tha sinn gad mholadh,
agus a’ beannachadh d’ainm naoimh.
Tha sinn gad mholadh aig an àm shuidhichte
gun do chuir Thu do Mhac, a rugadh o mhnaoi,
gu bhith beò agus ag obair anns an t-saoghal againne,
gu bhith a’ sireadh agus a’ teàrnadh an nì a bha caillte,
gu bhith ag èirigh le buaidh air a’ bhàs,
agus gu bhith a riaghladh aig do dheas-làimh gu sìorraidh.
Tha sinn a’ toirt taing dhut
gun do chuir Thu do Spiorad Naomh
chun na h-Eaglaise agus chun an t-saoghail,
gu bhith a’ treòrachadh a-dhum na fìrinn,
gu bhith a’ nochdadh slighe a’ mhaitheis,
gu bhith a’ meudachadh am measg gach sluaigh
spiorad na tuigse agus na co-fhaireachdainn.
Dèan airidh sinn air do mhaitheas.
Fosgail ar cridhe
gu bhith a’ toirt gràidh agus molaidh dhut,
agus cuidich leinn,
ach am bi sinn an còmhnaidh beò a-chum do ghlòire;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna,
a tha beò agus a’ riaghladh
maille riutsa agus maille ris an Spiorad Naomh,
aon Dia, a-nis agus gu sìorraidh.
Amen.
Eadar-ghuidhe
A Dhè ghràsmhor,
a’ dèanamh gàirdeachas na do bheannachdan,
agus ag earbsa as do chùram gràdhach do na h-uile,
tha sinn a’ tighinn le ar n-ùrnaighean airson an t-saoghail.
Tha sinn ag ùrnaigh airson an t-saoghail chruthaichte:
air an son-san a tha a’ dèanamh obair chàraidh
far a bheil nithean air am milleadh;
air an son-san a tha a’ cogadh
an aghaidh acrais, bochdainn, agus tinneis;
air an son-san aig a bheil comas agus cumhachd
cùisean a leasachadh
agus dòchas ath-nuadhachadh.
Sàmhchair
Ann am beatha an t-saoghail
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.
Tha sinn ag ùrnaigh as leth ar dùtcha:
airson na Ban-rìgh agus a theaghlaich;
air an son-san a tha a’ dealbh lagh na rìoghachd;
air an son-san a tha a’ gleidheadh na sìthe
agus a’ cur an gnìomh an lagha;
air an son-san a tha a’ teagasg,
air an son-san a tha a’ leigheas,
airson nan uile
a tha a’ dèanamh seirbheis don choimhearsnachd.
Sàmhchair
Ann am beatha ar dùthcha
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.
Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile a tha ann an trioblaid:
air an son-san aig a bheil àmhghar ’nam beatha;
air an son-san a tha air an cuartachadh le neòil dhorcha
mar thoradh air bàs no call sam bith,
mar thoradh air cràdh no ciorram,
mar thoradh air eagal no mealladh-dùil,
mar thoradh air tàmailt no diùltadh.
Sàmhchair
Ann am beatha nan daoine a tha ann an trioblaid
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.
Tha sinn ag ùrnaigh as leth
ar càirdean agus luchd ar gràidh:
clann agus pàrantan;
peathraichean agus bràithrean;
luchd-eòlais agus nàbaidhean;
airson nan uile a tha nar smauintean an-diugh.
Sàmhchair
Ann am beatha luchd ar gràidh
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.
Tha sinn ag ùrnaigh airson na h-Eaglaise
ann a bhith a’ seasamh còraichean nam bochd,
ann a bhith a’ gràdhachadh nan dìobarach,
ann a bhith a’ frithealadh do luchd-tinneis,
ann a bhith a’ craodh-sgaoileadh an t-Soisgeil,
anns an dùthaich seo, anns an àite seo.
Sàmhchair
Ann am beatha d’Eaglais
Uile: gun tigheadh do rìoghachd, a Thighearna, agus do thoil-sa gu robh dèante.
Amen.
* * *
A Dhè thròcairich,
thug Thu seachad d’aon-ghin Mhic,
a chionn gu robh gràdh cho mòr agad don t-saoghal.
Tha sinn ag ùrnaigh airson sìth an t-saoghail.
Gluais nar measg le do Spriorad,
ach am bi na gàrraidhean
a tha eagal agus amharas agus fuath a’ togail
air an leagail gu làr.
Slànaich na roinnean
a tha ann an teaghlach a’ chinne-daonna,
agus dlùthaich iad ri chèile
le bannan a’ cheartais agus na sìthe.
Tha sinn ag ùrnaigh as le ar rìoghachd.
Beannaich a beatha gu lèir;
neartaich cumhachdan na fìrinn agus a’ mhaitheis;
deònaich gum bi sinn fialaidh le ar cuid,
ach am bi iadsan a tha a’ fulang le bochdainn
a’ faighinn aoibhneis agus misneachaidh.
Tha sinn ag ùrnaigh airson nan uile a tha a’ fulang.
Cuartaich iad le do ghràdh,
neartaich iad le do chumhachd,
beannaich iad le do chofhurtachd
agus thoir dhaibh dòchas agus misneachd
nach buin dhaibh fèin.
Tha sinn ag ùrnaigh airson ar teaghlaichean,
agus luchd ar gràidh gu lèir.
Gum biodh do dhìon thairis orra ’nan daichaighean:
cùm suas iad nuair a thig trioblaid agus iomagain,
ach am bi iad a’ fàs còmhla
ann an gràdh agus ann an tuigse,
a’ cuideachadh a chèile.
Tha sinn ag ùrnaigh airson na h-Eaglaise.
Cùm i dìleas don t-Soisgeul;
gum biodh i mothachail air feuman nan uile
agus a’ cleachdadh nan tàlantan a tha aig daoine.
Deònaich gum bi i a’ dèanamh fianais
air do chumhachd gu bhith a’ tèarnadh ann an Ìosa Crìosd,
le a creideamh,
a h-adhradh,
agus a beatha.
Amen.
Ùrnaighean airson seirbheis phòsaidh
Ro na bòidean
A Dhè ghràsmhoir,
tha sinn gad mholadh agus a’ toirt taing dhut
airson gach tìodhlaic a tha Thu a’ buileachadh oirnn
ann am maitheas agus ann an gràs.
Tha sinn gad mholadh airson tìodhlac a’ ghràidh
a tha a’ ceangal ar teaghlaichean ri chèile,
a’ beannachadh ar beatha,
agus a bhios gar cuartachadh rè ar làithean.
Gu sònraichte tha sinn a’ toirt taing dhut
airson a’ ghràidh a tha a’ gabhail còmhnaidh
agus a tha a’ fàs ann an cridhe A… agus B…,
agus airson an aoibhneis agus na h-earbsa
a thug an seo iad.
Ann an cùmhnant a’ phòsaidh
gum biodh an t-aoibhneas sin air a dhaingneachadh
agus an earbsa sin air a neartachadh,
agus gum biodh Spiorad do ghràidh
a’ naomhachadh an sòlais
agus a’ neartachadh an gràidh da chèile.
Treòraich iad le do ghràs,
cuartaich iad le do làthaireachd,
agus cùm iad na do ghràdh;
tre Ìosa Crìosd at Tighearna.
Amen.
An dèidh nam bòidean
A Dhè ro nàoimh,
moladh dhut
gun tugadh an t-sochair seo dhuinn
compàirt a bhith againn còmhla ri A… agus B…
ann an aoibhneas an là shònraichte seo.
Tha sinn ag ùrnaigh gum bi na beannachdan
a thug Thu dhaibh
gan neartachadh fad am beatha còmhla,
agus gum bi an gràdh a tha aca da chèile
a’ fàs mar a tha na bliadhnachan a’ dol seachad.
Dèan faire air a’ chùmhnant a rinn iad,
agus dèan làidir iad ’na do ghràdh naomh.
Athair ghràdhaich,
beannaich an dachagih agus glèidh i o olc.
Gum biodh i ’na dachaigh
anns a bheil Crìosd
air ‘aideachadh agus air a ghràdhachadh,
’na dachaigh anns a bheil a ghràdh iomlan-san
a’ tilgeil a-mach an eagail,
anns a bheil a chrann-ceusaidh-san
a’ dèanamh rèite agus sìthe.
Gum biodh i ’na h-àite anns am faighear fàilte bhlàth
agus frithealadh gràdhach sona.
Ma bhios clann air am buileachadh orra
mar thìodhlac agus mar oighreachd,
gum biodh iad ’nam pàrantan glice agus gràdhach.
Deònaich do A… agus B…
gach nì air a bheil iad a’ cur feum,
agus an cois gach beannachd thoir dhaibh cridhe fialaidh
agus spiorad coibhneil.
A Dhè neo-chaochlaidich,
cuimhnich ’na do ghràdh
air gach teaghlach dam buin sinn.
Deònaich gum bi iadsan a thug bòidean pòsaidh
da chèile anns na làithean a dh’fhalbh
gan ath-nuadhachadh an-diugh.
Treòraich sinn tron bheatha seo, a Dhè.
Agus an dèidh dhuinn seirbheis a dhèanmah dhut
nar là agus nar linn,
thoir sinn a-steach a dh’ionnsaigh do ghlòire,
ach am bi sinn air àireamh na muinntir sin
a tha air an cuireadh gu suipear-bainnse an Uain,
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Ùrnaighean airson seirbheis thìodhlacaidh
A Dhè bheò,
tha Thu a’ soillseachadh an là le solas na grèine
agus a’ mheadhain-oidhche leis na reultan dealrach.
Soillsich ar cridhe le gathan deàrrsach
Grian na Fìreantachd
air èirigh le slàinte ’na sgiathan,
Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Cùm sinn a’ dèanamh do thoile,
ach am bi sinne fa-dheòidh a’ dealradh
mar na reultan fad saoghal nan saoghal;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
* * *
Athair nèamhaidh,
cha do chruthaich Thu sinn airson dorchadais agus bàis,
ach gu bhith beò maille riut gu sìorraidh.
As d’aonais-sa chan eil adhbhar dòchais againn;
ma tha Thus maille rinn, chan eil adhbhar eagail againn.
Labhair rinn a-nis braithran na beatha maireannaich.
Tog sinn os cionn gach adhbhar imcheist agus cionta
gu solas agus sìth do làithearachd,
agus cuir glòir do ghràidh far comhair;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
* * *
A Dhè Uile-chumhachdaich,
is Tusa ùghdar gach bith agus fear-tabhairt na buadha.
Tha Thu a’ saoradh ar sùilean o dheòir,
ar casan o shleamhnachadh,
agus ar n-anam on bhàs.
‘Na do ghràdh don t-saoghal
chuir Thu do Mhac mar ar Fear-saoraidh.
Bha E beò mar a tha sinne,
ghiùlain E air doilgheasan,
agus dh’fhuiling E bàs a’ chrainn-cheusaidh nar n-àite.
Thug Thu air ais o na mairbh E
le cumhachd agus glòir,
agus thug Thu dha làn-ùghdarras
air nèamh agus air thalamh.
Tha sinn a’ toirt taing dhut do cheannsaich E
am peacadh agus am bàs air ar son,
agus gun do dh’fhosgail E geata na beatha maireannaich.
Tha sinn gad mholadh airson cuideachd mhòr
nan creidmheach
a thug Thu tron bhàs
gu bhith a’ faicinn do ghnùise ann an glòir;
agus air an son-san de àireamh nan naomh
air an robh eòlas agus meas againn,
gu h-àraidh do sheirbheiseach A…
Tha sinn gad mholadh
airson nan cuimhneachadn caomh agus prìseil
a dh’fhàg e as a dhèidh.
Ar Dia agus ar n-Athair,
tre do dhèiligidhean rinn,
ann an aoibhneas no ann am bròn,
tarraing sinn nas dlùithe da chèile
agus nas dlùithe dhut fhèin.
Cuidich leinn a bhith a’ coiseachd
am measg nithean an t-saoghail seo
agus ar sùilean fosgailte gu bhith a’ faicinn do ghlòire.
Thoir dearbh-chinnt dhuinn nuair a bhios sinn fo bhròn
gu bheil Thusa fhathast gar gràdhachadh,
nuair a bhios sinn ag imeachd anns an dorchadas
gu bheil Thusa fhathast gar treòrachadh,
agus ann an gleann sgàile a’ bhàis
gu bheil Thusa a’ toirt dhuinn beatha a tha sìorraidh.
Tha sinn a’ tilgeil air uchd do chùraim
gach neach aig a bheil bròn agus ionndrainn,
gu sònraichte B… agus C… agus buill an teaghlaich air fad.
Cùm suas iad anns an àm air thoiseach
le cuimhneachain phrìseil air na làithean a dh’fhalbh
agus dòchas soilleir fa chomhair na h-aimsir ri teachd.
Agus treòraich sinn uile fa-dheòidh gu lànachd beatha
ann an cuideachd do naomh ann an rìoghachd nèimh;
tre Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Aig an uaigh
A Dhè a’ ghràis agus na sìthe,
’na do Mhac Ìosa Crìosd,
thug thu dhuinn ùr-breith gu dòchas beò.
Neartaich sinn a-nis
ach am bi sinn beò ann an cumhachd na h-aiseirigh,
agus cùm sinn ann an co-cheangal
ri ar caraid nach maireann
agus ri do shluagh gu lèir air nèamh agus air thalamh,
gun am bàs a bhith comasach air ar sgaradh o chèile.
Oir tha Thusa beò agus’ riaghladh gu sìorraidh.
Amen.
Am Beannachadh
A bharrachd air na faclan beannachaidh a gheibhear aig crìch nan seirbheisean anns an leabhar seo, faodar an fheadhainn a leanas a chleachdadh cuideachd.
Gun coimheadadh sìth Dhè,
a tha thar gach uile thuigse,
ur cridhe agus ur n-inntinn ann an Ìosa Crìosd.
Agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumhachdaidh,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh a-nis agus gu sìorraidh.
Amen.
* * *
Agus a-nis gun dèanadh Dia na sìthe,
a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Ìosa,
àrd-bhuachaille nan caorach,
tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,
sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair,
a-chum sibh a dhèanamh a thoile-san,
ag obrachadh annaibh
an nì a tha taitneach ’na làthair-san,
tre Ìosa Crìosd;
dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal.
Amen.
* * *
Gu robh gràdh an Tighearna Ìosa
gur tarraing da ionnsaigh fhèin;
gu robh cumhachd an Tighearna Ìosa
gur neartachadh ’na sheirbheis;
gu robh aoibhneas an Tighearna Ìosa
a’ lìonadh ur n-anama;
agus gu robh beannachadh Dhè Uile-chumachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
maille ribh a-nis agus sìorraidh.
Amen.